Main content

Dòmhnall Macsuain

‘S mise Dòmhnall Macsuain, à Nis, Eilean Leòdhais.

A bharrachd air a bhith na mo ghloidhc air Farpaisean Chon-Chaorach, ‘s e croitear a th’ annam cuideachd. Tha còrr air 80 caora agam agus bidh mi a’ cur seachad tòrr dha m’ ùine ag obair leotha. Bho thòisich mi air Farpaisean Chon-Chaorach, tha mi air cuilean fhaighinn dhomh fhèin agus tha mi ag obair air a threànadh an-dràsta. Cùm sùil a-mach airson Bud a’ sealltainn dha na coin eile mar a bu chòir dhaibh a bhith a’ ruith!

Tha e an-còmhnaidh a’ còrdadh rium a bhith aig na Farpaisean, ged-tà, agus tha mi air eòlas a chur air an t-uamhas dhaoine bho thòisich sinn. Chan eil càil ann cho math ri beagan fealla-dhà aig farpais air latha brèagha!

Donald Macsween

I'm Donald Macsween, from Ness, Isle of Lewis. As well as being a joker on Farpaisean Chon-Chaorach, I am a crofter too. I have over 80 sheep and I spend much of my time looking after them. Since I started on Farpaisean Chon-Chaorach, I have got a puppy and I am currently training him. Keep your eye out for Bud showing the other dogs how it’s done!

It’s always a pleasure to be at the trials, though, and I have met loads of people since we have started. There is nothing as good as a bit of fun at the trials on a beautiful day!