Main content

CĂČmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich

Seirbheis cĂČmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm. Gaelic service with Army Chaplain Rev Hector MacKenzie.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e DĂČmhnall Iain MacIllInnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 16: 5-7 air fonn London New agus ‘s e EĂČin DĂČmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille MhĂČire san Eilean Sgiathanach
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus ‘s e Aonghas DĂČmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an SteĂČrnabhagh.
Salm 72: 17-19 air fonn Stornoway agus ‘s e Aonghas MacLeĂČid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais SteĂČrnabhaigh.

Leughaidhean : Leabhar nan Salm – Salm 23
Eclesiastes: 3: 1-4
1 Timoteus 1: 1-7 & 12-15

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh tha e na phadre san Arm. Chuir e seachad cĂČrr is trĂŹ bliadhna cuide ri Na Highlanders agus tha e a-nise shios faisg air Yorkshire. Buinidh Eachann do sgĂŹre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an HĂčnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal MĂČr Ostaig, a' cluich na pĂŹoba aig cĂšilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha Ăčidh mhĂČr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dĂčthchail. A bharrachd air a sin, bidh e a' cluich iomain, a' sreap nam beann nuair a bhios an cothrom aige agus ag iasgach. Tha Ăčidh mhĂČr aige anns a' GhĂ idhlig agus ann an dualchas is eachdraidh nan GĂ idheal.

27 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 30 Jun 2024 09:00
  • Sun 30 Jun 2024 15:00
  • Sunday 09:00
  • Sunday 15:00