tv

Read: An Sgoil- Àrd-sgoil a' Chaisteil

Read An Sgoil: Àrd-sgoil a' Chaisteil below. It's an example of a piece of writing created using a writing plan. You can use the vocabulary list to help with unfamiliar words if you need to.

An Sgoil: Àrd-sgoil a' Chaisteil

Tha mise a' dol gu Àrd-sgoil a' Chaisteil ann an Àird nam Murchan. Tha mi letheach slighe tron chòigeamh bliadhna. Tha an sgoil againn beag agus is aithne dhomh a h-uile sgoilear agus tidsear.

Tha mi a' fuireach ann an sgìre iomallach agus mar sin, feumaidh mi bus fhaighinn dhan sgoil. Bidh am bus gam thogail aig cairteal gu ochd sa mhadainn. Bidh an turas dhan sgoil a' toirt cha mhòr uair a thìde – abair turas fada! Air a' bhus bidh mi a' suidhe ri taobh mo charaid, Eilidh. Bidh sinn a' còmhradh 's ag èisteachd ri ceòl.

Tha mi a' dèanamh mòran chuspairean anns an sgoil, leithid Beurla, Matamataig (feumaidh mi sin a dhèanamh), Ceòl, à, Ceimigeachd agus Ealain. 'S e Ealain an cuspair as fheàrr leam. Tha e glè fhurasta seach gu bheil mi glè mhath air dealbhan a pheantadh. Tha an tidsear Ealain agam uabhasach laghach agus taiceil. Tha i àrd agus cho caol ri bior, le falt fada bàn.

Is beag orm Matamataig seach nach eil mi idir math air – tha e ro dhoirbh. Mar as trice, tha an tidsear glè laghach ach bidh e greannach uaireannan. Is fhèarr leam Beurla na Matamataig – tha i nas fhasa agus nas inntinniche.

Taobh a-muigh a' chlas, bidh mi a' dèanamh mòran rudan spòrsail. Bidh mi a' cluich ball-coise ann an sgioba na sgoile. Bidh sinn a' trèanadh gach Dimàirt às dèidh na sgoile aig Pàirc Chaluim. Bidh sinn a' cluich gèam an aghaidh sgioba eile gach Disathairne. Disathairne seo tighinn, bidh sinn a' siubhal a Dhùn Èideann a' chluich an aghaidh sgoil ann an sin.

A bharrachd air ball-coise, bidh mi a' dol gu club dannsa Gàidhealach agus dannsa ballet. Is toigh leam a bhith a' dannsa – tha e spòrsail agus math airson do chumail fallain.

'S e an rud as fhèarr mun sgoil gu bheil mi a' faighinn cothrom a bhith a' gabhail pàirt ann am mòran rudan, leithid ball-coise agus an club dannsa. Tha mi an dùil fuireach san sgoil gus an cuir mi crìoch air an t-siathamh bliadhna. An dèidh seo tha mi ag iarraidh a dhol don Cholaiste Ealain ann an Glaschu.

More guides on this topic

Related links