Ann an Alba, bidh sinn a' caitheamh mu 988,000 tunna biadh is deoch gach bliadhna. Carson a tha sin agus ciamar a chuireas sinn stad air?
Carson a bhios sinn a' caitheamh biadh?
Bidh mòran againn a' ceannach barrachd bìdh na dh'fheumas sinn, a' còcaireachd barrachd na dh'itheas sinn agus cha bhi sinn ga chleachdadh mus bi an deit aige seachad.
Dè tha cho dona mu chaitheamh bìdh?
- Nuair a bhios biadh ga fhĂ s no ga dhèanamh, bidh e a' cosg stòrasan nĂ darra mar uisge agus ±ôĂąłŮłó. Tha buaidh aig an seo air atharrachadh na gnĂ th-shìde.
- Ann an cuid de dhùthchannan, tha daoine leis an acras seach nach eil biadh gu leòr aca.
- Bidh sinn a' cosg tòrr Ăąľ±˛Ô±đ a' dol a cheannach biadh agus ga dheasachadh.
- Tha caitheamh bìdh a' cosg airgead dhuinn.
- Glè thric, bidh sgudal bìdh ga chur dhan talamh. Chan eil sin math dhan phlanaid.
Beachdan airson sgur a chaitheamh biadh
- Dèan plana – bruidhinn mu na dinnearan a bu toigh leat fad na seachdain agus na ceannaich ach na stuthan a dh'fheumas tu.
- Liosta airson na bùtha – thoir leat liosta dhan mhòr-bhùth agus cùm rithe. Na ceannaich cà il ach na dh'fheumas tu.
- Ceannaich measan is lusan le cruthan neònach – glè thric bidh stuth le cruth neònach air fhà gail sa mhòr-bhùth. 'S dòcha gu bheil coltas beagan eadar-dhealaichte air, ach tha am blas aige a cheart cho math!
- Ceannaich biadh gun mòran Ăąľ±˛Ô±đ air fhĂ gail aige – feumaidh bĂąithtean biadh a shadail Ă s nuair a thèid an deit aige seachad. Bidh iad uaireannan a' leagail na prìs aige airson a reic luath. Cuiridh e stad air caitheamh, agus caomhnaidh tu airgead, ma dh'itheas tu e mus bi an deit seachad.
- Stòr biadh san dòigh cheart – còmhdaich cà ise agus cùm fionnar e. Cùm aran ann an à ite fionnar, dorcha gus nach tig clòimh-liath air. Na cùm biadh sa bheil tòrr gas, mar abhocadothan agus bananathan còmhla ri measan eile oir bheir iad orra a dhol a dhìth nas luaithe.
- ąó°ůì´Ç˛ő – cĂąm biadh sa frìosair airson a chumail Ăąr agus cleachd e uaireigin eile.
- Cleachd a h-uile sgath bìdh – cleachd a h-uile cà il a th' agad mus tèid thu a cheannach a-rithist. Faodaidh tu corran a ghabhail airson lòn, no aran banana a dhèanamh le bananathan a tha ro abaich, gus nach tèid iad dhan sgudal.
- Todhar gà rraidh – cuir corran mheasan is lusan ann am biona todhar gà rraidh mas urrainn dhut.
1 of 8
Dè th' ann an todhar gà rraidh?
Tha todhar gà rraidh air a dhèanamh bho stuth organaig (sgudal lusan) a bhriseas sìos gu nà darra agus a thèid na ùir là n mathachaidh. Tachraidh seo ann an dùn todhar gà rraidh, no ann am biona, fhad 's a gheibh an èadhar air cuairteachadh agus gun drèan uisge air falbh.
Na chuireas tu dhan bhiona todhar gĂ rraidh
- measan is lusan a tha a' lobhadh
- feur air a ghearradh
- stuth Ă s a' ghĂ rradh, mar biorain agus duilleagan tioram
- plaosgan uighean
- pocannan-teatha agus pònair cofaidh air am bleith
Thar Ăąľ±˛Ô±đ, lobhaidh am measgachadh seo, agus bidh todhar gĂ rraidh agad. Faodaidh tu an uair sin an Ăąir bheairteach seo a chleachdadh airson biadh fhĂ s dhut fhèin. Airson tòiseachadh, tha leiteas, currain agus uinneanan furasta.
Cha bu chòir sgudal bathar bheathaichean mar feòil, geir no bathar bainne a chur ann am biona todhar gà rraidh oir bidh na biadhan sin a' briseadh sìos ann an dòigh eadar-dhealaichte.
Feuch na ceistean seo agus faigh a-mach nas aithne dhut mu chaitheamh bìdh.
More on Biadh agus slĂ inte
Find out more by working through a topic
- count10 of 10
- count1 of 10
- count2 of 10
- count3 of 10