tv

Tha mòran de fheartan a' chladaich againn air an cruthachadh le tasgadh. Sin nuair a bhios am muir a' leigeil às gainmheach, creagan agus clachan a bha e a' giùlan.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a bhios tasgadh a' cruthachadh diofar fheartan cladaich
  • Dè th' ann an drioftadh fad-cladaich
  • Fiadh-bheatha ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean ܳٳ󲹲-ì airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air tasgadh cladaich air a' chladach mu thimcheall Obar Dheathain.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan tasgadh cladaich.

Tasgadh cladaich

Daoine a' coiseachd air ٰà Obar Dheathain air latha sgòthach
Image caption,
'S e pìos dhen tìr a bhios a' sgaradh sgìre a-staigh air an tìr bho sgìre uisge a th' ann an ٰà, mar Tràigh Obar Dheathain a tha ris a' mhuir. (Retouch UK / Alamy Stock Photo)
  • 'S e an cladach an tìr ri taobh na mara. 'S e an costa a' chrìoch eadar muir agus tìr.
  • Tha mòran dhe na feartan air a' chladach air an cruthachadh le tasgadh. Bidh seo a' tachairt nuair a bhios am muir a' call lùth. Bidh am muir a' giùlan stuthan mar gainmheach agus molagan agus gan leagail nuair nach eil lùth gu leòr anns a' mhuir airson an giùlan.
  • Canar ù ri stuth bho ghrunnd na mara leithid gainmheach agus molagan. Bidh seo air a thogail, air a ghiùlan le gluasad na mara, agus air a leagail, no air a thasgadh.
  • Tha ٰà𲹲 air an cruthachadh bho thasgaidhean ùe. Sin an t-adhbhar a gheibhear iad air a' chladach. Bidh iad a' sgaradh mòr-thìr bho sgìre uisge mar loch no muir.
Daoine a' coiseachd air ٰà Obar Dheathain air latha sgòthach
Image caption,
'S e pìos dhen tìr a bhios a' sgaradh sgìre a-staigh air an tìr bho sgìre uisge a th' ann an ٰà, mar Tràigh Obar Dheathain a tha ris a' mhuir. (Retouch UK / Alamy Stock Photo)

Drioftadh fad-cladaich

Canar drioftadh fad-cladaich ris a' phròiseas anns a bheil stuthan air an gluasad ris a' chladach.

  1. Bidh tuinn air fiaradh nuair a bhios iad a' tighinn chun a' chosta.

  2. Bidh sluaisreadh na mara a' giùlan ù suas an ٰà air fiaradh.

  3. Bidh ais-shluaisreadh a' toirt ù sìos an ٰà le grabhataidh – aig ceàrn ceart ris an ٰà.

  4. Bidh seo a' toirt air ù fiaradh a-null is a-nall an ٰà.

Diagram a' sealltainn fiaradh a-null is a-nall ann an drioftadh fad-cladaich

Feartan tasgadh cladaich

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Coilleagan feurach air ٰà le gainmheach gheal, Coilleagan Bidh coilleagan air an cruthachadh nuair a shiabas a' ghaoth gainmheach a-steach a dh'àitichean fasgach. Tha còrr is 500 cilemeatair ceàrnagach de choilleagan gainmhich ann an Alba, nam measg na coilleagan seo ann an Arcaibh. (David Robertson / Alamy Stock Photo)
Back to top

Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh

'S e Forbhaidh aon dhe na Tèarmainn Nàdair Nàiseanta ann an Alba. 'S e talamh air a chur a thaobh airson agus fiadh-bheatha a dhìon a th' ann an tèarmann nàdair.

Tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh ainmeil airson nan coilleagan mòra a th' ann, àٳ󲹳 leathann agus Abhainn Ythan. Tha iomadh seòrsa eòin agus lusan agus beathaichean eile anns an tèarmann.

Map de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Tràigh Fhorbhaidh

Beathaichean ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Paidhir steàrnagan-mòra, ٱàԲ-ò Tha iomadh eun an urra ri tèarmainn nàdair, mar Tràigh Fhorbhaidh, airson a bhith beò. Chithear steàrnagan-mòra is iad a' cumail sùil a-mach airson èisg bheaga a dh'itheas iad. (David Osborn / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • costa – Far am bi an tìr a' coinneachadh ris a' mhuir. Canar cladach ris cuideachd.
  • ٰà – Pàirt dhen tìr a bhios a' sgaradh sgìre bho sgìre uisge, mar loch no muir. Mar as trice bidh gainmheach air ٰà.
  • àԲ – Far am bi beathach no lus a' fuireach agus a' fàs.
  • drioftadh fad-cladaich – Stuth mar gainmheach agus clachan a' gluasad ris a' chladach air sgàth gluasad nan tonn. Bidh na tuinn a' gluasad stuthan a-null is a-nall ris a' chladach.
  • sluaisreadh – Tuinn a tha a' ghaoth a' putadh suas air an ٰà air fiaradh.
  • ais-shluaisreadh – Tuinn a bhios a' dol air ais sìos claonadh nàdarra na tràghad a dh'ionnsaigh na mara.
  • tasgadh – Nuair a bhios stuthan air an leagail no air am fàgail. Nuair a chailleas am muir a lùth, bidh e a' leagail an stuth a bha e a' giùlan.
  • coilleagan gainmhich – Dùn no tom gainmhich a shiab a' ghaoth no tuinn suas gu tìr.
  • teanga – Pàirt de thràigh a bhios a' ceangal ris a' phrìomh phàirt dhen tìr aig aon cheann a-mhàin. Bidh iad air an cruthachadh far a bheil cùrsa a' chosta ag atharrachadh.
  • fideach – Pàirt dhen chosta a bhios a' lìonadh agus a' tràghadh le sàl a bhios na làin-mhara a' toirt a-steach. Bidh iad air an cruthachadh air cùl teanga nuair nach eil an t-uisge a' gluasad mòran agus mar sin thèid barrachd stuth a thasgadh.
  • àٳ󲹳 – Sgìre eabarach ris a' chost no far am bi aibhnichean a' coinneachadh muir no cuan.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

ù

Cruthaich bileag mu aon dhe na tèarmainn nàdair costail ann an Alba.

Dh'ionnsaich sinn mu Thèarmann Nàdair Nàiseanta Fhorbhaidh anns an artaigil seo, ach tha iomadh eile ann an Alba.

Dèan rannsachadh air Tèarmann Nàdair Nàiseanta faisg ort. Dealbhaich bileag a bhrosnaicheadh daoine gus tadhal air an tèarmann agus coimhead às a dhèidh.

Seo eisimpleirean de thèarmainn nàdair far am faic thu feartan tasgadh cladaich.

  • Tèarmann Nàdair Nàiseanta Tentsmuir
  • Tèarmann Nàdair Nàiseanta Taighnis
  • Tèarmann Nàdair Nàiseanta Loch Fleòid
  • Tèarmann Nàdair Nàiseanta Eaglais Chiric

Beachdan tòiseachaidh:

  • Càit a bheil an tèarmann nàdair? An tèid agad air map a dhèanamh a sheallas far a bheil e?
  • An dèan thu liosta dhe na prìomh fheartan aige? A bheil coilleagan gainmhich ann, fideachan no fiadh-bheatha shònraichte?
  • Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dèanamh bileag, gheibh thu cuideachadh a seo: Mar a nì thu bileag
Back to top

More on ܳٳ󲹲-ì

Find out more by working through a topic