Main content
This programme is not currently available

Cuirm Criosaidh Denny

Ceilidh mhĂČr Ă  Talla BhĂ gh a' Chaisteil a' comharrachadh Criosaidh Denny aig 80. A singing and dancing extravaganza from Castlebay Hall to celebrate Chrissie Denny's 80th birthday

Feasgar Ă lainn Foghair agus bha talla BhĂ gh a’ Chaisteil luma-lan de mhuinntir an Ă ite, cĂ irdean, caraidean is luchd-eĂČlais ‘s iad air cruinneachadh cĂČmhla airson urram a thoirt do shĂ r sheinneadair as an eilein aca fhĂšin a bha air aois sĂČnraichte a’ ruighinn. Mar phĂ irt do dh’fhĂšis Bhlas 2019 chaidh cuirm sĂČnraichte a chur air dĂČigh ann am Barraigh a’ comharrachadh gu bheil Criosaidh Mary neo Criosaidh Denny air aois an ceithir fichead a’ ruighinn
..agus abair gun d’fhuair I preusant, cothrom taghadh a’ dhĂšanamh do sheinneadairean is luchd ciĂčil a ghabhadh pĂ irt anns a chuirm aice. Agus bha sinne aig ±«Óătv Radio nan Gaidheal air leth toilichte cuairt a ghabhail a Bharraigh airson clĂ radh a’ dheanamh den oidhche. Abair oidhche gu dearbha, chan fhaca muinntir Bharraigh ceilidh dha leithid airson iomadach bliadhna.

A’ measg na seinneadairean is luchd ciĂčil a rinn an turas a Bharraigh agus a bha ri 'n cluinntinn air an oidhche bha na corragan sgileil aig Ailean DĂČmhnallach air a phĂŹob, na guthan seinn air leth aig MĂ iri Anna NicUalraig agus Alasdair MacIlleBhĂ in, agus bha an “Ceilidh King” e fhĂšin Fergie DĂČmhnallach sa chomhlan a’ cumail ceol dannsa ris na bha lĂ thair. Ann an eilean a tha lĂ n tĂ lantan a thaobh seinn bha ĂČrain rin cluinntinn bho EĂ irdsidh MacIlleathain, Karen Elder, Calum Òg MacNĂšill agus gun dĂŹochuimhn’ a’ dhĂšanamh air Coisir GhĂ idhlig Bharraigh. A’ cumail smachd air an oidhche bha fear de bhalaich a bhaile aig Criosaidh fhĂšin, Ă  EĂČlaigearraidh DĂČmhnall Manford.

On a beautiful Saturday evening in November the Barraich were out in full force as they came together in Castlebay Hall to celebrate the 80th birthday of one of Barra’s finest singers and tradition bearers, Chrissie Mary MacNeil (Chrissie Denny.) As part of this year’s Blas festival Chrissie Denny’s special birthday was celebrated with a host of singers and musicians chosen by Chrissie herself. From the skilful piping of Allan MacDonald; the talented singing voices of Maryann Kennedy and Alasdair Whyte ; the dancing fingers of Fergie MacDonald on the box; the talented voices of the locals of CĂČisir Bharraigh; along with Archie Maclean , Karen Elder and young Calum MacNeil, a fantastic night was held in Castlebay. From Chrissie's own village Donald Manford did the honourable duties of MC for the evening.

1 hour, 27 minutes

Last on

New Year's Day 2020 10:30

Broadcast

  • New Year's Day 2020 10:30