tv

'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail. Tha iad uile nam bunan lùth neo-ath-nuadhachail agus tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde a bhith gan cleachdadh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an connaidhean-fosail
  • Mar a tha connaidhean-fosail air an cruthachadh
  • Carson a bhios sinn a' cleachdadh chonnaidhean-fosail
  • Buannachdan agus eas-bhuannachdan nan connaidhean-fosail

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd do C5, C6 agus C7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Dè th' ann an connaidhean-fosail?

Chaidh connaidhean-fosail a chruthachadh thar nam milleanan bhliadhnaichean bho fhuigheall bheathaichean is lusan marbh.

  • Tha gual a' tighinn bho chraobhan agus lusan.

  • Tha ola agus gas a' tighinn bho bheathaichean beaga bìodach 's bho lusan (planctan) sa mhuir.

Bha am fuigheall seo air a thiodhlacadh fo fhillidhean gainmhich is puill agus air a fon talamh agus fo ghrunnd na mara. Mar a dh'èirich an teòthachd agus am bruthadh thar ùine, chaidh iad mu dheireadh nan connaidhean-fosail.

Carson a tha iad air an cleachdadh?

Gabhaidh na gu lèir a losgadh airson an lùth aca a leigeil mu sgaoil:

  • tha gas air a chleachdadh mar theasachadh meadhain nar dachaighean
  • tha ola air a cleachdadh airson connadh peatroil agus ìDz a dhèanamh do à𲹲 agus do charbadan eile
  • gabhaidh gual a losgadh ann an teine fosgailte airson taighean a bhlàthachadh

Gabhaidh na connaidhean-fosail gu lèir a losgadh ann an stèiseanan cumhachd airson dealan a ghintinn. Tha feuman cudromach eile aca cuideachd:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Stàilinn (bho ghual) Tha gual air a chleachdadh airson iarann a dhèanamh na stàilinn, a tha air a chleachdadh airson togail agus airson a h-uile seòrsa charbhadan is innealan. (Andrew Paterson / Alamy Stock Photo ; Anton Starikov / Alamy Stock Photo)

Ciamar a bhios sinn ag atharrachadh chonnaidhean-fosail gu lùth?

'S e gas an connadh-fosail as motha a tha air a chleachdadh ann an Alba agus tha e ri fhaighinn fo ghrunnd na mara.

  • Bidh clàr-tollaidh gas a' drileadh sìos a ghrunnd na mara. Tha gas air a phumpadh tro phìoban suas chun a' chlàir-tollaidh.
  • Bidh loidhne-phìoba gas nàdarra a' pumpadh a' ghas gu stèisean cumhachd.
  • Bidh a' cur èadhar theth, ùٳ󲹾ٱ a-steach dhan ghas.
  • Bidh an gas a' losgadh agus bidh an lùth ceimigeach aige ag atharrachadh gu lùth teas. Bidh seo a' toirt air an èadhar fàs nas teotha agus meudachadh.
  • Bidh lùth teas ag atharrachadh gu lùth cineataigeach mar a bhios an èadhar theth, mheudaichte air a putadh tro phìoban gu tuirbinean.
  • Bidh an èadhar theth a' tionndadh .
  • Mu dheireadh, bidh na tuirbinean a' tionndadh a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu dealan.
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, , Clàr-ola agus clàr-tollaidh gas ann an Linne Chrombaidh ann an Alba. (Douglas Carr / Alamy Stock Photo)
Stèisean cumhachd gas
Image caption,
Ann an stèisean cumhachd, bidh seòmar losgaidh a' cur èadhar theth, ùٳ󲹾ٱ a-steach dhan ghas, agus a' tionndadh an tuirbin. Bidh an tuirbin an uair sin a' tionndadh gineadair a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.

Dè na duilgheadasan a tha an cois chonnaidhean-fosail?

  1. Tha iad neo-ath-nuadhachail

Tha connaidhean-fosail a' teirigeachdainn chionn gu bheil iad . Thug e na milleanan bhliadhnaichean gan cruthachadh agus tha daoine air tòrr chonnaidhean-fosail a thoirt às an talamh mar-thà.

  1. Bidh iad a' milleadh na h-àԲԱ𲹳

Tha connaidhean-fosail salach agus chan eil iad math dhan . Nuair a tha connaidhean-fosail gan losgadh, bidh carbon dà-ogsaid ga chruthachadh agus bidh sin a' glacadh teas bhon Ghrèin ann an àile na Talmhainn. Seo fear dhe na h-adhbharan airson .

Tha gasaichean eile cuideachd gan leigeil mu sgaoil agus ag adhbharachadh truailleadh a tha dona dha ar slàinte agus do nithean beò eile. Faodaidh aoidionan ola agus talamh agus uisge a thruailleadh agus cron a dhèanamh air fiadh-bheatha.

  1. Faodaidh iad a bhith cunnartach

Faodaidh obair air crainn-ola agus crainn-gas a bhith cunnartach. Faodaidh tubaistean daoine a mharbhadh no a leòn.

Image caption,
Tha connaidhean-fosail a' cur ri blàthachadh na cruinne agus faodaidh iad truailleadh adhbharachadh mar a thachair nuair a dhòirt an ola a thruaill an tràigh seo ann an Thailand. (Piti A Sahakorn / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan chonnaidhean-fosail

Buannachdan

  • Tha e saor connaidhean-fosail atharrachadh gu lùth agus tha iad earbsach. Nì iad lùth fad na h-ùine, agus nuair a thèid ola, gas no gual a lorg, mar as trice bidh uireadan mòra ann.

  • Bidh iad a' cur ri tòrr rudan feumail a dhèanamh, mar eisimpleir rudan air an dèanamh bho stàilinn agus a' mhòr-chuid de phlastaigean.

  • Gabhaidh connaidhean-fosail an stòradh agus an giùlan. Tha seo a' ciallachadh gu bheil e furasta an cleachdadh mar chonnadh do à𲹲 agus carbadan eile, no airson taighean anns nach eil dealan a theasachadh.

Eas-bhuannachdan

  • Tha connaidhean-fosail salach, agus nuair a thèid rudan ceàrr, faodaidh iad truailleadh adhbharachadh a tha dona dhan àԲԱ𲹳. Faodaidh ola dòrtadh, agus gas aoidion, agus am muir, an costa, an talamh no aibhnichean a thruailleadh. Faodaidh seo fiadh-bheatha a mhilleadh no a mharbhadh.

  • Tha e cunnartach a bhith a' faighinn cuid de chonnaidhean-fosail. Tha iomadh eisimpleir ann de thubaistean ann am mèinnean-guail agus air crainn-ola a leòn agus a mharbh luchd-obrach.

  • Tha connaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail agus mar sin, nuair a chleachdas sinn iad, teirigidh iad.

  • Tha losgadh chonnaidhean-fosail dona dhan àԲԱ𲹳 agus 's e fear dhe na rudan as motha a tha a' cur ri .

  • Tha losgadh chonnaidhean-fosail a leigeil truailleadh èadhair mu sgaoil. Tha seo dona dha ar slàinte, (gu h-àraid do dhaoine air bheil an sac no tinneas-cridhe). Tha e cuideachd dona do shlàinte bheathaichean.

Back to top

neo-ath-nuadhachail - Tha stòrasan nàdarra nach urrainn dhuinn ath-nuadhachadh nuair a theirigeas iad neo-ath-nuadhachail. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail, mar gual, ola agus gas nan goireasan neo-ath-nuadhachail.

creag ghrùideach - Creag air a dèanamh nuair a tha grùid, mar gainmheach, poll agus molagan a' dol nam fillidhean. Thar ùine, bidh na fillidhean air an ùٳ󲹻 fo bharrachd is barrachd fillidhean de ghrùid. Mu dheireadh, bidh teas agus bruthadh ag atharrachadh nam fillidhean gu bhith nan creag. Faodaidh creag ghrùideach a bhith air a cruthachadh ann am fàsaichean, lochan, aibhnichean agus cuantan.

atharrachadh na gnàth-shìde - An t-atharrachadh san t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air a bhith ag atharrachadh riamh ann an eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh a-mach air àrdachadh san teòthachd chruinneil.

blàthachadh na cruinne - Am meudachadh ann an teòthachd chuibheasach na Talmhainn. Tha e air adhbharachadh le barrachd ghasaichean taigh-glainne, mar carbon dà-ogsaid, anns an àile. Bidh na gasaichean sin a' glacadh teas bhon Ghrèin.

eimiseanan carbon - Seo nuair a tha carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na talmhainn far am bi e a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

carbon dà-ogsaid - 'S e gas carbon dà-ogsaid a th' ann am mu thrì chairteil de dh'eimiseanan carbon. Faodaidh seo fuireach san àile airson còrr is ceud bliadhna.

meatan - 'S e gas meatan a th' ann am mun chòigeamh cuid de dh'eimiseanan carbon. Bidh meatan a' fuireach san àile airson timcheall air deich bliadhna.

truailleadh èadhair - Gasaichean agus mìrean, (a leithid dust no ceò) san èadhair a dh'fhaodas an àԲԱ𲹳, lusan, beathaichean agus slàinte dhaoine a mhilleadh.

seòmar losgaidh – Àite dùinte sa bheil connadh air a losgadh.

lùth ceimigeach - Tha connaidhean-fosail air an dèanamh de dhiofar cheimigean nàdarra a bhios a' stòradh tòrr lùth. Faodaidh iom-obrachadh ceimigeach, mar losgadh, an lùth seo a leigeil mu sgaoil airson gun cleachd sinn e.

tuirbin – Tha crann agus lannan, a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth, air tuirbin sìmplidh. Mar as trice, bidh èadhar no uisge a' putadh nan lannan agus a' tionndadh a' chrainn. Tha tuirbinean air an cleachdadh gus gineadair a thionndadh.

gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

Back to top

ù

Dèan postair ìmpidheach a sheallas do bheachd air connaidhean-fosail

Dè do bheachd air connaidhean-fosail? A bheil thu ag aontachadh ri ar cleachdadh dhiubh no nach eil?

Bi cinnteach gun dèan thu liost dhe na buannachdan no na h-eas-bhuannachdan airson argamaid làidir a dhèanamh.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic