tv

'S e aibhnichean mòra deighe a bhios a' gluasad thar na tìre a th' ann an eigh-shruthan. Nuair a leaghas iad, bidh iad a' tasgadh stuthan agus faodaidh feartan cruth-tìre a bhith air an cruthachadh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an tasgadh eigheadail
  • Mar a tha toll-coire air a chruthachadh
  • Dè th' ann an creag chonadail
  • Mar a tha Ǿè air a chruthachadh
  • Diofar fheartan ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ󲹲-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan tasgadh eigheadail ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan tasgadh eigheadail.

Dè th' ann an eigh-shruth?

  • 'S e tomad mòr, mòr deighe a' gluasad gu mall thar tìr a tha ann an eigh-shruth.
  • Nuair a tha eigh-shruth a' gluasad, faodaidh e an tìr a agus feartan bleith eighichte a chruthachadh mar coireachan, arêtes agus stùcan pioramaideach.

A bharrachd air a bhith a' bleith na tìre, nuair a bhios eigh-shruthan a' gluasad, bidh iad a' cruthachadh feartan inntinneach cruth-tìre air sgàth .

Tasgadh

  • Ann an Linn na Deighe, bha eigh-shruthan a' gluasad gu mall thar na tìre a' giùlan stuthan mar gainmheach, clachan agus creagan.
  • Aig deireadh Linn na Deighe (o chionn mu 10,000 bliadhna) bha na h-eigh-shruthan a' leaghadh.
  • Nuair a bhios deigh a' leaghadh, bidh an stuth a ghiùlain an deigh a' sgaradh ann am fillidhean agus air a leigeil sìos, no air a , anns an uisge-aiteimh.

Tuill-coire

  • Faodaidh cnapan mòra deigh mharbh a bhith cha mhòr air an tiodhlacadh leis na tasgaidhean gainmhich agus grinneil. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll-coire air fhàgail.
  • 'S dòcha gun lìon tuill-coire le uisge agus gun tèid loch toll-coire a chruthachadh, mar Loch Mhùrlaig agus tuill-coire nan Uath Lochan.
  • Tha a' ghainmheach a bhios mun cuairt tuill-coire diofraichte bhon ghainmhich a bhios air tràigh ris a' mhuir. Chaidh a' ghainmheach seo a thasgadh le eigh-shruthan agus tha i air a dèanamh le gainmheach, eabar, crèadh agus grinneal.

Mar a tha toll-coire air a chruthachadh

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Cnap mòr deighe air a leth thiodhlacadh le tasgaidhean gainmhich is grinneil, 1. Tha cnap mòr deighe air a leth thiodhlacadh le tasgaidhean gainmhich is grinneil.

Creagan conadail

Ulabhagan mòra creag chonadail air Eilean Eige anns na h-Eileanan A-staigh
Image caption,
Ulbhagan creag chonadail air Eilean Eige anns na h-Eileanan A-staigh. (robertharding / Alamy Stock Photo)
  • Bidh eigh-shruthan cuideachd a' giùlan agus a' tasgadh ulbhagan agus creagan mòra le cruthan annasach ris an canar creagan conadail.
  • 'S àbhaist gum bi creagan conadail nan aonar seach ann nan dùn.
  • Tha iad glè thric air an dèanamh de chreag nach eil ri faighinn anns an sgìre. Tha creagan conadail nam measgachadh de chreagan agus de stuthan a chaidh a tharraing à àitichean eile air slighe na h-eigh-shruth.
Ulabhagan mòra creag chonadail air Eilean Eige anns na h-Eileanan A-staigh
Image caption,
Ulbhagan creag chonadail air Eilean Eige anns na h-Eileanan A-staigh. (robertharding / Alamy Stock Photo)

ѴǾèԱ𲹲

ѴǾèԱ𲹲 faisg air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Image caption,
ѴǾèԱ𲹲 faisg air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. (Richard Webb / Geograph)

'S e druim cumhang no cnoc air a chruthachadh le ùir agus creagan a chaidh a phutadh a-null le eigh-shruth a' gluasad a th' ann am Ǿè.

Tha dà phrìomh sheòrsa ann:

  • Ǿè taobhach a chaidh a chruthachadh ri taobhan eigh-shruth
  • Ǿè ì a chaidh a chruthachadh aig ìdz eigh-shruth
ѴǾèԱ𲹲 faisg air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Image caption,
ѴǾèԱ𲹲 faisg air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. (Richard Webb / Geograph)
Back to top

Prìomh fhacail

è-ܳٳ - Abhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.

feartan eigheadail - Feartan cruth-tìre a chruthaich eigh-shruthan.

tasgadh eigheadail - Nuair a bhios eigh-shruth a' leigeil sìos stuthan, mar creagan agus clachan, agus gam fàgail às a dhèidh.

Linn na Deighe - Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe.

toll-coire - Toll air a chruthachadh nuair a steigeas eigh-shruth agus a thèid a thiodhlacadh ann an gainmheach 's ann an grinneal. Nuair a leaghas an deigh, bidh toll-coire air fhàgail.

loch toll-coire – Toll-coire a tha air lìonadh le uisge.

creag chonadail – Creagan no ulbhagan air a thasgadh le eigh-shruth. Tha iad glè thric leotha fhèin agus tha iad air an dèanamh de chreag nach faighear gu h-àbhaisteach san sgìre.

Ǿè - Druim cumhang no cnoc air a chruthachadh le ùir agus creagan a chaidh a phutadh a-null le eigh-shruth a' gluasad. Faodaidh Ǿè a bhith air a chruthachadh ri taobhan eigh-shruth (Ǿè taobhach) no aig ìdz eigh-shruth (Ǿè ì).

Back to top

Map de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

'S e Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a' Ghàidhealtachd a' phàirce nàiseanta as motha san RA. Tha a' phàirce mhòr seo làn bheanntan, slighean coille, aibhnichean, lochan, fiadh-bheatha agus bailtean beaga.

Seall air a' mhap seo agus chì thu far a bheil Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus cuid dhe na prìomh àitichean agus na feartan a tha innte.

Map de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

ù

Dèan bileag mu aon dhe na pàircean nàiseanta ann an Alba.

'S e sgìre a chuir riaghaltas an dara taobh airson an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh a th' ann am pàirc nàiseanta. Tha dà phàirc nàiseanta ann an Alba:

  • Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
  • Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean

Rannsaich aon dhe na pàircean nàiseanta agus dealbhaich bileag.

Smuain no dhà airson tòiseachadh:

  • Càit a bheil a' phàirce nàiseanta? An tèid agad air map a dhèanamh a' sealltainn far a bheil i?
  • An tèid agad air na prìomh fheartan ainmeachadh? A bheil coilltean sònraichte, beanntan no lochan anns a' phàirce?
  • Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dèanamh na bileig, gheibh thu a-mach barrachd an seo: Mar a nì thu bileag

Caisteal Bhaile Mhoireil. video

Tha Caisteal Bhaile Mhoireil dìreach deas air Uisge Dhè ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Faigh a-mach barrachd mu cheangal rìoghail a' chaisteil.

Caisteal Bhaile Mhoireil

Coilltean. revision-guide

Tha Isla agus Connor air chuairt ann an coille ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean.

Coilltean
Back to top

More on ܳٳ󲹲-ì

Find out more by working through a topic