Main content

Sister Peanaidh

Slighe Peanaidh NicAonghais Ă  Baghasdail gu Chigwell gus a bhith na bean-chrĂ bhaidh, 25 bliadhna air ais. Sister Penny's vocational journey From Boisdale to Chigwell 25 years ago.

Tha coig bliadhna fichead air a' mhìos seo bhon a ghabh Peanaidh NicAonghais à Baghasdail an Uibhist a Deas na ciad bòidean aice airson a bhith na bean-chràbhaidh còmhla ri òrdan Mnathan Cràbhaidh a’ Chridhe Uile Naomh.

Ged a thàinig a' smuain thuice nuair a bha i sna ficheadan, bha Peanaidh còrr air dà fhichead bliadhna nuair a cho-dhùin i gum b' e sin gu cinnteach an t-slighe a bha i airson a leantainn na beatha. Dh’fhalbh Peanaidh à Uibhist ann an 1996 gu ruige Chigwell far an robh an t-òrdan seo stèidhichte agus ged a bha i teagmhach aig amannan sa chiad bhliadhna agus an cianalas cuideachd ga bualadh, lean i oirre agus ghabh i a ciad bòidean ann an 1999. Bha aice rin ath-nuadhachadh a h-uile bliadhna gus an do ghabh i an fheadhainn mu dheireadh ann an 2003 sa sgìre aice fhèin. B’ e sin a' chiad turas a ghabh bean-chràbhaidh à Uibhist na bòidean crìochnachaidh aice na paraiste fhèin.

Tha Peanaidh an-diugh stèidhichte ann am Poll a’ Ghrùthain agus a’ cur seachad tòrr ùine a' siubhal air feadh na dùthcha an sàs ann an obair miseanaraidh. Chaidh am prògram seo a chlàradh ann an 2003 nuair a ghabh Peanaidh na bòidean crìochnachaidh aice.

18 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 22 Sep 2024 10:00

Broadcasts

  • Mon 16 Sep 2024 15:30
  • Wed 18 Sep 2024 20:00
  • Sun 22 Sep 2024 10:00