Main content
This programme is not currently available on ±«Óãtv iPlayer

Hugh Dan

After a 40-year career in broadcasting, Hugh Dan MacLennan is hanging up his microphone.

Bho Chaol a’ Ghearasdain gu spìrisean spòrs thall agus a’ bhos, tha an craoladair Ùisdean MacIllinnein a’ crochadh a’ mhicrophone aige ris an teine ‘s e a’ leigeil dheth a dhreuchd às dèidh dà fhichead bliadhna.
Chòisinn Hugh Dan, mar as fheàrr a dh’ aithnichear e, cliù mar aon de na guthan as ainmeile ann na craoladh spòrs na h-Alba a thug a-steach, ball-coise, rugbaidh agus gu sònraichte camanachd.

Cha b’ e craoladh spòrs a-mhàin a thug cliù is aithne do Hugh Dan ge-ta. Choisinn e PHD bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1998 agus b‘ e bha an luib na chur Faclair na Parlamaid air dòigh ann an 2001.
Bha trioblaidean aige na bheatha pearsanta agus proifeasanta a thàinig gu ceann nuair a dh’ fhàg e Caledonian Mac a’ Bhrùthain ann an 2008. Fhuair e lùths air ais na chasan nuair a chaidh ±«Óãtv Alba a chur air bhog agus dh’ fhosgail an seanail ùr Gàidhlig saoghail ùr dha Hugh Dan nuair a chaidh e a chur an teis-mheadhainn an sgioba-aithris spòrs.

Tha Hugh Dan air aideachadh nach biodh e air leth dhen a rudan a tha air a choileanadh mur a b’ e a bhean, Kathleen. Tha I air a lan beatha a thoirt dha ann an iomadach seadh, gu h-araidh leis nach robh teaghlach aca.

Dh’ fhulaing an dithis aca le trioblaidean slàinte nuair a thàinig aillse orra ann an 2022. Bha seo a-measg nan adhbharran a dh’ aontaich Hugh Dan a dhreuchd a leigeil dheth agus tha planaichean mòra aig an dithis aca san ùine ri thighinn leis gu bheil pailteas ùine ‘s ainmsir a-nis gu bhith Hugh Dan.

Broadcaster Hugh Dan MacLennan is hanging up his microphone after a 40-year career. Hugh Dan is regarded as one of Scotland’s most recognisable sport commentators covering football, rugby and shinty.

He’s not only known for his work as a commentator. Hugh completed a PHD in 1998 and he was heavily involved in launching Faclair na Pàrlamaid in 2001. Soon after the launch of ±«Óãtv Alba, Hugh Dan became central to the team of commentators brought on board to cover sport on the new Gaelic channel.

Hugh Dan says much of what he has achieved is thanks to his wife Kathleen. They both had health concerns in 2022 when they were diagnosed with cancer. This was among the reasons Hugh Dan decided to retire and they both have big plans for the future, especially now he has plenty of time on his hands!

59 minutes

Last on

Mon 22 Jul 2024 22:30

Credits

Role Contributor
Executive Producer Maureen MacLeod
Producer Calum Macaulay
Executive Producer Fiona MacKenzie

Broadcasts