Main content
Sorry, this episode is not currently available

CĂČmhla ris an Urr PĂČl Moireach

Seirbheis GhĂ idhlig cĂČmhla ris an Urr PĂČl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus ‘s e Murchadh Fionnlasdan a tha os cionn na seinn agus Salm 16: 10-11 air fonn Stornoway le DĂČmhnall Guinne os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlĂ radh ann an Taigh-coinneimh LĂŹonail ann an Nis.
Salm 107: 28-30 air fonn Montrose agus ‘s e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.

Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 14: 1-13
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 14: 13

'S ann Ă  Nis ann an Eilean LeĂČdhais a tha PĂČl agus Ă s dĂšidh dha an sgoil fhĂ gail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiĂčireadh gnĂŹomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a LeĂČdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha PĂČl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tĂČiseachadh air cĂčrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd DhĂčn Èideann.

Chaidh Mgr Moireach a phĂČsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch ann an 2017.

Tha PĂČl pĂČsta aig Amanda a bhuineas dhan Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e Ăčine dha fhĂšin, is caomh le PĂČl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'Ăčine cĂČmhla ri theaghlach.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 16 Jun 2024 09:00
  • Sun 16 Jun 2024 15:00