tv

Bidh daoine a' siubhal gu costa Siorrachd Àir airson diofar adhbharan agus a' cleachdadh diofar sheòrsachan còmhdhail.

Back to top

Prìomh phuingean

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • bhith a' dol 'doon the watter'
  • na diofar sheòrsachan còmhdhail
  • steach-mhalairt agus mach-mhalairt

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dara Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Bhidio

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' siubhal eadar Glaschu agus an t-Sròn Reamhar.

Back to top

Saor-làithean air costa Siorrachd Àir

Image caption,
'S e an Waverley am bàta-smùid pleadhaig a bhios a' dol gu muir mu dheireadh anns an t-saoghal. Air an cuir air bhog ann an 1946, tha i a-nis a' toirt luchd-turais air cuairtean-mara air Chluaidh, no air tursan timcheall pàirtean eile den RA a' toirt a-steach Innse Gall, Liverpool, an costa a deas agus Lunnainn. (Rodney Hutchinson / Alamy Stock Photo)

Ann an Linn Bhictòria, bhiodh mòran dhaoine à Glaschu a' siubhal gu bailtean cladaich air Linne Chluaidh agus Costa Siorrachd Àir airson nan saor-làithean.

B' e siubhal air bàta fear dhe na dòighean a bha a' còrdadh ri daoine. Bha turasan mar seo aithnichte mar a' dol doon the watter (sìos an t-uisge no an abhainn).

A' tòiseachadh ann an 1812, bhiodh seirbheisean a' seòladh sìos Abhainn Chluaidh gu bailtean mar Dùn Omhain, Baile Bhòid, Port a' Mhuilinn agus an Leargaidh Ghallta. Bidh am àٲ-𲹻󲹾 Waverley fhathast a' toirt luchd-turais agus luchd-siubhail air cuairtean sìos Abhainn Chluaidh agus mun cuairt phàirtean eile dhen Rìoghachd Aonaichte.

Nuair a chaidh an rèile a thogail anns na 1830an, 40an agus 50an, b' urrainn do dhaoine cuideachd siubhal chun a' chosta air trèan. Bha trèanaichean a' ciallachadh gun robh e na bu luaithe agus na bu shaoire siubhal gu na tràghannan anns An Truthail, Inbhir Àir agus Inbhir Gharbhain.

Nuair a thòisich daoine a' faighinn chàraichean agus a bha na rathaidean na b' fheàrr, bha e luath agus furasta siubhal bho na bailtean gu na tràghannan. A-nis bidh mòran dhaoine a' siubhal chun a' chosta airson cuairt latha seach airson saor-làithean fada.

Image caption,
'S e an Waverley am bàta-smùid pleadhaig a bhios a' dol gu muir mu dheireadh anns an t-saoghal. Air an cuir air bhog ann an 1946, tha i a-nis a' toirt luchd-turais air cuairtean-mara air Chluaidh, no air tursan timcheall pàirtean eile den RA a' toirt a-steach Innse Gall, Liverpool, an costa a deas agus Lunnainn. (Rodney Hutchinson / Alamy Stock Photo)
Map a' sealltainn àitichean còrdte airson shaor-làithean ann an Sìorrachd Àir
Figure caption,
Map a' sealltainn àitichean còrdte airson shaor-làithean air costa an iar Alba

Saor-làithean thall thairis

Bha a' mhòr-chuid de dh'Albannaich a' cur seachad nan saor-làithean ann an Alba no an àiteigin eile anns an Rìoghachd Aonaichte suas gu na 1970an. B' ann an uair sin a rinn siubhal adhair saor agus saor-làithean ann an dùthchannan mar An Spàinn, Portagail no A' Ghrèig na bu shaoire.

Is toigh le mòran dhaoine a bhith a' siubhal far a bheil an t-sìde teth agus grianach nas trice, no far an urrainn dhaibh tadhal air àiteachan ùa.

Bidh cuid a' gabhail shaor-làithean ann an Alba no anns an RA oir faodaidh nach bi e cho daor no air sgàth 's gu bheil iad airson an dùthaich aca fhèin a rannsachadh. Faodaidh cuideachd gur e roghainn a thaobh na h-àrainneachd a th' ann gun siubhal air plèan airson a dhol air saor-làithean – bidh plèanaichean a' cruthachadh tòrr carbon dà-ogsaid agus sin fear dhe na h-adhbharan airson atharrachadh na gnàth-shìde.

Ann an Alba tha a' mhòr-chuid de phlèanaichean luchd-turais a' falbh bho na puirt-adhair anns na bailtean mòra mar Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain. Cha bhi uiread de luchd-turais a' falbh à Port-adhair Phreastabhaig ach tha e trang mar phort-adhair carago.

Back to top

Diofar sheòrsachan còmhdhail

Cha bhi mòran an-diugh a' siubhal doon the watter air bàta. Bidh a' mhòr-chuid a-nis a' cleachdadh an rathaid no an rèile airson siubhal chun a' chosta no sìos an costa. Tha slighean saidhclidh ann cuideachd a bheir daoine air baidhsagal a' mhòr-chuid dhen t-slighe eadar costa Siorrachd Àir agus Glaschu.

Tha an dà chuid buannachdan agus eas-bhuannachdan aig na dòighean siubhail sin uile. Saoil dè bhiodh annta sin? Cliog air na taban gu h-ìosal airson faighinn a-mach.

Baic

Bus no coidse

à

հè

Back to top

Carson a bhios daoine a' siubhal chun a' chosta?

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, , Air gnothach Tha baile Inbhir Àir air a bhith na ionad-malairt is gnothachais bhon 13mh linn. Aig aon àm, b’ e am port bu mhotha a bha ann an Alba. Bha clòimh, iasg agus barran mar buntàta air am mach-mhalairt à Inbhir Àir. Bha fìon agus salann air an steach-mhalairt. (Derek Copland / Alamy Stock Photo)
Back to top

A' giùlan bathar

Chan ann a-mhàin do dhaoine a tha còmhdhail. A h-uile latha, tha na rathaidean againn, an rèile, puirt agus puirt-adhair trang a' gluasad air feadh na dùthcha.

Smaoinich mun stuth a bhios tu a' cleachdadh a h-uile latha – biadh, aodach, àirneis, leabhraichean, uidheamachd eileagtronaigeach, stuthan toidhleat agus iomadh rud eile. Chaidh a h-uile càil a ghiùlan bho far an do dh'fhàs e no far an deach a dhèanamh gu bùithean no taighean-stòraidh, no gu do dhachaigh no chun na sgoile.

'S e tuarasan goirid, ionadail a bhios ann an cuid dhe na turasan sin. Tha stuthan eile air an giùlan thar nam mìltean mhìltean air feadh an t-saoghail. Nuair a tha bathar air a ghiùlan a-steach no a-màch à dùthaich, canaidh sinn steach-mhalairt agus mach-mhalairt ris.

Steach-mhalairt agus mach-mhalairt

Image source, Purepix / Alamy Stock Photo

'S e steach-mhalairt nuair a tha cuideigin a' toirt bathar no seirbheisean a-steach a dhùthaich.

Mar eisimpleir, tha orainsearan air an steach-mhàlairt a dh'Alba às An Spàinn.

Image source, Purepix / Alamy Stock Photo
Image source, www.pqpictures.co.uk / Alamy Stock Photo

'S e mach-mhalairt nuair a bathar no seirbheisean air an cur a-mach às an dùthaich gu dùthchannan eile.

Mar eisimpleir, tha iasg agus maorach air am mach-mhalairt à Alba dhan Roinn Eòrpa, Ameireaga a Tuath, Sìona agus Iapan.

Image source, www.pqpictures.co.uk / Alamy Stock Photo

Ciamar a tha bathar air a steach-mhalairt agus air a mhach-mhalairt?

Image caption,
Tha na milleanan thunnachan carago a' dol tro Phort Inbhir Ghrainnse gach bliadhna. (Peter Devlin / Alamy Stock Photo)

Tha steach-mhalairt agus mach-mhalairt bathair ga dhèanamh tro phuirt agus tro phuirt-adhair Alba.

'S e Port Inbhir Ghrainnse am prìomh cheangal bathair ann an Alba. Bho 2023, tha còrr is naoi millean de charago a' dol tron phort gach bliadhna. Tha bàtaichean carago air an cleachdadh airson uireadan mòra bathair a tharraing air cosgaisean ìosal, ach faodaidh turasan a bhith slaodach. Bidh Inbhir Ghrainnse a' làimhseachadh biadh agus deoch, connaidhean agus bathar stàilinn agus fiodh.

'S e Port-adhair Dhùn Èideann am port-adhair as motha airson carago ann an Alba. Tha plèanaichean tric air an cleachdadh airson bathar a tharraing ma tha feum air am badeigin ann an cabhag, no ma dh'fheumas e a bhith ù. Tha frachd adhair nas luaithe na bàtaichean ach tha e cuideachd nas cosgaile agus ag adhbharachadh barrachd eimiseanan carbon. Bidh puirt-adhair Alba a' làimhseachadh bathar mar iasg agus maorach, agus cuid de chungaidhean leighis.

Image caption,
Tha na milleanan thunnachan carago a' dol tro Phort Inbhir Ghrainnse gach bliadhna. (Peter Devlin / Alamy Stock Photo)

Buaidh air an àrainneachd

Tha buaidh mhòr aig steach-mhalairt agus mach-mhalairt air an àrainneachd.

Faodaidh tarraing bathair thar astaran mòra tòrr carbon dà-ogsaid adhbharachadh. 'S e aon dòigh air an uiread de ghasaichean taigh-glainne a bheagachadh bathar a cheannach a tha air a dhèanamh, no a' fàs, anns an sgìre ionadail.

Back to top

  • frachd – bathar air a ghiùlan le làraidhean, trèanaichean, bàtaichean no plèanaichean.

  • a' dol 'doon the watter' (sìos an abhainn) – a' gabhail cuairt no saor-làithean à Glaschu sìos Abhainn Chluaidh no air costa Siorrachd Àir.

  • àٲ-𲹻󲹾 – soitheach no bàta ag obrachadh le einnsean-smùide. Bidh an smùid a' cur car de chuibheall pleadhaig a bhios a' putadh a' bhàta tron uisge.

  • steach-mhalairt – a' toirt bathar no seirbheisean a-steach dhan dùthaich.

  • mach-mhalairt – a' cur bathar no seirbheisean a-mach às an dùthaich.

  • puirt – bailtean le cala no dòigh air faighinn gu uisge far am bi bàtaichean air an luchdadh agus air am falamhachadh.

  • eimiseanan carbon – carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na talmhainn, agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

  • atharrachadh na gnàth-shìde – an t-atharrachadh anns an t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh-uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air atharrachadh fad eachdraidh na Talmhainn, ach tha an t-atharrachadh sa ghnàth-shìde an-dràsta a-mach air a' mheudachadh ann an teòthachd na cruinne.

  • tunna – mìle cileagram.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top