±«Óătv

Chaidh mòran ghnìomhachasan ùra a stèidheachadh ann an Alba ann an linn Bhictòria. Faigh a-mach cò ris a bha na gnìomhachasan sin coltach dha na fir, na boireannaich agus dhan chloinn.

Faigh a-mach mu shuidheachadh obrach ann an factaraidh diut ann an Dun Dè ann an linn Bhictòria.

Bho thuathanasan gu factaraidhean

  • Ann an linn Bhictòria, bha Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ann an Alba.

  • Bha bailteachadh a' ciallachadh gun do ghluais mòran dhaoine bhon dĂąthaich dha na bailtean airson obair anns na muilnean, na factaraidhean no na ˛µĂ °ů°ů˛ąľ±»ĺłó±đ˛ą˛Ô-ľ±˛ą°ů˛ąľ±˛Ô˛Ô.

  • Bha a' mhòr-chuid de theaghlaichean bochd agus dh'fheumadh iad clann a chur a dh'obair nuair a bha iad 5 – bha lĂ mhan beaga feumail airson innealan a ghlanadh!

  • Cha robh daoine air am pĂ igheadh ma bha iad tinn, no a' faighinn taic ma bha tubaist no galar aca – dheigheadh dìreach cuideigin na d' Ă ite.

  • Ron Achd Factaraidh 10 uairean ann an 1847, dh'fhaodadh tu obrachadh suas ri 19 uairean san latha.

  • Bha obair cunnartach, agus ag adhbhrachadh ghalaran mar fiabhras muilne - ann an 1863 b' e 33 an dĂąil-aoise a bh' aig fireannach.

Loidhne orains
Chan eil ach stac an t-simileir air fhàgail de dh'obair an diut ann an Camperdown ann an Dùn Dè. An dealbh seo bho 1927.
Image caption,
Chan eil ach stac an t-simileir air fhàgail de dh'obair an diut ann an Camperdown ann an Dùn Dè. An dealbh seo bho 1927.

Dun Dè - Diutopolis

  • Bha an lus diut ga thoirt a-steach dhan rìoghachd Ă s na h-Innseachan. Bha innealan Ăąra ga dhèanamh na shnĂ ithlean lĂ idir airson pocannan agus bagaichean.

  • Bha DĂąn Dè mar-thĂ  air leth freagarrach airson gnìomhachas Ăąr mar seo oir bha muilnean aodaich, gĂ rraideah-bhĂ taichean agus gnìomhachas mhucan-mara ann a bha a' dèanamh ola muic-mhara a bha air a' chleachdadh airson snĂ ithlein gharbh an diut a dhèanamh bog.

  • Dh'fhĂ s daoine measail air diut air feadh an t-saoghail, agus b' ann an DĂąn Dè a bha a h-uile sgath dheth air a dhèanamh!

  • Dh'fhas na daoine a bha a' ruith nam muilnean – ris an cante Barain an Diut – uabhasach beairteach, ach bha an luchd-obrach aca bochd agus le pĂ igheadh truagh.

  • Mu dheireadh, stèidhich luchd nam muilnean factaraidhean anns na h-Innseachan oir bha barrachd prothaid ann an diut a dhèanamh far an robh e a' fĂ s. Chuir seo crìoch air na muilnean diut ann an DĂąn Dè.

Chan eil ach stac an t-simileir air fhàgail de dh'obair an diut ann an Camperdown ann an Dùn Dè. An dealbh seo bho 1927.
Image caption,
Chan eil ach stac an t-simileir air fhàgail de dh'obair an diut ann an Camperdown ann an Dùn Dè. An dealbh seo bho 1927.
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , 'S e seann mhuileann diut a tha anns na Verdant Works ann an Dùn Dè agus tha e a-nis na thaigh-tasgaidh. Gheibh thu a-mach mun ghnìomhachas agus chì thu na h-innealan a bha air an cleachdadh ann an linn Bhictòria.
Loidhne orains

'Baile nam Boireannach'

  • B' Ă bhaist gur e boireannaich a bhiodh ri obair-fighte agus b' e boireannaich a bh' ann an 70% de luchd-obrach an diut.

  • Cuideachd, b' fheĂ rr le Barain an Diut boireannaich agus clann fhastadh oir chan fheumadh iad uiread a phĂ igheadh dhaibh.

  • Chanadh iad 'kettle bilers' ri fir a bha gun obair oir dh'fheumadh iad fuireach aig an taigh a' còimhead Ă s dèidh leanaban agus a' dèanamh biadh.

  • Bha e uabhasach mì-chĂ ilear a bhith ag obair anns na muilnean diut – bhiodh an &#łć27;˛őłŮĂą°ů&#łć27; (sgòthan dust) a' dol na do shĂąilean na do bheul agus na do shròin agus bhiodh fuaim mòr nan innealan a' dèanamh dhaoine bodhar.

  • Bhiodh an luchd-obrach a' dèanamh comharran lĂ imhe agus òrain, airson conaltradh ri chèile.

More on µţłóľ±ł¦łŮò°ůľ±˛ą˛Ô˛ąľ±ł¦łó

Find out more by working through a topic