Main content
This programme is not currently available

Ulaidhean Nis

Na h-ulaidhean bho Linn an Umha, 3000 bliadhna a dh' aois, a tha air tilleadh a sgĂŹre Nis. The 3000-year-old Bronze Age treasures returning to Ness.

Bho chionn cĂČrr air 100 bliadhna, chaidh nithean annasach bho Linn an Umha an lorg ann an sgĂŹre Nis, an Eilean LeĂČdhais. Tha iad a-nise air tilleadh gu taisbeanadh ann an Comunn Eachdraidh Nis - ach dĂš th' unnta, agus ciamar a chaidh an lorg? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn aig fosgladh an taisbeanaidh, agus a-muigh far an deach cuid de na h-ulaidhean a lorg, airson an tuilleadh ionnsachadh.

B' ann sa bhliadhna 1891 a lorg Murchadh MacÌomhair claidheamh 3000 bliadhna a dh' aois anns an Àird; agus dhĂ  na thrĂŹ mhĂŹosan Ă s dĂšidh sin, fhuair e pĂ irt de chlaidheamh eile san aon Ă ite. Bhon uairsin b' e Murchadh a' Chlaidheimh a bh' aig daoine air, ach chaidh an claidheamh a DhĂčn Èideann, is chan eil an sgeulachd sgrĂŹobhte sna leabhraichean eachdraidh air mar a fhuair Murchadh e air a bhith buileach ceart. Tha an claidheamh a-nise air tilleadh ge-tĂ , agus tha DĂČmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn is Eilidh Ghreumach ag innse mar a chuala iad fhĂšin far an deach a lorg - aig an dearbh lĂ rach far an d' fhuair Murchadh e.

Tha Coinneach cuideachd a' bruidhinn ri feadhainn a tha cĂ irdeach dha DĂČmhnall Moireach, a lorg Ulaidh Adabroc sa mhĂČine ann an 1910 - stĂČras de lĂ mhaighean umha, grĂŹogagan ambair agus glainne, agus grĂŹogag ĂČr cuideachd. Tha MĂ iri CatrĂŹona Chaimbeul agus Dolina Mhoireach ag innse mar a dh'fhan a' sgeulachd anns an teaghlach aca fhĂšin, leis gur e DĂČmhnall brĂ thair an seanair, agus a' chuimhne th' acasan air far an deach an lorg.

Sin agus beachdan bhon Dr Fionnlagh MacLeĂČid a dh'fhosgail an taisbeanadh, an Dr Mata Knight bho Thaigh-tasgaidh NĂ iseanta na h-Alba, agus cuid eile dha na Nisich a thĂ inig a-mach chun Chomunn Eachdraidh aca, nuair a chaidh an taisbeanadh sĂČnraichte sa fhosgladh.

CĂČirichean nan dealbh glĂšidhte aig Taigh-Tasgaidh NĂ iseanta na h-Alba.

30 minutes

Last on

Wed 3 Jan 2024 15:30

Broadcasts

  • Mon 15 May 2023 15:30
  • Wed 17 May 2023 20:00
  • Sun 21 May 2023 10:00
  • Wed 3 Jan 2024 15:30