Main content
Sorry, this episode is not currently available

BĂ rdachd is Ă’rain

Mar a bha Glaschu aig cridhe dĂąsgadh bĂ rdachd na GĂ idhlig aig toiseach an 20mh linn. How Glasgow was at the centre of developments in Gaelic verse at the start of the 20th century.

Aig deireadh an 19mh linn, bha saoghal nan Gàidheal ag atharrachadh gu mòr. Ghluais na mìltean bhon Ghàidhealtachd dhan bhaile mhòr - a' lorg obair, neo a' teicheadh bho uachdarain is bochdainn. Agus mar am baile as motha an Alba, choisinn Glaschu àite nar measg mar bhaile mòr nan Gàidheal - bàile na smùid.

Ach anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Radio nan Gàidheal a' rannsachadh mar a bha buaidh aig a' ghluasad sa air cultar nan Gàidheal cuideachd. Oir b' ann bho dheireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn a tha mòran nòsan litreachais ùra a' nochdadh sa Ghàidhlig; eadar nobhailean agus deilbh-chluich, cuspairean agus cruthan dhàin.

Anns a' chiad phrògram tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ri eòlaichean air eachdraidh bàrdachd na Gàidhlig bhon àm seo. Tha an Dr Alasdair MacIlleBhàin ag innse mun bhàrd Muileach Iain MacPhàidein, a bha cha mhòr mar bàrd-baile - a' cur òrain ri chèile air iomadach cuspair èibhinn, ach a bha cuideachd comasach air a chomasan a chur gu sgeulachdan goirid, dàin nas truime, agus beachdachadh air àite nan Gàidheal ann an saoghal ùr.

Agus bhon Dr Aonghas MacLeòid cluinnidh sinn air mar a bha an dàn fada air a thilleadh don Ghàidhlig le buaidh thar-chànanach, nuair a sgrìobh am bàrd Barrach Dòmhnall Mac na Ceàrdaich dàn an teis-mheadhain a' Chogaidh Mhòir.

Gar stiùireadh tro shuidheachadh is co-theacsa nan Gàidheal san fharsaingeachd aig an àm sa tha an t-Oll Dòmhnall Meek, agus an Dr Sheila Kidd bho Oilthigh Ghlaschu. Le leughaidhean den bhàrdachd a chluinneadh Gàidheil Ghlaschu aig an dearbh àm sin, beachdaichidh sinn air dè dìreach a dh' fhàg gu robh Baile na Smùid air ghoil le sgrìobhaidhean eadar-dhealaichte.

30 minutes

Last on

Sun 6 Feb 2022 13:00

Broadcasts

  • Mon 31 Jan 2022 12:00
  • Mon 31 Jan 2022 22:00
  • Sun 6 Feb 2022 13:00