Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na Ceudanaich/The Centenarians

Episode 9 of 10

Tha sinn a’ coinneachadh ri daoine a tha air a bhith fada beò. We meet people who have lived long lives.

’S iomadh rud a chì duine a bhios fada beò. Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ coinneachadh ri daoine a tha air ceud bliadhna a dh’ aois a ruighinn gus faighinn a-mach dè an seòrsa beatha a th’ air a bhith aca agus dè na h-atharrachaidhean a tha iad air fhaicinn thar nam bliadhnachan?

Chunnaic iad iomadach leasachadh anns na sgìrean aca fhèin a thaobh taigheadais, dealain agus uisge a’ tighinn chun nam bailtean agus bha iad beò tro àm an uair a bha iasgach agus croitearachd mar phàirt chudromach ann am beatha làitheil. Tha iad air leasachaidhean mòra fhaicinn a thaobh cùram meidigeach le seirbheis na slàinte ga stèidheachadh agus nas cudromaiche buileach, ’s iad an ginealach mu dheireadh aig a bheil cuimhneachain a bhith an sàs san Dàrna Cogadh.

Am measg na bhios a’ bruidhinn, tha an sàr sgeulaiche Willie MacLeòid, a bha na dhuine òg mar phàirt dhen sgioba sàbhalaidh an uair a chaidh an soitheach ainmeil, an SS Politician air na creagan faisg air Èirisgeidh ann an 1941, is e loma làn uisge-beatha, agus tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan, aig a bheil deagh chuimhne air Blitz Bhruach Chluaidh, am measg aon den chiad fheadhainn anns na h-Eileanan an Iar a fhuair cairt bhon Rìgh ùr. Tha e fhathast glè èasgaidh air a chasan, a’ cuideachadh le na caoraich thall ann an àite àraich air na Lochan ann an Eilean Leòdhais.

Prògram blàth, aighearach a’ toirt sùil air ais air na ceud bliadhna a chaidh seachad tro shùilean nan Ceudanach.

A long-lived person sees many things. In this programme, we meet people who have reached 100 years of age to find out what kind of lives they have lived and what changes they have seen.

They have witnessed many improvements in their own communities in terms of housing, electricity and running water coming to the villages and they have also lived through a time when crofting and fishing were a pivotal part of daily life. They have seen great developments in terms of health care, with the NHS being established, and most importantly, they are the last generation who have first hand memories of the Second World War.

Amongst others, we speak to the exceptional storyteller, Willie Macleod from Stornoway, who as a young man, was part of the salvage team when the well-known SS Politician, which was full of whisky, ran aground close to Eriskay in 1941. Donald Angus Morrison, one of the first in the Western Isles to receive a birthday card from the new king, has vivid memories of the Clydebank Blitz and is still very able on his feet, helping out on the croft as often as he can in Lochs on the Isle of Lewis, the district in which he was born and brought up.

A warm-hearted look back at the last 100 years through the eyes of centenarians.

In Gaelic with English subtitles.

59 minutes

Broadcasts