tv

Tha uisge riatanach do bheatha agus tha e anns a h-uile nì beò. Faigh a-mach carson a dh'fheumas sinn uisge san daithead againn.

Faclan feumail

  • Uisgeachadh – a' cur an uisge a dh'fheumas tu na do bhodhaig.
  • Dìth uisge – nuair nach bi uisge gu leòr na do bhodhaig airson obrachadh ceart.
  • Uiread uisge – na tha de dh'uisge ann an rud. Mar eisimpleir, na tha de dh'uisge ann am biadh.

Carson a dh'fheumas sinn uisge?

'S e uisge a th' ann an còrr is 60% dher bodhaigean. Sin còrr is leth de chuideam ar bodhaig.

Tha ar bodhaigean a' call uisge fad na h-ùine air sgàth:

  • fallas
  • a' dol dhan toidhleat
  • analachadh

Airson a bhith fallain agus airson nach bi dìth uisge oirnn, tha e cudromach gun cuir sinn air ais an t-uisge a chailleas sinn tron latha.

Image caption,
Bu chòir dhiunn a bhith a' feuchainn ri eadar sia agus ochd glainne uisge òl san latha

Dè na bu chòir dhuinn a ghabhail de dh'uisge?

Tha stiùireadh an NHS a' moladh eadar sia agus ochd glainne uisge òl san latha.

Bidh ar bodhaigean a' call barrachd uisge na an àbhaist ma tha sinn a' gluasad tòrr no nuair a tha an t-sìde uamhasach blàth, chionn bidh barrachd fallais oirnn. Tha e a' dèanamh feum dhuinn uisge òl ro, tro agus an dèidh eacarsaich, agus biadh a ghabhail anns a bheil tòrr uisge. Tha sin a' ciallachadh gun dèan sinn nas fheàrr agus tha e a' cur air ais an uisge a chaill sinn. Feumaidh lùth-chleasaichean uisge gu leòr airson gun obraich am bodhaigean cho math 's a ghabhas.

Image caption,
Bu chòir dhiunn a bhith a' feuchainn ri eadar sia agus ochd glainne uisge òl san latha

Cò às am faigh sinn uisge?

Tha e math dhar slàinte biadh ithe anns a bheil tòrr uisge, mar measan. Mar eisimpleir, tha peitsean, orainsearan agus ܲ󲹲-à làn uisge agus mathachaidh.

Tha lusan cuideachd math air uisge a thoirt dhuinn chionn tha tòrr uisge annta. Tha colagan agus à nan deagh eisimpleirean.

Tha uisge anns a h-uile deoch (leithid teatha, bainne agus sùgh mheasan) agus bidh sin a' cur ris an uisge againn gach latha. Ach 's e uisge as fhallaine chionn tha e math air a' phathadh agus chan eil e a' milleadh ar fiaclan.

Comharran dìth uisge

Mura bi sinn ag òl gu leòr uisge, bidh dìth uisge air ar bodhaigean.

  • Bidh sinn a' faireachdainn sgìth
  • Bidh ar craiceann agus ar lipean tioram
  • 'S dòcha gum bi ceann goirt againn
  • Bidh ar dileag nas duirche
  • Cha bhi sinn a' dol dhan toidhleat cho tric

Cha bhi sinn a' faireachdainn ro mhath chionn feumaidh ar bodhaigean uisge airson tòrr obair chudromach a dhèanamh.

Obair na bodhaig agus uisge

  • ù𲹲 – tha uisge a' cumail ar sùilean tais agus gun a bhith tachasach.
  • ÀԱ𲹲 – bidh uisge a' cuideachadh nan àirnean a' faighinn cuidhteas sgudal is puinnsean nach fheum ar bodhaigean.
  • Teòthachd na bodhaig – bidh uisge a' leigeil leis a' bhodhaig faighinn cuidhteas cus teas mar fhallas. Tha sin a' cumail smachd air teòthachd na bodhaig gus nach fhàs sinn ro theth.
  • Siostam a' chnàmhaidh – tha uisge a' dèanamh obair chudromach nar stamaig, a' cuideachadh le biadh a chnàmh agus mathachadh a ghluasad air feadh ar bodhaig.
  • Fèithean agus altan – 's e uisge as motha a th' ann am fèithean. Bidh e a' dìon nan altan agus a' leigeil leotha gluasad gu furasta.

Faigh a-mach barrachd mu na siostaman bodhaig againn le Saidheans aig An Dàrna Ìre air Bitesize.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, ù𲹲 bhoireannach, ù𲹲 Bidh uisge a' cumail ar sùilean tais agus gun a bhith tachasach.

Feuch air na ceistean seo agus faic dè as aithne dhut mu carson a dh'fheumas sinn uisge.

ù

  • Tomhas eadar 6-8 glainnichean uisge.
  • Ma tha botal uisge agad a ghabhas a chleachdadh a-rithist, rannsaich cia mheud turas a dh'fheumadh tu a lìonadh agus òl san latha airson an uiread uisge a tha air a mholadh òl. Bidh e a rèir 's dè an ٴdz󲹲-ìDzԲ de dh'uisge a tha sa bhotal agad.
  • Dèan liost dhe na biadhan as fheàrr leat agus coimhead suas dè na tha annta de dh'uisge. Bidh na tha de dh'uisge annta air bileagan a' bhìdh no na deoch. Faodaidh tu na tha de dh'uisge ann am biadh mar lusan agus measan a rannsachadh air-loidhne.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic