Main content
This programme is not currently available on ±«Óãtv iPlayer

Mac ’S Uaine/MacSween Goes Green

Tha Dòmhnall Macsuain ag ionnsachadh mu iomairtean uaine. Donald Macsween learns about green initiatives.

Tha sinn a’ tighinn gu àm cudromach anns an t-sabaid an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde, tha am fiosrachadh soilleir agus tha luchd-saidheans ag innse dha luchd-riaghlaidh an t-saoghail gur e seo an cothrom as fheàrr gus smachd fhaighinn air agus an t-àm ri teachd a dhìon don ath ghinealach.

’S e COP26, co-labhairt mu atharrachadh na gnàth-shìde, a chaidh a chur air dòigh le na Dùthchannan Aonaichte agus a bhios a’ gabhail àite ann an Glaschu san t-Samhain, 2021. Airson faisg air trithead bliadhna, tha na Dùthchannan Aonaichte air a bhith a’ toirt a h-uile dùthaich air an t-saoghal còmhla airson co-labhairtean gus bruidhinn air atharrachadh na gnàth-shìde. Anns an ùine sin, ’s e cuspair a th’ ann a th’ air a dhol na chùis èiginn.

Tha an croitear, Dòmhnall Macsuain à Nis ann an Leòdhas a’ dol air turas timcheall cuid de na h-Eileanan Albannach gus ionnsachadh mu iomairtean uaine, a’ faighinn a-mach dè as urrainn dha-san a dhèanamh gus eadar-dhealachadh a thoirt air a’ chùis. Carson a bu chòir do Dhòmhnall MacSuain a dhol uaine? Dè tha e a’ dol a chosg, agus aig a’ cheann thall, am biodh e furasta dha is e a’ fuireach ann an ceàrnaidh iomallach de dh’Alba?

As we face a pivotal moment in the fight against climate change, the facts are clear and scientists are telling world leaders that this is the best chance to get it under control to protect the future for the next generation.

COP26 is the United Nations climate change conference which will take place in Glasgow in November 2021. For nearly three decades the UN has been bringing together almost every country on earth for global climate summits. In that time climate change has gone from being a fringe issue to a global priority.

Crofter Donald Macsween, from Ness in Lewis, goes on a journey around some of Scotland's Islands learning about green initiatives, finding out about what he can do in practical terms to make a difference. Why should Donald Macsween go green? How much will it cost, and ultimately, is it feasible for someone like him living in a remote part of Scotland?

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Last on

Sun 7 Nov 2021 21:00