±«Óătv

Gheibh sinn an lùth gu lèir air a bheil feum againn bho bhiadh agus bho dheoch.

Dè th' ann an Reat Bunasach Meatabolach? (Basal Metabolic Rate - BMR)

Bidh mu leth dhen lĂąth a bhios sinn a' faighinn bho bhiadh ga chosg air rudan mar:

  • ´ÚĂ ˛ő
  • leigheas
  • smachd air teòthachd ar bodhaig

Canar fuincseanan bodhaig riutha sin agus bidh sinn gan tomhas le Reat Bunasach Meatabolach (BMR).

Tha BMR na thomhas air an lĂąth a dh'fheumas a' bhodhaig airson obrachadh nuair a tha sinn aig fois. 'S e rud iongantach a tha sa bhodhaig. FiĂą 's nuair a tha sinn aig fois, tha ar bodhaig fhathast trang air an taobh a-staigh agus feumaidh sin lĂąth. Chan eil an aon BMR aig gach duine oir tha sinn uile diofraichte.

Faigh a-mach tuilleadh mu shiostaman bodhaig le Saidheans aig An DĂ rna ĂŚre.

Gnìomhan corporra

Bidh sinn a' cosg a' chòrr dhen lùth air gnìomhan corporra. Mar eisimpleir:

  • feadhainn sgairteil mar coiseachd, dannsa, ruith agus ball-coise
  • feadhainn nach eil cho sgairteil mar a' sgioblachadh do rĂąm, a' coimhead an telebhisean no fiĂą 's a' cadal

Faodaidh sinn coimhead air bileagan mathachaidh agus chì sinn dè an lùth a tha biadh a' toirt dhuinn. Tha lùth air a thomhas ann an calaraidhean. Coimhead airson kcal no cal air na bileagan agus chì thu an lùth a bheir am biadh dhuinn.

Mar as motha a bhios tu a' dèanamh, 's ann as motha de chalaraidhean a dh'fheumas tu airson lùth gu leòr. Feumaidh sinn a bhith ag ithe agus ag òl gach latha airson lùth ùr an àite na chosg sinn.

Smaoinich air càr…

…mar as motha de pheatrail a tha san tanc, 's ann as fhaide a thèid e. Tha ar bodhaig ag obair san aon dhòigh. Cha bhi lùth againn mura bi sinn ag ithe biadh fallain, cothromach a bheir connadh dhuinn.

Carson a dh'fheumas sinn lĂąth?

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Leanabh a' coiseachd dhan sgoil ann an èideadh-sgoile, A' coiseachd dhan sgoil Feumaidh ar bodhaigean connadh airson coiseachd dhan sgoil agus airson coiseachd dhachaigh. Tha e mar sin cudromach gun ith sinn daithead fhallain, chothromach gus am bi lùth gu leòr againn.
Carbohaidreatan toinnte
Image caption,
Bidh carbohaidreatan toinnte a' leigeil lĂąth mu sgaoil gu slaodach. Tha iad a' toirt nas fhaide an cnĂ mh agus bidh thu a' faireachdainn lĂ n nas fhaide.

Roghainnean bìdh

Bidh cuid de bhiadhan a' leigeil an lĂąth mu sgaoil gu slaodach agus bidh cuide eile a' leigeil an lĂąth mu sgaoil gu luath.

Carbohaidreatan toinnte

Canar carbohaidreatan toinnte ri biadhan a bhios a' leigeil an lĂąth mu sgaoil gu slaodach.

  • Canar cuideachd stalc ri carbohaidreatan toinnte agus tha iad ann an aran, pasta, ´Ú±ôĂą°ů is rus.
  • 'S e an fheadhainn le slĂ n-ghrĂ n as fhallaine oir tha barrachd freumhaig annta agus nas lugha siĂącair.
  • Tha carbohaidreatan toinnte cuideachd a' gabhail a-steach buntĂ ta milis, ˛ú±ô´Çľ±˛Ôľ±˛µ±đ˛ą˛Ô-˛µĂ °ů°ů˛ąľ±»ĺłó agus currain gheala.
  • Bidh carbohaidreatan toinnte a' leigeil lĂąth mu sgaoil gu slaodach. Tha e a' toirt greis dhuinn an cnĂ mh agus bidh sinn mar sin a' faireachdainn lĂ n nas fhaide.
Carbohaidreatan toinnte
Image caption,
Bidh carbohaidreatan toinnte a' leigeil lĂąth mu sgaoil gu slaodach. Tha iad a' toirt nas fhaide an cnĂ mh agus bidh thu a' faireachdainn lĂ n nas fhaide.
Image caption,
'S e biadhan anns a bheil tòrr siĂącair, mar ˛ő±đòł¦±ô˛ąľ±»ĺ, briosgaidean, deochan le gas agus cuid de mheasan a th' ann an carbohaidreatan sìmplidh.

Carbohaidreatan sìmplidh

  • Canar carbohaidreatan sìmplidh ri biadhan a bhios a' leigeil lĂąth mu sgaoil gu luath.
  • Bidh carbohaidreatan sìmplidh a' leigeil nan calaraidhean a th' annta mu sgaoil glè luath.
  • Tha tòrr siĂącair ann am biadhan le carbohaidreatan sìmplidh.
  • Bheir biadh mar ˛ő±đòł¦±ô˛ąľ±»ĺ, briosgaidean, deochan le gas agus cuid de mheasan dhuinn brag mòr de lĂąth, ach an dèidh sin fĂ gaidh e sinn sgìth agus acrach.
  • Faodaidh iad cuideachd droch bhuaidh a thoirt air ìre an t-siĂącair san fhuil againn agus ar fĂ gail uabhasach sgìth.
  • Ged a tha cuid de mheasan, mar fìon-dhearcan agus bananathan, lĂ n shiĂącaran nĂ darra, tha iad cuideachd lĂ n de bheothamain, mèinnearan agus freumhag, rud nach eil suiteis.
Image caption,
'S e biadhan anns a bheil tòrr siĂącair, mar ˛ő±đòł¦±ô˛ąľ±»ĺ, briosgaidean, deochan le gas agus cuid de mheasan a th' ann an carbohaidreatan sìmplidh.

Feuch na ceistean gu h-ìosal. An dèan thu a-mach an diofar eadar biadh a bhios a' leigeil lùth mu sgaoil gu luath agus biadh nach bi?

¶ŮĂą˛úłó±ô˛ą˛Ô

  • Tagh trì biadhan.
  • Leig ort gu bheil thu gu bhith a' ruith rèis.
  • Dè am biadh Ă -mach Ă s na trì as motha a bheir dhut de lĂąth airson an rèis?
  • Cuimhnich gum feum thu lĂąth air a leigeil mu sgaoil gu slaodach airson an rèis a chrìochnachadh.

More on Biadh agus slĂ inte

Find out more by working through a topic