tv

Stoidhle

òԲ

Mar as trice, cleachdaidh sgrìobhadairean tòna fhoirmeil ann am pìosan den t-seòrsa seo oir tha thu ag iarraidh gun cuir an leughadair earbsa sna rudan a tha thu ag ràdh.

Beachdaich air an diofar eadar:

Tha seo dìreach sgriosail nach eil, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn!!!!

'S e fìor dhroch shuidheachadh a th' ann gun teagamh, suidheachadh aig a bheil cruaidh fheum air fuasgladh.

Cò an sgrìobhadair san cuireadh tu earbsa agus carson? Tha beachdan làidir anns an dà eisimpleir, ach tha a' chiad eisimpleir coltach ri rabhd, an taca ris an dàrna eisimpleir sa bheil beachd làidir a tha air a chur an cèill ann an dòigh chiallach.

'S fhiach sùil a thoirt air pìosan sgrìobhaidh eile airson beachd fhaighinn air an stoidhle seo, mar eisimpleir artaigilean ann am pàipearan-naidheachd.

àԲ

Toisichean

A thuilleadh air an tòna a chleachdas tu, tha na faclan a chleachdas tu cudromach cuideachd. Tha e gu h-àraidh feumail dòighean diofraichte a bhith agad air 'Tha mi a' smaoineachadh...' no 'Tha daoine a' smaoineachadh...' a ràdh. Bhiodh e cuideachail liosta a bhith agad de na h-abairtean seo. Seo dhut toiseach-tòiseachaidh:

  • Tha mi den bharail...
  • Canaidh cuid...
  • Mura bheil mi air mo mhealladh
  • Tha... a' cumail a-mach gu bheil...
  • Cluinnear gu bheil...
  • Saoilidh mi gu bheil...
  • Thathar ag ràdh...

Ceanglaichean

Tha an dòigh san ceangal thu na beachdan cudromach. Cleachd toiseach sheantansan no pharagrafan airson seo a dhèanamh. Ma nì thu sin, thèid agad air togail air na rudan a chaidh a ràdh mar-thà. Feuch ri liosta a dhèanamh dhe na toisichean is na ceanglaichean seo. Seo dhut toiseach-tòiseachaidh:

  • Sa chiad dol-a-mach...
  • A thuilleadh air a sin...
  • Aig a' cheart àm...
  • Air an dara làimh...
  • Air an làimh eile...
  • Nuair a thig e gu h-aon 's gu dhà...

Sgilean sgrìobhaidh

Cleachdaidh sgrìobhadairean sgilean diofraichte sna pìosan aca airson buaidh a thoirt air an leughadair. Choimhead sinn mar-thà air eisimpleirean agus fianais. Ach, tha tuilleadh sgilean eile ann! Beachdaich air an liosta seo, is feuch ri cuid dhiubh a chleachdadh sa phìos agad.

SgilìԱ𲹳󲹻Eisimpleir
CoimeasanA' dèanamh coimeas eadar an cuspair air a bheil thu a' bruidhinn agus cuspair eileDè chanadh ar pàrantan nam bruidhneadh sinn riutha san dòigh sin?
Labhairt dhìreach ris an leughadairA' bruidhinn gu dìreach ris an leughadair, gu math tric gam moladhSmaoinich, a leughadair chiallaich, air an diofar a dhèanadh seo...
À𾱲𲹳󲹻A' leudachadh air an fhìrinnTha am baile a' cur thairis le luchd-turais a-nis,'s gann gun urrainn dhuinn gluasad
Ath-aithrisA' cleachdadh an aon fhacail no phuing corra uairTha an cothrom seo againn, an cothrom mìorbhaileach seo...
À󲹳Fealla-dhà mun chuspairBidh na farpaisich bhochd ann an àirde na teasaich
àԲ buaireasachàԲ a dhùisgeas faireachdainnean an leughadairTha an suidheachadh seo maslach!
Ceist reatoraigeachA' cur ceist ris nach eil dùil freagairtAn can mi an còrr?
SgilCoimeasan
ìԱ𲹳󲹻A' dèanamh coimeas eadar an cuspair air a bheil thu a' bruidhinn agus cuspair eile
EisimpleirDè chanadh ar pàrantan nam bruidhneadh sinn riutha san dòigh sin?
SgilLabhairt dhìreach ris an leughadair
ìԱ𲹳󲹻A' bruidhinn gu dìreach ris an leughadair, gu math tric gam moladh
EisimpleirSmaoinich, a leughadair chiallaich, air an diofar a dhèanadh seo...
SgilÀ𾱲𲹳󲹻
ìԱ𲹳󲹻A' leudachadh air an fhìrinn
EisimpleirTha am baile a' cur thairis le luchd-turais a-nis,'s gann gun urrainn dhuinn gluasad
SgilAth-aithris
ìԱ𲹳󲹻A' cleachdadh an aon fhacail no phuing corra uair
EisimpleirTha an cothrom seo againn, an cothrom mìorbhaileach seo...
SgilÀ󲹳
ìԱ𲹳󲹻Fealla-dhà mun chuspair
EisimpleirBidh na farpaisich bhochd ann an àirde na teasaich
SgilàԲ buaireasach
ìԱ𲹳󲹻àԲ a dhùisgeas faireachdainnean an leughadair
EisimpleirTha an suidheachadh seo maslach!
SgilCeist reatoraigeach
ìԱ𲹳󲹻A' cur ceist ris nach eil dùil freagairt
EisimpleirAn can mi an còrr?

Tha mòran a bharrachd sgilean ann a thathar a' cur gu feum, agus mar as trice a leughas tu pìosan san stoidhle seo, 's ann as motha a bhios an stòras agad!

More guides on this topic

Related links