Main content
This programme is not currently available

Bailtean Euro 2024

Sùil air na ciad trì bailtean Gearmailteach san do chluich Alba ann am farpais Euro 2024. A look at life in the three cities Scotland's national team have played in for Euro 2024.

Le na mìltean a' leantainn sgioba ball-coise na h-Alba dhan a' Ghearmailt airson Farpais Euro 2024, tha mòran dhiubh a' faicinn nam bailtean Gearmailteach sa bheil na geamannan a' tachairt airson a' chiad uair.

Ach dè seòrsa bailtean a th' ann am Munich, Cologne agus Stuttgart? Dè chanas muinntir nam bailtean agus muinntir na Gearmailt mun deidhinn?

Agus gu dearbha - dè seòrsa sealladh dhiubh a tha a' luchd-leantainn a tha thall air faighinn?

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a bhith bruidhinn ri measgachadh de dhaoine anns a' Ghearmailt, neo a bhuineas don Ghearmailt, neo a tha air a bhith thall a' fuireach anns na bailtean sin, gus sùil a thoirt orra. Eadar cathar-eaglais ainmeil Chologne, na taighean-leann ann am Munich, agus fìon blasta sgìre Stuttgart - 's iomadh rud as fhiach fhaicinn anns na ceàrnaidhean sin gun luaidh air a' bhall-coise!

30 minutes

Last on

Sun 30 Jun 2024 10:00

Broadcasts

  • Mon 24 Jun 2024 15:30
  • Wed 26 Jun 2024 20:00
  • Sun 30 Jun 2024 10:00