±«Óătv

Ciamar is urrainn dhan phĂ iste agam beachdachadh, luchdachadh suas is eile?

Air Ăąrachadh: 11 An DĂ mhair 2022

Faodaidh tu ceadan leithid beachdachadh agus luchdachadh suas a stèidheachadh nuair a chlàras tu an toiseach airson cunntas chloinne ùr. Lean na ceumannan.

Ma tha thu airson rian a chumail air na ceadan aig Ă m eile, tha seo nas fhasa a dhèanamh ma tha cunntas ±«Óătv aig an dithis agaibh. San dòigh seo, faodaidh tu do chunntas fhèin a cheangal ri cunntas do phĂ iste agus ceadan a stèidheachadh an sin aig Ă m sam bith. Mura bheil cunntas ±«Óătv agad fhèin faodaidh tu ł¦±ôĂ °ů˛ą»ĺłó airson fear. Tha e luath is furasta seo a dhèanamh.

Chan fheum thu cunntas ±«Óătv airson rian a chumail air ceadan. Nuair a dh'fheuchas do phĂ iste ri rudeigin Ăąr a dhèanamh air a' BhBC, leithid beachdachadh air lĂ raich-lìn chloinne, iarraidh sinn orra cead fhaighinn bhuat fhèin. Gheibh thu post-d, no faodaidh tu rian a chumail air na ceadan aca .

Mar a bheir thu ceadan a bharrachd seachad air profaidhl pĂ iste air iPlayer

Ma dh'fhaoidhte gun do chur thu air dòigh profaidhl do phĂ iste le cead airson iPlayer a chleachdadh. Tha seo eadar-dhealaichte bho cunntas chloinne ±«Óătv. Leis gur ann le iPlayer a-mhĂ in a bhios seo ag obrachadh, cha bhi e comasach dhaibh goireasan air pĂ irtean eile dhen BhBC a chleachdadh, leithid a' cur a-steach airson farpaisean no a' beachdachadh.

Airson seo a cheadachadh, faodaidh tu cunntas chloinne ±«Óătv a chruthachadh airson na ceadan a stèidheachadh.

Seo mar a chruthaicheas tu cunntas chloinne air lĂ rach-lìn ±«Óătv nuair a tha do phĂ iste air logadh a-steach mar-thĂ  dhan phrofaidhl aca:

1. Atharraich bho phrofaidhl do phàiste chun chunntas agad fhèin

2. Log a-mach às a' chunntas agad fhèin

3. Rach gu log a-steach a-rithist

4. airson cunntas ùr airson neach fo aois 13. Thèid iarraidh ort na ceadan aca a stèidheachadh sa phròiseas seo.

Mar a nì thu neo-cheangal eadar chunntasan

Feumaidh do phàiste seo iarraidh (chan urrainn dhutsa). Ma nì iad sin, gheibh am pàrant no neach-cùraim post-d ag innse dè tha air tachairt.

Mar a nithear neo-cheangal mar phĂ iste:

  • Rach gu "Seataidhean" sa chunntas ±«Óătv agad
  • BrĂąth air "Ceadan chloinne"
  • BrĂąth air "Neo-cheangail".

An uair sin thèid neo-cheangal a dhèanamh air na cunntasan.

Cuimhnich

Ma nì am pàiste neo-cheangal eadar chunntasan, caillidh iad ceadan sam bith a chaidh a stèidheachadh roimhe. Leithid, ma tha pàrant no neach-cùraim air cead a thoirt dhan phàiste aca beachdachadh air làrach-lìn chloinne, bhiodh neo-cheangalachadh a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh beachdachadh tuilleadh.

Change language: