tv

Bha Ceit Chranston na tè-gnothaich shoirbheachail a chruthaich mòran seòmraichean-tì spaideil.

Cò bh' innte?

Rugadh Catriona (Ceit) Chranston ann an Glaschu air 27 Cèitean 1849.

Bha taighean-òsta aig an teaghlach Cranston ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Lunnainn.

Bhiodh am bràthair bu shine aig Ceit, Stuart, a' ceannach agus a' reic tì (duilleagan-tì). Thòisich e a' reic 'sampaill' de chupannan tì sa bhùth aige airson gum faigheadh daoine a feuchainn mus ceannaicheadh iad.

Bha Ceit dhen bheachd gum biodh daoine deònach pàigheadh airson tì a ghabhail còmhla ann an àite brèagha, agus dh'fhosgail i a' chiad seòmar-tì an Crown Luncheon Room ann an 1878, air Sràid Earra-Ghàidheal ann an Glaschu.

Dh'fhaodadh daoine cupa tì a ghabhail le ceapairean, cèicichean agus sgonaichean. Shoirbhich gu math leis an t-seòmar-tì agus dh'fhosgail Ceit trì eile:

  • air Sràid Ingram ann an 1888
  • air Sràid Buchanan ann an 1897
  • air Sràid Sauchiehall ann an 1903

B' e ceannard mionaideach a bh' innte. Bha cuid dhen bheachd nach robh i math dhan luchd-obrach aice agus nach robh iad a' faighinn ùine-fois gu leòr. Ach bhiodh i a' tadhal air an luchd-obrach aig an taigh agus a' dèanamh cinnteach gun robh biadh aca trì tursan san latha.

Chaochail Ceit Chranston ann an Glaschu air 18 Giblean 1934 – agus dh'fhàg i dà thrian dhen airgead aice aig na daoine bochda ann an Glaschu.

Carson a dh'fhàs daoine cho measail air seòmraichean-tì?

B' e bathar sòghail, daor a bh' ann an tì ro na 1830an. Bhiodh daoine beairteach ag òl tì aig an taigh. Bhiodh cuid a dh'fhireannaich bhon obair-chlas ag òl leann còmhla anns an taigh-sheinnse. Cha robh a leithid de rud ann ri seòmar-tì.

Bha deoch-làidir ag adhbharachadh thrioblaidean slàinte agus sòisealta ann an iomadh baile. Thòisich gluasad na stuamachd airson stad a chur air daoine bho bhith ag òl. Thug iadsan taic dha na seòmraichean-tì oir bha iad nan àite gun deoch-làidir anns am faodadh fireannaich coinneachadh.

Mar a bha daoine a' sìor fhàs measail air tì, thòisich planntachasan tì anns na h-Innseachan agus ann an Sìona a' fàs barrachd tì. Thug sin a-nuas na prìsean agus cha robh tì cho daor.

Ann an linn Bhictòria bha mòran dhen bheachd nach bu chòir do bhoireannaich a dhol a-mach leotha fhèin. Cha robh ach beagan àitichean ann far am faodadh boireannaich coinneachadh. Bha seòmraichean-tì sàbhailte do bhoireannaich coinneachadh còmhla agus chan fheumadh fireannach a bhith còmhla riutha airson an dìon. Ann an Seòmraichean-tì Chranston bha fiù 's seòmraichean aca do bhoireannaich a-mhàin.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, , Taigh-tì Miss Cranston's air Sràid Earra-Ghàidheal ann an Glaschu (thogadh an dealbh mu 1906).

Carson a bha Seòmraichean-tì Miss Cranston's cho sònraichte?

Bha fios aig Ceit Chranston gun robh barrachd an lùib na tì na dìreach a h-òl:

  • bha i cuideachd a' reic biadh math
  • bha na seòmraichean-tì air leth glan
  • bha an luchd-obrach a' toirt deagh sheirbheis
  • cha robh na prìsean ro dhaor
  • bha na seòmraichean brèagha agus air an deagh sgeadachadh

Bha Ceit a' toirt taic do luchd-ealain agus do luchd-dealbhaidh ionadail le bhith gam pàigheadh airson na seòmraichean-tì a dhealbhadh agus/no an sgeadachadh. Rinn luchd-ealain leithid Teàrlach Rennie Mac an Tòisich agus Mairead NicDhòmhnaill Nic an Tòisich obair dhi. Fhuair Stoidhle Mhic an Tòisich cliù air feadh an t-saoghail.

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic