tv

Ann an iomadh dòigh, 's e na 󾱳òԲ a smaoinich air ùine shaor agus saor-làithean.

Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca
Image caption,
Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca

Na 󾱳òԲ agus saor-làithean banca

  • 'S ann air sgàth nam 󾱳òԲ a tha saor-làithean banca againn – làithean nuair a bha fiù 's na bancaichean dùinte.

  • Chante saor-làithean banca riutha chionn bha na bancaichean dùinte do ghnothachas air na làithean sin.

  • Tha na deitichean airson mòran dhe na saor-làithean banca a' tighinn bho làithean fèille traidiseanta stèidhichte air na àٳ𲹲.

  • Thòisicheadh a' comharrachadh fèilltean cràbhach na Nollaig agus na à agus làithean nan naomh timcheall air na h-aon dheitichean. B' e na làithean naomh seo làithean a bha daoine a bha ri obair àiteachais air an dùthaich a' gabhail dheth airson a dhol dhan eaglais gan comharrachadh. Chanadh iad holy days ris na làithean sin agus 's ann bhon sin a tha am facal holidays a' tighinn.

  • B’ e fear air an robh Sir John Lubbock a mhol na saor-làithean banca dhan phàrlamaid. Bha slàinte an luchd-obrach gu mòr air aire, agus bha e dhen bheachd gum biodh saor-làithean math do dhaoine.

  • Stèidhich Achd Pàrlamaid ann an 1871 na Saor-làithean Banca. Bha còig saor-làithean banca ann an Alba a bha a' gabhail a-steach Latha na Nollaig agus a' chiad Diluain san Lùnastal.

Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca
Image caption,
Sir John Lubbock, a' chiad fhear a smaoinich air saor-làithean banca
Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria
Image caption,
Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria.

Na 󾱳òԲ agus cur-seachadan

  • Dh'fhaodadh tu a ràdh gur e na 󾱳òԲ a thug dhuinn ùine shaor. Bha gnìomhachasan, diofar uairean-obrach agus suidheachadh obrach ùr a' ciallachadh gun robh làithean dheth aig daoine. Bha iad a' dèanamh tòrr leis an ùine shaor a bh' aca a-nis, agus thòisich iad mòran dhe na cur-seachadan a tha a' còrdadh rinn an-diugh.

  • Mar eisimpleir, b' ann an linn Bhictòria a chunnaic sinn a' chiad chlubaichean ball-coise a' tòiseachadh agus a' chiad phàircean cur-seachad.

  • Ach chan eil cuid dhe na rudan air an robh daoine measail ann an linn Bhictòria againn an-diugh. Bha an ٲ-ù caran coltach ri tèatar, agus bhiodh daoine a' dol a choimhead taisbeanadh anns am biodh tòrr a' tachairt mar seinn, comadaidh, draoidheachd agus beathaichean a' dèanamh rudan annasach. Thar ùine ge-tà, cha robh daoine cho measail air an ٲ-ù.

Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria
Image caption,
Prògram bho thalla-ciùil ann an linn Bhictòria.

A' dol sìos an abhainn

  • Bhiodh tu a' dèanamh diofar rudan air saor-làithean a rèir 's dè an clas sòisealta dham buineadh tu.

  • B' urrainn dhan chlas uachdarach saor-làithean fada a ghabhail. Bhiodh rudan mar sealg agus iasgach air oighreachdan dùthchail a còrdadh ri mòran.

  • 'S dòcha nach faigheadh an obair-chlas ach aon latha dheth. Air taobh an iar Alba, bha daoine a bha ag obair measail air a bhith a' dol air àٲ-𲹻󲹲 agus a' dol air chuairt sìos Abhainn Chluaidh gu àitichean mar Baile Bhòid agus Dùn Omhain. Chanadh daoine gun robh iad a' dol 'doon the watter' – a tha a' ciallachadh 'sìos an t-uisge' (an abhainn).

  • Bhiodh na ceudan mhìltean de luchd-tadhail a' dol a Bhaile Bhòid as t-samhradh no air saor-latha banca. Bha tòrr àitichean ann airson biadh agus deoch a ghabhail, agus bu toigh le daoine a bhith a' sìneadh air an tràigh dìreach mar a bhios sinne an-diugh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Bàta-phleadhag air Abhainn Chluaidh, Bàta-phleadhag a' togail oirre a-mach air Abhainn Chluaidh, a' toirt luchd-turais Bhictòrianach 'doon the watter'.
Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa
Image caption,
Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa.

Saor-làithean airson slàinte

  • Bha na 󾱳òԲ gu mòr airson gum biodh an slàinte nas fheàrr.

  • Bha iad dhen bheachd nan òladh iad agus nam bogadh iad iad fhèin ann an uisge fuarain, (uisge nàdarra no spa), gum biodh sin math dhan slàinte.

  • Dh'fhàs daoine measail air bailtean spa no taighean-òsta haidreo ann am bailtean mar Craoibh, Mofad agus na Puballan airson shaor-làithean fallain.

  • Dh'fhàs daoine measail air baile Srath Pheothair, faisg air Inbhir Nis, mar bhaile spa Bhictòrianach, agus bhiodh daoine a' tighinn às gach ceàrn dhen dùthaich a ghabhail nan uisgeachan aige.

  • Bha cuid de dh'amaran caran neònach ann an Spa Srath Pheothair. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu a dhol ann an amar mòna!

  • Bha daoine na bu mheasaile buileach air a bhith a' tadhal air Srath Pheothair nuair a ràinig an rèile am baile ann an 1885.

Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa
Image caption,
Postair a' sanasachd Srath Pheothair na bhaile spa.
Loidhne orains

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic