Main content
Sorry, this episode is not currently available

CĂČmhla ris an Urramach Seumas MacÌomhair

Seirbheis Ă  tasglann a' BhBC bho Eaglais Shaor Chille BhrĂŹghde an Ear ann an 1990 cĂČmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair. Gaelic archive service from 1990 with Rev James MacIver.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 33: 18-19 air fonn London New agus ‘s e Iain MacLeĂČid a tha os cionn na seinn.
Salm 36: 7-9 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain MĂČireach a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlĂ radh ann an Eaglais Shaor Chille Bhrighde an Ear.

Leughadh: Mata 5: 1-16
Ceann-teagaisg: Mata 5: 1

'S ann do sgĂŹre Thunga ann an LeĂČdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus bha e na mhinistear air Coitheanal Eaglais SteĂČrnabhaigh mu dheireadh gus an do leig e dheth a dhreuchd air a mhĂŹos a chaidh seachad. Bha e roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic, An Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille BhrĂŹghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodarĂ tair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an DĂčn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na ĂČige a Bhun-sgoil Thunga agus Ă s a sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pĂČsta aig Donna agus tha triĂčir a theaghlach aca agus sianar oghaichean agus aon iar-ogha. Nuair a gheibh e Ăčine dha fhĂšin, bidh e ag Ăšisteachd ri ceĂČl clasaigeach, a' cluich goilf, anns a' gharradh agus a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 7 Jul 2024 21:00

Broadcast

  • Sun 7 Jul 2024 21:00