Main content

Dòmhnall Moireasdan

Tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith na fhear-naidheachd ‘s na chraoladair aig a’ BhBC airson faisg air 30 bliadhna

Thàinig e gu craoladh an dèidh crìoch a chur air ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain. Tha e an-diugh air fear de phrìomh luchd-aithris prògram naidheachd Radio nan Gàidheal Aithris na Maidne, ‘s cuideachd na fhear-naidheachd air a’ phrògram telebhisean An Là air ±«Óãtv ALBA. Cuideachd air ±«Óãtv ALBA, bidh e a’ ceasnachadh Ghàidheil ainmeil mu am beatha, air a’ phrògram Thuige Seo. A bharrachd air iomadh prògram rèidio is telebhisean tro na bliadhnaichean, ‘s e Dòmhnall a cho-sgrìobh agus a lìbhrig an t-sreath ainmeil Na h-Eilthirich, airson an deach e air chuairt feadh nan Stàitean Aonaichte, Chanada, Argentina, Chile, Astràilia agus New Zealand. ‘S ann à Ùige Leòdhais a tha e bho thùs. Tha e a-nis stèidhichte ann an oifis a’ BhBC ann an Inbhir Nis agus a’ fuireach ann an Ceasag a Tuath anns an Eilean Dubh còmhla ri a bhean Màiri agus triùir de theaghlach.

Donald Morrison

Donald Morrison has been a ±«Óãtv Gaelic journalist for nearly 30 years, working on a variety of news and other programmes, joining the ±«Óãtv straight from Aberdeen University where he gained a degree in Gaelic Studies. He is one of the main presenters of ±«Óãtv Radio nan Gàidheal’s morning news programme Aithris na Maidne as well as a reporter for Radio nan Gàidheal and the ±«Óãtv ALBA news programme An Là. Also on ±«Óãtv ALBA, he hosts the chat show Thuige Seo, exploring the lives of prominent Gaels. Donald co-wrote and presented the acclaimed television series on Highland emigration Na h-Eilthirich, filming in the USA, Canada, Argentina, Chile, Australia and New Zealand. From Uig in Lewis, he is now based in the ±«Óãtv’s Inverness office, and lives in the Black Isle village of North Kessock, with his wife Mary and three grown-up children.