Main content
Sorry, this episode is not currently available

CĂČmhla ri Mgr Ros Crichton

Seirbheis cĂČmhla ri Mgr Ros Crichton, Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeigh. Service with Fr Ross Crichton, parish priest South End of Uist and Eriskay.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
CĂČisir Eaglais Naomh Barr a' seinn "O thoir mi null gud Chridhe Naomh"
CĂČisir Eaglais Naomh Peadair a' seinn an "Gloria"
Sineag Nic an t-Saoir a' seinn "Bheir mi grĂ dh dhut a Thighearna mo Dhia"
PĂČl MacCaluim a' seinn "Chridhe Ghaolaich Iosa"
CĂČisir Eaglais Naoimh MhĂŹcheil ann an Èirisgeigh a' seinn "Dh'fhĂ g thu sĂŹth"
An cĂČmhlan Sian a' seinn "Laoidh Chaluim Chille"

A' cheud leughadh: Hosea 11: 1-3, 4, 8-9
An dĂ rna leughadh: Ephesianaich 3: 8-12, 14-19
Soisgeul: EĂČin 19: 31-37

Rugadh Mgr. Ros Crichton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean-teaghlaich lĂ idir aige ri Earra-GhĂ idheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhĂ thar. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don RĂČimh, far an do chuir e seachad cĂČig bliadhna a’ dĂšanamh ceum ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig Oilthigh Gregoriana. Chaidh e an uair sin don FhrĂ ing gus ceum a dhĂšanamh ann an Lagh Cananach.

Chaidh ĂČrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna ann am paraiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crĂŹoch air a cheum ann an Lagh. A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e a Bheinn na Faoghla aig deireadh na bliadhna sin. An dĂšidh deich bliadhna na shagart-paraiste ann an GrĂŹminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh MhĂŹcheil an Èirisgeigh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair, Uibhist a Deas, ann an 2017.

Aig an aon Ă m, chaidh iarraidh air obair a dhĂšanamh gus leabhar-Ăčrnaigh agus laoidheadair Ăčr a chur an clĂČ agus eadar-theangachadh Ăčr a chruthachadh airson teacsaichean sĂ cramaideach na h-Eaglaise, obair a tha a’ leantainn fhathast ach a tha aig ĂŹre gu math adhartach.

Tha e cuideachd na iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn, ceangal eachdraidheil eadar an dĂ  dhĂčthaich a tha beĂČ fhathast agus na thlachd do Mhgr Ros a bhith an sĂ s ann on a bha e fhĂšin na oileanach fon sgeama seo."

30 minutes

Last on

Sun 9 Jun 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 9 Jun 2024 09:00
  • Sun 9 Jun 2024 15:00