tv

Ro-ràdh cholera

Tha uisge glan agus àԳٱ𲹱 mhath bunaiteach airson a bhith slàn, fallain. Cha robh tuigse aig daoine anns an 19mh linn gum faodadh galaran mar cholera sgaoileadh air sgàth uisge air a thruailleadh agus droch shlàintealachd.

A' tòiseachadh ann an 1819, sgaoil mòr-ghalar an dèidh mòr-ghalar de cholera bhon Ghanges anns na h-Innseachan chun a' chòrr dhen t-saoghal, agus mharbh e na milleanan dhaoine. Ann an 1854, chaochail 23,000 bhon ghalar seo anns an RA.

Bha feum air tòrr obair rannsachaidh agus trioblaidean slàinte phoblach a bha uabhasach cosgail, mus d' fhuair na nàiseanan cuidhteas a' ghalair.

Lunnainn gun mòran àԳٱ𲹱 ga shealltainn ann an 'The Court for King Cholera', cartùn ann an iris 'Punch', 1852Image source, ALAMY
Image caption,
Lunnainn gun mòran àԳٱ𲹱 ga shealltainn ann an 'The Court for King Cholera', cartùn ann an iris 'Punch', 1852.
Back to top

Cholera a' nochdadh an toiseach, 1831

Dealbh bho 1831 de dhuine a' fulang le choleraImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh bho 1831 de dhuine a' fulang le cholera.

ճàԾ a Bhreatainn an toiseach ann an 1831 nuair a bha an dara mòr-ghalar ann anns na 1800an.

Bhathar tric ag ràdh mu dheidhinn gun robh e a' toirt 'ionnsaigh' air an dùthaich agus chuir e eagal agus boil air coimhearsnachdan anns an do sgaoil e.

Bhon a bha an galar ùr anns an Roinn Eòrpa, cha robh fios aig dotairean ann am Breatainn ciamar a bha e a' sgaoileadh no ciamar a dhèiligeadh iad ris no a leighiseadh iad e.

Dealbh bho 1831 de dhuine a' fulang le choleraImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh bho 1831 de dhuine a' fulang le cholera.

Creideasan mu cholera

Sir Edwin Chadwick, leasaiche sòisealta a bha ag obair airson cor-beatha na b' fheàrr do dhaoine bochdaImage source, ALAMY
Image caption,
Sir Edwin Chadwick, leasaiche sòisealta a bha ag obair airson cor-beatha na b' fheàrr do dhaoine bochda.

Aig an àm cha robh tuigse ann mu bhacteria agus mu ghalarachadh. Bha dùil aig daoine an toiseach gur e droch fhàilidhean agus droch èadhar a bha ag adhbharachadh cholera.

An dèidh do cholera nochdadh ann am Breatainn a' chiad turas, chaidh Edwin Chadwick, fear-lagha agus leasaiche sòisealta, a chur an dreuchd airson rannsachadh a dhèanamh air àԳٱ𲹱 ann am Breatainn.

Bha e dhen bheachd gum biodh slàinte a' phobaill na b' fheàrr nan deigheadh na sràidean a ghlanadh agus salachar dhaoine a thoirt air falbh.

Bha an creideas seo stèidhichte air teòiridhean . Bha Chadwick a' creidsinn nan deigheadh salachar dhaoine a thoirt air falbh gum falbhadh droch fhàilidhean cuideachd agus gun sguireadh galar a sgaoileadh.

Ann an Lunnainn, bha am plana seo a' ciallachadh gun robh barrachd sgudail agus salachair a' sruthadh a dh'Abhainn Thames. Bha seo a' ciallachadh gun robh barrachd dhaoine a' fulang le cholera oir b' e Abhainn Thames prìomh bhun ܾ-ò a' bhaile.

Sir Edwin Chadwick, leasaiche sòisealta a bha ag obair airson cor-beatha na b' fheàrr do dhaoine bochdaImage source, ALAMY
Image caption,
Sir Edwin Chadwick, leasaiche sòisealta a bha ag obair airson cor-beatha na b' fheàrr do dhaoine bochda.
Back to top

Cholera agus uisge truaillte

Ann an 1848, nochd cholera ann an Lunnainn an dara turas.

Bha teagamh air an Dr Iain Snow, lighiche agus eòlaiche ann an àԳٱ𲹱 mheadaigeach, gur e droch èadhar a bha ag adhbharachadh a' ghalair. Rinn an Dr Snow rannsachadh e fhèin agus dh'fhoillsich e na fhuair e a-mach ann am pàipear air an robh On the Mode of Communication of Cholera ann an 1849.

Chuir e an cèill teòiridh anns a' phàipear seo nach robh cholera air a sgaoileadh le droch èadhar ach tro sholar uisge air a thruailleadh.

Map cholera le Dr Snow, 1854

Map an Dr Snow a' sealltainn nan cùisean cholera ann am Broad Street, Lunnainn, 1854Image source, ALAMY
Image caption,
Map an Dr Snow a' sealltainn nan cùisean cholera ann am Broad Street, Lunnainn, 1854. Chuidich am map gu bhith ag aithneachadh far an do thòisich an galar – ann am bun uisge air a thruailleadh.
Sgead-dhealbh bhon 19mh linn a' sealltainn pump uisge mar adhbhar airson galar agus bàsImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh bhon 19mh linn a' sealltainn pump uisge mar adhbhar airson galar agus bàs.

Ann an 1854, nuair a bha cholera ann an Lunnainn an treas turas, chuir Snow roimhe gun dearbhadh e an teòiridh aige gun robh uisge salach na adhbhar air sgaoileadh cholera.

Chàirich e puingean air map a' sealltainn far an do bhàsaich daoine le cholera anns an sgìre mun cuairt a' phractas aige. Sheall am map mar a bha àireamh mhòr bhàsan ann an aon sgìre, agus chaidh aig Snow air tùs a' ghalair obrachadh air ais gu pump uisge air a thruailleadh ann am Broad Street ann an sgìre Soho de Lunnainn.

Thug Snow an làmh far a' phumpa, gus nach gabhadh a chleachdadh, agus chaidh an àireamh bhàsan sìos gu luath. Ach mun àm seo bha a' chuid bu mhiosa dhen mhòr-ghalar seachad.

Fhuaireadh a-mach an dèidh sin gun robh an t-uisge òil air a thruailleadh air sgàth aoidion ann an toll òtrachais - sloc fon talamh airson uisge salach agus òtrachas a chruinneachadh. Bha Snow air dearbhadh gun robh uisge salach ag adhbharachadh cholera.

Ged a bha fianais staitistigeach aig Snow gus an teòiridh aige air mar a bha cholera a' tòiseachadh a dhearbhadh, cha do ghabh proifeiseantaich mheadaigeach san fharsaingeachd ris na toraidhean aige idir.

Ann an 1854, ghabh Bòrd Coitcheann na Slàinte ri fiosrachadh Snow agus rinn iad rudeigin mun t-solar uisge thruaillte, ach dhiùlt iad gabhail ri beachd Snow gun robh cholera ga sgaoileadh ann an uisge.

Sgead-dhealbh bhon 19mh linn a' sealltainn pump uisge mar adhbhar airson galar agus bàsImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh bhon 19mh linn a' sealltainn pump uisge mar adhbhar airson galar agus bàs.
Back to top

Cholera agus àԳٱ𲹱

Cartùn bhon iris 'Punch', 1858, bliadhna an t-Saimh Mhòir. Tha e a' sealltainn Athair Thames a' toirt na cloinne aige do chruth boireann Baile Lunnainn. 'S e trì galaran a tha san triùir 'chloinne'Image source, ALAMY
Image caption,
Cartùn bhon iris 'Punch', 1858, bliadhna an t-Saimh Mhòir. Tha e a' sealltainn Athair Thames a' toirt na cloinne aige do chruth boireann Baile Lunnainn. 'S e trì galaran a tha san triùir 'chloinne' – na trì a bhathar an dùil aig an àm a bha air an sgaoileadh le 'droch èadhar' - diphtheria, scrofula agus cholera.

As t-samhradh 1858, dh'adhbharaich an dà chuid òtrachas anns an Thames agus teòthachdan àrda fìor dhroch shamh – bha am fàileadh cho dona 's gun canadh daoine an Samh Mòr ris.

Bha a' Phàrlamaid fhathast a' cumail gu mòr ris an teòiridh gun robh miasma a' sgaoileadh galar agus gum bu chòir rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

Chaidh an obair airson siostam ùr òtrachais a dhealbh do Lunnainn a thoirt do dh'innleadair dam b' ainm Joseph Bazalgette. Thug am pròiseact iomadh buannachd slàinte do mhuinntir Lunnainn.

Chuidich e cuideachd le dearbhadh a' cheangail eadar uisge truaillte agus cholera.

Cartùn bhon iris 'Punch', 1858, bliadhna an t-Saimh Mhòir. Tha e a' sealltainn Athair Thames a' toirt na cloinne aige do chruth boireann Baile Lunnainn. 'S e trì galaran a tha san triùir 'chloinne'Image source, ALAMY
Image caption,
Cartùn bhon iris 'Punch', 1858, bliadhna an t-Saimh Mhòir. Tha e a' sealltainn Athair Thames a' toirt na cloinne aige do chruth boireann Baile Lunnainn. 'S e trì galaran a tha san triùir 'chloinne' – na trì a bhathar an dùil aig an àm a bha air an sgaoileadh le 'droch èadhar' - diphtheria, scrofula agus cholera.

Saibhearan Lunnainn

Gràbhaladh a' sealltainn an t-saibheir a deas aig Bazalgette ga thogail ann am Peckham, Lunnainn, 1861Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn an t-saibheir a deas aig Bazalgette ga thogail ann am Peckham, Lunnainn, 1861.

Bha an siostam aig Bazalgette air a dhealbh air dhòigh agus nach biodh òtrachas a' sruthadh dhan Thames ann an Lunnainn. An àite sin bhiodh e air a ghiùlan tro thunailean saibheir le ballachan breige gu amar làin-mhara Abhainn Thames – agus às a sin a-mach gu muir.

Dh'fhosgail siostam ùr nan saibhearan ann an 1865, ach cha robh Lunnainn gu lèir air a cheangal ris aig an ìre sin agus bhuail cholera Lunnainn a-rithist ann an 1866.

An turas seo bha teis meadhan a' ghalair ann an sgìrean ann an ceann an ear a' bhaile nach robh air an ceangal ris an t-siostam ùr. Bha aig an luchd-còmhnaidh san sgìre seo fhathast ri bhith ag òl uisge truaillte bho Stòr-amar Old Ford.

Bhon a bha an galar an turas seo air an iomall, bha e na dhearbhadh a bharrachd do theòiridhean Snow a thaobh adhbharan agus sgaoileadh cholera. Ghabh a-nis an fheadhainn a bha roimhe a' cur teagamh na bheachdan, Bòrd Coitcheann na Slàinte nam measg, ris na toraidhean aige gun robh cholera ga sgaoileadh ann an uisge.

Chaidh ceann an ear a' bhaile a cheangal ri prìomh shiostam nan saibhearan treis às dèidh seo agus cha robh cholera tuilleadh anns an RA gu ìre mhòr sam bith.

Gràbhaladh a' sealltainn an t-saibheir a deas aig Bazalgette ga thogail ann am Peckham, Lunnainn, 1861Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn an t-saibheir a deas aig Bazalgette ga thogail ann am Peckham, Lunnainn, 1861.
Back to top

Cholera agus uisge Ghlaschu

Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860. Dìreach le bhith a' cleachdadh grabhataidh, tha an t-amar-uisge a' toirt uisge glan do Ghlaschu. Chuidich uisge glan le cur às do cholera ann an Glaschu.

Cha do sheachain Alba uabhasan cholera.

Nochd cholera iomadh turas ann an Glaschu a bha aig an àm na bhaile gnìomhachais làn dhaoine. B' ann ann an 1832 a nochd e a' chiad turas agus mharbh e mu 3,000 anns a' bhaile. Turas eile, ann an 1848, mharbh e faisg air 4,000 neach.

An dèidh dha nochdadh a-rithist anns a' bhaile, thòisich obair ann an 1855 gus àԳٱ𲹱 agus solar uisge a' bhaile a leasachadh. Chaidh dama a chur air Loch Ceiteirein anns na Tròisichean, agus chaidh amar-uisge agus tunailean a thogail a bheireadh uisge glan dhan bhaile. Chosg an sgeama £468,000, sùim mhòr aig an àm, agus thug e ceithir bliadhna ga thogail.

Chaidh a dhearbhadh gum b' fhiach e an t-airgead agus, còmhla ri leasachaidhean eile air saibhearan a' bhaile, chuidich solar uisge glan le cur-as do cholera anns a' bhaile.

Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn Amar-uisge Loch Ceiteirein, 1860. Dìreach le bhith a' cleachdadh grabhataidh, tha an t-amar-uisge a' toirt uisge glan do Ghlaschu. Chuidich uisge glan le cur às do cholera ann an Glaschu.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top