tv

Bha Eliza Wigham ag iomairt air sràidean agus air cnuic Dhùn Èideann airson cur às do thràilleachd.

Faigh a-mach mu Eliza Wigham, a bha ag iomairt airson cur às do thràilleachd.

Image caption,
Dealbh de Eliza Wigham

Cò bh' innte?

Rugadh Eliza Wigham ann an Dùn Èideann air 23 Gearran 1820.

Bha teaghlach Eliza nam pàirt de bhuidheann creideimh air an robh na Cuaigearan. Tha Cuaigearan a' creidsinn ann an ìٳ agus anns a' bheachd gu bheil a h-uile duine co-ionann.

Cleas Chuaigearan eile, bha Eliza agus an teaghlach aice dhen bheachd gun robh ٰà𲹳 ceàrr. Bha iad airson crìoch a chur air ٰà𲹳 anns na Stàitean Aonaichte, far an robh daoine dubha air an ceannach 's air an reic mar chuid-seilbh.

Chaidh Eliza an sàs ann am buidheann air an robh Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann. An seo tha saorsa a' ciallachadh a bhith a' leigeil saor agus bha an comann airson gun tigeadh crìoch air ٰà𲹳 agus gun deidheadh tràillean Ameireaga a shaoradh.

An dèidh dhi gabhail dhan chomann, thug Eliza cuireadh do dhaoine a leithid an fhear ainmeil Frederick Douglass, a bha uair na thràill, tighinn a bhruidhinn ann an Dùn Èideann.

Chaochail Eliza ann am Baile Àtha Cliath air 3 Samhain 1899. Bha i 79.

Image caption,
Dealbh de Eliza Wigham

Tràilleachd ann an Ameireaga

  • Bha ٰà𲹳 ann an Ameireaga a' dol air ais gu na 1600an nuair a bha daoine air an toirt am bruid bhon dachaighean ann an Afraga an Iar. Bha iad air an cur dhan phrìosan agus air an cur air bàta a dh'Ameireaga.

  • Ann an Ameireaga bha aca ri obrachadh mar ٳà𲹲 ann an àiteachan air an robh planntachasan. Bha rudan mar cotan agus tombaca a' fàs air na planntachasan sin.

  • Thàinig ٰà𲹳 gu crìch ann an Ameireaga anns na 1860an. Aig an àm sin cha robh na Stàitean a Tuath a' ceadachadh ٰà𲹳, ach bha na Stàitean a Deas. B' e an deasbad seo air ٰà𲹳 fear dhe na prìomh adhbhair gun do thòisich cogadh eadar Tuath agus Deas.

  • Canar Cogadh Catharra Ameireaga ris a' chogadh agus mhair e ceithir bliadhna.

  • B' e an Ceann-suidhe Abraham Lincoln, a bha os cionn a' Chinn a Tuath, a bhuannaich an cogadh ann an 1865. Agus anns a' bhliadhna sin, thàinig ٰà𲹳 ann an Ameireaga gu crìch.

Tràilleachd agus Cogadh Catharra Ameireaga

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Dealbh de ٳà𲹲 air planntachas ann an Carolina a Deas ann an ceann an Ear-dheas Ameireaga ann an 1862, Tràillean air planntachas ann an Carolina a Deas ann an ceann an Ear-dheas Ameireaga. Bha a' mhòr-chuid de ٳà𲹲 beò ann an suidheachadh gràineil, agus cha robh iad air an coimhead às an dèidh gu math idir. Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1862.

Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann

  • Chaidh Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann a è𲹳󲹻 ann an 1833.

  • Bha an comann airson crìoch a chur air ٰà𲹳 ann an Ameireaga agus bha iad ag iomairt à Alba.

  • Airson innse do dhaoine dè bha a' tachairt, bhiodh an comann a' toirt cuireadh do dhaoine bruidhinn a-mach an aghaidh ٰà𲹳 aig coinneamhan poblach.

  • Bha Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann fhathast a' dol ann an 1870.

Loidhne orains

Saoghal Eliza Wigham - na daoine agus na h-àiteachan a bha cudromach dhi

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Seann dealbh de Eliza, a piuthar Jane, agus am bana-charaid Mary Estlin, San dealbh seo tha Eliza air an làimh chlì, tha piuthar Eliza, Jane, air an làimh dheis agus sa mheadhan tha am bana-charaid Mary Estlin. Chuir an triùir aca an aghaidh ٰà𲹳 ann an Ameireaga. An ìomhaigh le taing do Leabharlann Poblach Bhoston.

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic