tv

Ro-ràdh dhan phlàigh

Tha an saoghal air fulang bho iomadh - cha b' e Covid-19 a' chiad fhear agus chan e am fear mu dheireadh.

'S iongantach mura h-e am Bàs Dubh an galar mòr-sgaoilte as ainmeile ann an eachdraidh. Eadar 1347 agus 1351, mharbh an taomadh seo de phlàigh bhubonaig na milleanan air feadh na Roinn Eòrpa, Afraga a Tuath agus an Ear Mheadhanach.

Thill plàigh iomadh uair anns na linntean às dèidh sin, agus bha fìor dhroch ghalar ann an Eileanan Bhreatainn ann an 1665 agus 1666.

Gràbhaladh-fiodha a' sealltainn dhaoine à baile a' teicheadh a-steach air an dùthaich airson faighinn air falbh bhon Phlàigh BhubonaigImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh-fiodha a' sealltainn dhaoine à baile a' teicheadh a-steach air an dùthaich ann an Sasainn airson faighinn air falbh bhon Phlàigh Bhubonaig ann an 1630.
Back to top

Bhidio: A' phlàigh

Ciamar a dh'adhbharaich bacterium beag, bìodach bàs nam milleanan de dh'Eòrpaich? Anns a' bhidio seo, faigh a-mach mu ghalaran tràth, mòr-sgaoilte agus a' bhuaidh a bha aig a' phlàigh.

Back to top

Dè dh'adhbharaich a' phlàigh?

Aig an àm, cha robh fios ciamar a bha a' phlàigh a' sgaoileadh – bha cuid dhen bheachd gur e beathaichean air tuathanasan a bu choireach ris a' ghalar agus mharbh iad an stoc aca.

Bha ceannardan eaglaisean dhen bheachd gur e peanas bho Dhia a bh' ann air sgàth nàdar peacach an t-sluaigh.

Bha cuid eile, mar dotairean aig an àm, dhen bheachd gun deach an èadhar a phuinnseanachadh agus gun robh daoine a' glacadh na plàigh nuair a bheireadh iad an èadhar phuinnseanta seo a-steach air an anail. Chanadh iad ris an droch èadhar sin.

Bidh deargannan a' giùlan ghalaran, agus nam measg a' phlàighImage source, ALAMY
Image caption,
Bidh deargannan a' giùlan ghalaran, agus nam measg a' phlàigh a tha am bacterium Yersinia pestis ag adhbharachadh.

Fhuair rannsachadh a-mach gum b' e air an robh Yersinia pestis a bha ag adhbharachadh na plàigh.

Bidh am bacterium a' dol mun cuairt ann an creimich fhiadhaich, mar radain, agus na deargannan aca.

Tha Yersinia pestis air a sgaoileadh nuair a dh'òlas deargann fuil bho radain air a bheil an galar. Nuair a bhàsaicheas na radain air an robh an galar, bidh na deargannan a' lorg aoigh eile. Nuair a bhìdeas deargann leis a' ghalar an t-aoigh ùr, bheir e dha am bacterium.

Nuair as e duine a th' anns an aoigh ùr, thèid na bacteria dhan fhuil aig an duine agus tòisichidh sin plàigh.

Bidh deargannan a' giùlan ghalaran, agus nam measg a' phlàighImage source, ALAMY
Image caption,
Bidh deargannan a' giùlan ghalaran, agus nam measg a' phlàigh a tha am bacterium Yersinia pestis ag adhbharachadh.

Cò às an tàinig a' phlàigh?

Tobhta de far am biodh carabhanaichean a' stad air seann Slighe an t-Sìoda ann an KyrgyzstanImage source, ALAMY
Image caption,
Tobhta de far am biodh carabhanaichean a' stad air seann Slighe an t-Sìoda ann an Kyrgyzstan. Bha Slighean an t-Sìoda nan lìonra de thragaichean agus de cheuman-coiseachd a bhiodh marsantan a' cleachdadh nuair a bhiodh iad a' malairt aodach, spìosraidhean, seudan agus bathar eile eadar Sìona, na h-Innseachan agus dùthchannan Eòrpach.

Ann an 2022, lorg luchd-rannsachaidh, anns an robh sgioba à Oilthigh Shruighlea, tùs a' Bhàis Dhuibh.

Sheall sampaill DNA bho chnàimhnich a bha air an tiodhlacadh anns na 1330an ann an ceann a tuath an àite ris an canar Kyrgyzstan an-diugh ann am Meadhan Àisia gun robh iad air an gànrachadh le bacterium Yersinia pestis, a bhios ag adhbharachadh na plàigh. (ò: ).

Gu cudromach, bha rathaidean malairt air feadh na sgìre seo air an robh Slighe an t-Sìoda. Bha na slighean a' leantainn à Sìona cho fada ris a' Mhuir Mheadhan-thìreach.

Bho thoiseach tòiseachaidh gu math beag ann an gleann iomallach mìltean mhìltean air falbh sgaoileadh am Bàs Dubh air feadh na Roinn Eòrpa, a dh'Alba aig a' cheann thall.

Tobhta de far am biodh carabhanaichean a' stad air seann Slighe an t-Sìoda ann an KyrgyzstanImage source, ALAMY
Image caption,
Tobhta de far am biodh carabhanaichean a' stad air seann Slighe an t-Sìoda ann an Kyrgyzstan. Bha Slighean an t-Sìoda nan lìonra de thragaichean agus de cheuman-coiseachd a bhiodh marsantan a' cleachdadh nuair a bhiodh iad a' malairt aodach, spìosraidhean, seudan agus bathar eile eadar Sìona, na h-Innseachan agus dùthchannan Eòrpach.

Ciamar a sgaoil a' phlàigh?

Chuidich malairt le sgaoileadh na plàigh.

Thug luchd-malairt air Slighe an t-Sìoda leotha an galar. Glè thric, bhiodh bàtaichean a' giùlan nan radain dhubha agus gan toirt fhèin (agus na deargannan aca) a bhailtean agus a dhùthchannan ùra.

  • Ann an 1346, thàinig a' phlàigh dhan Roinn Eòrpa agus fhuair na milleanan dhaoine am bàs.
  • Ann an 1348, ràinig e ceann a deas agus an iar Shasainn.
  • Ann an 1350, ràinig a' phlàigh Alba – 's dòcha mar thoradh air ionnsaigh a thug Alba air Sasainn faisg air deireadh 1349.

Bhris e a-mach a-rithist san Roinn Eòrpa anns na 1400an agus a-rithist anns na 1600an.

Back to top

Comharran na plàigh

Comharran dhen phlàigh bhubonaig agus dhen phlàigh niumonaig

B' e dha-rìribh ٰì tinneasan a bha anns a' ghalar:

  • a' phlàigh bhubonaig
  • a' phlàigh niumonaig
  • a' phlàigh septiseamaig

A' phlàigh bhubonaig

'S e a' phlàigh bhubonaig an cruth as cumanta dhen phlàigh agus bidh e a' toirt buaidh air na . Eadar dà agus ochd latha an dèidh an galar a thogail, tòisichidh fiabhras, piantan agus dìobhairt air neach.

Thigeadh at phiantail ris an cante ùdzٳ󲹲 ann an àitichean fallasach air a' bhodhaig (fon achlais, sa mhanachan agus air an t-sliasaid). B' ann bho na ùdzٳ󲹲 sin a fhuair a' phlàigh bhubonaig an t-ainm.

Bhàsaicheadh mu 50 sa cheud, no leth, de na daoine air an tàinig a' phlàigh bhubonaig.

A' phlàigh niumonaig

Bidh a' phlàigh niumonaig a' toirt buaidh air na sgamhain. 'S e fiabhras, pian agus casadaich, 's dòcha le fuil, na prìomh chomharran.

Tha e air adhbharachadh le bhith a' toirt bhacteria a-steach air an anail nuair a nì cuideigin air a bheil an galar casad, no sgaoilidh e dha na sgamhain tro fhuil an duine fhèin.

Cha robh a' phlàigh niumonaig cho cumanta, ach mharbh e cha mhòr a h-uile duine air an tàinig e.

A' phlàigh septiseamaig

Bidh a' phlàigh septiseamaig a' toirt buaidh air an fhuil. A bharrachd air piantan agus fiabhras, dh'fhaodadh an seòrsa galair seo sileadh fala adhbharachadh agus toirt air buill-bodhaig fàilligeadh.

Dh'fhaodadh fuil sgur a dhol gu pàirt dhen bhodhaig. Dh'fhaodadh sin toirt air pàirtean dhen bhodhaig mar òrdagan, corragan no sròn lobhadh agus fàs dubh.

'S dòcha gur e sin aon adhbhar a thugadh am Bàs Dubh air a' phlàigh.

Back to top

A' cur bacadh air a' phlàigh

Bhàsaich a' mhòr-chuid dhe na daoine a ghlac a' phlàigh. Bha e mar sin cudromach feuchainn ri stad bho sgaoileadh. Bha seo doirbh oir cha robh tuigse aig daoine air carson a bha an galar a' sgaoileadh.

Nan deigheadh daoine a bha 's dòcha air an galar a ghlacadh a chur air leth bhon t-sluagh, bha sin ag obrachadh. Bha daoine ris a' chleachdadh seo bho shean, agus tha iomradh air anns a' Bhìoball agus ann an sgrìobhadh às a' Ghrèig bho shean.

Ann an 1348, thug ùghdarrasan Venice anns an Eadailt a-steach riaghailt gum feumadh daoine, no fiù 's bàtaichean làn dhaoine, a' tighinn à sgìrean anns an robh an galar, feitheamh 40 latha mus tigeadh iad a-steach dhan phort. B' e cuarantain a chanadh ris a seo. Tha am facal a' tighinn bhon Eadailtis quaranta giorni, a tha a' ciallachadh ceathrad latha.

Tha cuarantain air a chleachdadh chun an latha an-diugh. Mar eisimpleir, daoine leis a' ghalar Covid-19 a' fuireach air leth bho dhaoine eile gus am faigheadh iad seachad air a' ghalar.

A' cur bacadh air a' phlàigh: teintean, a' marbhadh chait is choin, a' glasadh dhaoine nan dachaighean, a' rannsachadh adhbhar a' bhàis, a' cur casg air cuinneachaidhean poblach, a' smocadh tombaca, a' cur airgead ann am fìon-geur

Tha fianais a nochd nuair a thachair a' Phlàigh Mhòr ann an 1665-1666 a' toirt fiosrachadh feumail dhuinn mu na bha daoine a' dèanamh airson feuchainn ris a' phlàigh a chasg bho sgaoileadh. Am measg na rinn an riaghaltas:

  • Bha teintean rin lasadh air an t-sràid airson gum biodh daoine a' toirt a-steach fàileadh na ceothaidh an àite a' mhiasma a bha daoine an dùil a bha ag adhbharachadh a' ghalair.

  • Chaidh cait agus coin a mharbhadh oir bha daoine dhen bheachd gun sgaoileadh iad a' phlàigh. Thathar a' meas gun deach 40,000 cat agus 200,000 cù a mharbhadh.

  • Bha daoine air an robh a' phlàigh air an glasadh nan dachaighean fad 40 latha agus bha crois dhearg ga peantadh air an doras aca. Bha luchd-faire air am fastadh airson dèanamh cinnteach nach deigheadh daoine a-mach.

  • Bhiodh luchd-siridh a' dol a-steach dha na taighean aig daoine a bha fo amharas gun robh a' phlàigh orra a lorg chuirp agus gan toirt air falbh agus gan cur ann an sluic tiodhlacaidh na plàigh.

  • Bha casg air cruinneachaidhean poblach, agus cha robh cead aig daoine siubhal à aon bhaile a bhaile eile mur an robh teisteanas aca a' dearbhadh nach robh an galar orra.

Bha cuid de dhaoine fa leth a' feuchainn ri iad fhèin a dhìon bho bhith a' glacadh a' ghalair:

  • Chuir cuid, gu h-àraidh luchd-siridh, romhpa tombaca a smocadh oir bha e an urra riuthasan cuirp nan daoine a bhàsaich leis a' phlàigh a chruinneachadh. Bha iad dhen bheachd gun dìonadh sin iad bhon phlàigh, ach bha am beachd sin gu tur ceàrr.

  • Chuir cuid eile airgead ann am poitean beaga fìon-geur nuair a bha iad a' pàigheadh airson stuthan gus nach biodh iad a' suathadh ann gu dìreach bho chuideigin eile.

Dè an obair a bha aig boireannaich nuair a bha a' phlàigh ann?

Back to top

Leigheasan anns na Meadhan Aoisean

Bhiodh daoine a' feuchainn iomadh dòigh air leigheas a thoirt air daoine tinn. Bha an leigheas an urra ri dè bha daoine an dùil a dh'adhbharaich a' phlàigh.

Peanas bho Dhia

Sgiùrsairean ann am baile Doornik anns an Òlaind ann an 1349, gan cuipeadh fhèin le ròpan agus iad an dòchas gun cuireadh iad ìmpidh air Dia an saoghal a shaoradh bhon Bhàs DhubhImage source, ALAMY
Image caption,
Sgiùrsairean ann am baile Doornik anns an Òlaind ann an 1349, gan cuipeadh fhèin le ròpan agus iad an dòchas gun cuireadh iad ìmpidh air Dia an saoghal a shaoradh bhon Bhàs Dhubh.

Bha daoine a bha a' creidsinn gur e Dia a chuir a' phlàigh mar pheanas a' tionndadh chun na h-eaglais airson comhairle agus cuideachadh.

Dh'iarr Rìgh Eideard III Shasainn air an Eaglais seirbheis a chumail gach latha airson gum fritheileadh daoine i, gun dèanadh daoine ùrnaigh ri Dia airson mathanas agus gun lasadh iad coinnlean mar thabhartas do Dhia.

Ann an 1456, nuair a bhris a' phlàigh a-mach a-rithist, thug Seumas II, Rìgh nan Albannach, a-steach lagh a thug cead do shagartan riaghailtean cruaidh a' a bhriseadh airson gum b' urrainn dhaibh leantainn orra a' cumail sheirbheisean eaglais airson ùrnaigh ri Dia airson fuasgladh bhon phlàigh.

Bhiodh cuid a' dol treis gun bhiadh airson sealltainn gun robh aithreachas orra airson am peacaidhean – canar trasgadh ris a seo.

Chaidh iomadach duine air cuairtean taistealachd. Bhiodh iad a' dol air turas a dh'àitichean a bha cudromach a thaobh creideamh, mar uaighean naoimh, agus dhèanadh iad ùrnaigh ri Dia.

Bha feadhainn eile, ris an cante ù𲹲, gan leòn fhèin gu poblach le bhith a' cuipeadh an druim airson aithreachas a shealltainn airson am peacaidhean.

Sgiùrsairean ann am baile Doornik anns an Òlaind ann an 1349, gan cuipeadh fhèin le ròpan agus iad an dòchas gun cuireadh iad ìmpidh air Dia an saoghal a shaoradh bhon Bhàs DhubhImage source, ALAMY
Image caption,
Sgiùrsairean ann am baile Doornik anns an Òlaind ann an 1349, gan cuipeadh fhèin le ròpan agus iad an dòchas gun cuireadh iad ìmpidh air Dia an saoghal a shaoradh bhon Bhàs Dhubh.

Droch èadhar

Masg dìon a bhiodh dotairean a' cur orra san t-17mh linn nuair a bhiodh iad a' tadhal air euslaintich a bha a' fulang leis a' phlàighImage source, ALAMY
Image caption,
Masg dìon a bhiodh dotairean a' cur orra san t-17mh linn nuair a bhiodh iad a' tadhal air euslaintich a bha a' fulang leis a' phlàigh.

Bha coire ga cur cuideachd air càileachd èadhair airson sgaoileadh na plàigh – bha beachd ann gun robh droch bholadh èadhair ris an canar miasma na adhbhar airson na plàigh, gu h-àraidh ann am bailtean mar Lunnainn.

Ann an 1349, thug Rìgh Eideard III Shasainn àithne do Mhèar Lunnainn e sràidean a' bhaile a ghlanadh agus an sgudal gu lèir a thoirt air falbh. Bha seo a' gabhail a-steach salachar dhaoine agus salachar bheathaichean – cha robh saidhbhearan no siostam slàintealachd ann an Lunnainn aig an àm

  • chaidh sgiobaidhean de ܳ-à a stèidheachadh airson salachar bheathaichean a ghlanadh far nan sràidean
  • bha bùidsearan air am peanasachadh nam fàgadh iad fuil agus closaichean bheathaichean air an t-sràid
  • bha càin a' dol air duine sam bith a dh'fhàgadh sgudal air an t-sràid

Ann an Alba, bha daoine air an robh foul clengers (glanadairean galair) air am pàigheadh airson dachaighean dhaoine a bhàsaich leis a' phlàigh a ghlanadh agus faighinn cuidhteas nan cuirp.

Bhiodh daoine cuideachd a' feuchainn ris an èadhar a ghlanadh le bhith a' giùlan dhìtheanan no luibhean cùbhraidh nuair a bhiodh iad rin obair làitheil, no bhiodh iad a' lasadh teine anns an dachaigh gus faighinn cuibhteas an droch èadhar.

Masg dìon a bhiodh dotairean a' cur orra san t-17mh linn nuair a bhiodh iad a' tadhal air euslaintich a bha a' fulang leis a' phlàighImage source, ALAMY
Image caption,
Masg dìon a bhiodh dotairean a' cur orra san t-17mh linn nuair a bhiodh iad a' tadhal air euslaintich a bha a' fulang leis a' phlàigh.

Carson a bha dotairean aig àm na plàigh a' cur orra masgan 'eòin'?

Leigheasan eile dhan phlàigh

Sgead-dhealbh bho na Meadhan Aoisean a' sealltainn neach a' fulang le at anns na nòdan liomf, comharra air a' phlàigh bhubonaigImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh bho na Meadhan Aoisean a' sealltainn neach a' fulang le at anns na nòdan liomf, comharra air a' phlàigh bhubonaig.

Cha robh leigheas ann dhan phlàigh. Aon uair 's gun glacadh daoine e, cha robh mòran ann a b' urrainn dotairean a dhèanamh dhaibh.

Bhon a bha daoine nan èiginn, dh'fheuch iad diofar leigheasan.

  • Bhiodh ùdzٳ󲹲 gam fosgladh airson an iongar a leigeil a-mach.
  • Bhiodh na ùdzٳ󲹲 air an còmhdach le aran agus bha an t-aran an uair sin air a thiodhlacadh.
  • Bhiodh an neach air an robh an galar a' dol ann an amar de dh'uisge fuar agus a' seachnadh biadh teth mar creamh agus uinneanan airson feuchainn ri toirt air a' bhodhaig i fhèin ath-chothromachadh.

Cha do dh'obraich gin dhe na leigheasan.

Sgead-dhealbh bho na Meadhan Aoisean a' sealltainn neach a' fulang le at anns na nòdan liomf, comharra air a' phlàigh bhubonaigImage source, ALAMY
Image caption,
Sgead-dhealbh bho na Meadhan Aoisean a' sealltainn neach a' fulang le at anns na nòdan liomf, comharra air a' phlàigh bhubonaig.
Back to top

Iar-bhuaidh na plàigh

Gràbhaladh a' sealltainn Plàigh Mhòr Lunnainn, 1665-1666. Tha cuideigin a tha a' dol seachad a' tabhann deoch uisge do dh'fhear a tha a' bàsachadh leis a' phlàighImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn Plàigh Mhòr Lunnainn, 1665-1666. Tha cuideigin a tha a' dol seachad a' tabhann deoch uisge do dh'fhear a tha a' bàsachadh leis a' phlàigh.

Ged a tha e doirbh àireamhan mionaideach fhaighinn, thathar a' meas gun do mharbh a' phlàigh mu 25 millean neach anns an Roinn Eòrpa ro 1350. Sin faisg air trian de shluagh na Roinn Eòrpa (ò: ).

Bha a' chiad stuadh dhen phlàigh seachad ann an 1350. Ach cha b' e seo an turas mu dheireadh a bhiodh e ann an Eileanan Bhreatainn. Bhris an galar a-mach a-rithist anns na 1550an agus anns na 1640an.

Ann an Alba, thug e buaidh air Meadhan Alba agus na bailtean bu mhotha air a' chosta an ear.

B' ann ann an 1665-1666 a bhris a' phlàigh a-mach gu dona mu dheireadh ann an Eileanan Bhreatainn. Dh'fhuiling Lunnainn gu h-àraidh – tha dùil gun do bhàsaich suas ri 100,000 anns a' bhaile sin. Sguir an galar a sgaoileadh uiread an dèidh geamhradh uabhasach fuar nuair a chaidh 's dòcha àireamh mhòr de radain a mharbhadh. Tha mòran a' cumail a-mach gun robh pàirt aig Teine Mòr Lunnainn cuideachd anns a' chùis oir chaidh mòran thaighean a bha làn radain a sgrios.

Gu fortanach, cha do bhuail a' chuid bu mhiosa dhen ghalar Alba an turas sin. Chaidh a' chrìoch ri Sasainn a dhùnadh agus bha casg air malairt agus siubhal ann an dùthchannan a bha fo bhuaidh na plàigh mar Sasainn agus an Òlaind. (ò: )

Cha robh ìٱ cho fortanach ge-tà. Mar phort le mòran bhàtaichean a' tighinn 's a' falbh, bha e ann an cunnart bhon ghalar. Mharbh a' phlàigh ann an 1665 còrr is dà mhìle neach – mu leth de shluagh a' bhaile.

Bhris a' phlàigh a-mach ann an Glaschu cho anmoch ri 1900 anns an Lùnastal agus san t-Sultain. Mar thoradh air diagnosis fadalach, bhàsaich 16 dhen 36 a ghlac an galar.

Gràbhaladh a' sealltainn Plàigh Mhòr Lunnainn, 1665-1666. Tha cuideigin a tha a' dol seachad a' tabhann deoch uisge do dh'fhear a tha a' bàsachadh leis a' phlàighImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn Plàigh Mhòr Lunnainn, 1665-1666. Tha cuideigin a tha a' dol seachad a' tabhann deoch uisge do dh'fhear a tha a' bàsachadh leis a' phlàigh.
Back to top

Buaidh na plàigh

Dh'adhbharaich an sgrios a thàinig air àireamh-sluaigh na Roinn Eòrpa grunn atharraichean sòisealta agus eaconamach.

Sòisealta agus eaconamach

Luchd-tuath ri fogharadh sa 15mh linnImage source, ALAMY
Image caption,
Luchd-tuath ri fogharadh sa 15mh linn.

Bhon a bhàsaich mòran dhen luchd-tuath (na daoine bochda), b' urrainn an fheadhainn a bha air fhàgail argamaid a dhèanamh airson pàigheadh nas fheàrr, obraichean agus màl nas ìsle bhon a bha luchd-obrach gann.

Chaidh aca cuideachd air daithead nas fheàrr a bhith aca oir bha cothrom aca a-nis air biadh nas fheàrr bhon nach robh uiread de dh'iarraidh air biadh agus chionn gun robh airgead aca airson biadh nas fheàrr.

Fhuair uachdarain a-mach gun deach am fortan a rinn iad sìos oir cha b' urrainn dhaibh argamaid a dhèanamh airson barrachd màil a chur air na màladairean aca. Bha sin a' ciallachadh nach robh iad a' dèanamh uiread de dh'airgead.

Cha robh suidheachadh nam boireannaich buileach cho soilleir às dèidh a' Bhàis Dhuibh.

Fhuair feadhainn beagan a bharrachd neo-eisimeileachd bhon a bhàsaich barrachd fhireannaich leis a' phlàigh na boireannaich. Ach bha seo cuideachd a' ciallachadh gun do dh'fhuiling mòran bhoireannach bhon a bha an neach a chleachd a bhith a' cosnadh dhan teaghlach air bàsachadh, agus cha b' urrainn dhaibh fhèin a dhol a dh'obair.

Luchd-tuath ri fogharadh sa 15mh linnImage source, ALAMY
Image caption,
Luchd-tuath ri fogharadh sa 15mh linn.

A' bhuaidh air creideamh

Gràbhaladh dathte a' sealltainn sagart os cionn tiodhlacadh anns na Meadhan AoiseanImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh dathte a' sealltainn sagart os cionn tiodhlacadh anns na Meadhan Aoisean.

Rinn a' phlàigh duilgheadas dhan Eaglais Chrìosdail.

Anns na Meadhan Aoisean, bha an Eaglais aig cridhe dòigh-beatha dhaoine gach latha. Bha daoine a' creidsinn ann an Dia agus anns an Diabhall, agus bha iad a' creidsinn gun robh an Eaglais ann airson an stiùireadh agus an dìon.

Fad bhliadhnaichean na plàigh – agus fad bhliadhnaichean às dèidh sin – bha e doirbh dhan Eaglais an dreuchd seo a choileanadh.

Bha uiread de dhaoine a' bàsachadh agus cha robh sagartan gu leòr aig an Eaglais airson seirbheisean cràbhach a chumail no airson pòsaidhean, baistidhean no tiodhlacaidhean a dhèanamh.

B' e am beachd cumanta, agus bha an Eaglais a' toirt taic dha, gun do chuir Dia a' phlàigh airson daoine olc a pheanasachadh.

Bhon nach robh a' phlàigh a' dèanamh dealachadh eadar daoine, agus bha sagartan a cheart cho buailteach bàsachadh 's a bha an luchd-tuath air an robh iad a' frithealadh, bha an Eaglais fosgailte do chasaidean gun robh i fhèin olc.

Airson a' chiad turas, bha ceist ga cur ann an dreuchd na h-Eaglais fhèin.

Gràbhaladh dathte a' sealltainn sagart os cionn tiodhlacadh anns na Meadhan AoiseanImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh dathte a' sealltainn sagart os cionn tiodhlacadh anns na Meadhan Aoisean.

Buaidh air ìocshlaint

Gràbhalach-fiodha dathte de dhotairean a' dèiligeadh ri euslainteach anns na Meadhan AoiseanImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhalach-fiodha dathte de dhotairean a' dèiligeadh ri euslainteach anns na Meadhan Aoisean.

Tha e furasta coire fhaighinn do fhreagraidhean meadaigeach dhan phlàigh aig an àm, oir, an-diugh, saoilidh sinn gun robh cuid dhe na beachdan aca mu ghalarachadh gòrach.

Cha mhòr nach robh na dotairean aig an àm ceàrr mun h-uile càil:

  • cha robh miasma no droch fhàileadh ag adhbharachadh na plàigh
  • cha b' e peanas pheacaidhean a bh' ann
  • cha b' e leigheas a bh' ann an ùrnaigh
  • cha robh geasagan seunta no saobh-chràbhadh èifeachdach.

Ach cha robh mòran eòlais-leighis ann aig an àm, agus cha robh fios aig dotairean mu bhitheagan no mu bhacteria.

Ach ge-tà, thug am freagradh dhan phlàigh anns na Meadhan Aoisean buannachd agus adhartas:

  • bha barrachd cuideim air slàinte phoblach
  • chaidh salachar dhaoine is bheathaichean a ghlanadh far nan sràidean agus bho àitichean poblach
  • chaidh gabhail ri poileasaidhean cuarantain sa chumantas gus daoine tinn a chumail air leth bho dhaoine fallain.
Gràbhalach-fiodha dathte de dhotairean a' dèiligeadh ri euslainteach anns na Meadhan AoiseanImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhalach-fiodha dathte de dhotairean a' dèiligeadh ri euslainteach anns na Meadhan Aoisean.
Back to top

A bheil a' phlàigh ann fhathast?

Tha plàigh fhathast ann an iomadh pàirt dhen t-saoghal.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha e air nochdadh ann an Sìona, Poblachd Dheamocratach a' Chongo agus Madagascar. Ged a bha na h-àireamhan ìosal.

Ach fiù 's ged a sgaoileadh a' phlàigh an-diugh, tha sinn a-nis a' tuigsinn gur e bacterium a tha ga adhbharachadh agus gabhaidh dèiligeadh ris gu h-èifeachdach le antibiotaigean.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top

More on Eòlas-leighis tro na linntean

Find out more by working through a topic