Main content
This programme is not currently available

An Caiptein Ailig Moireasdan

Sgeulachd a' Chaiptein Ailig Moireasdan, a leig dheth a dhreuchd le CalMac às dèidh 45 bliadhna. The life of skipper Alex Morrison, recently retired after 45 years at CalMac.

Leig Ailig Moireasdan dheth a dhreuchd mar sgiobair aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn san Dùbhlachd 2019. Airson còrr air 22 bliadhna bha e na sgiobair air tè dha na soithichean as ainmeile air a’ chosta an iar – an MV Eilean Leòdhais. Uile gu lèir, bha e aig CalMac airson 45 bliadhna, agus aig muir airson còrr air 52 bliadhna.

Ach chan e seòladh a-mhàin a th’ air a bhith air aire Ailig thar nam bliadhnaichean – is e cuideachd na dhuine le ùidh mhòr ann an ceòl a’ bhogsa.

Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ bruidhinn ri Ailig mu bheatha, mu thogail, agus mun obair seòlaidh, is a’ faighinn a-mach beagan cuideachd mu na tha air fàire do sgiobair cho ainmeil air na bàtaichean aiseig eileanach is a th’ againn anns a’ latha an-diugh, is a chasan a-nise tioram air tìr.

1 hour

Last on

New Year's Day 2020 18:00

Broadcast

  • New Year's Day 2020 18:00