Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 103

Sgeulachd a' bhĂ t-aigeil 'Deutchschland' agus fear a bh' aig an Somme ag innse mar a bha . The story of the submarine Deutchschland and a first-hand account of the Somme.

Air an 10mh den Iuchair 1916 ràinig am bàt-aigeil 'Deutchschland' Norfolk air a slighe à Ameireagaidh air ais gu Bremen. B' e seo a' chiad bhàt-aigeil marsanta a bh' aig na Gearmailtich agus chaidh a dealbh a dh'aona ghnothaich airson faighinn timcheall air a' bhacadh a bha Cabhlach Rìoghail Bhreatainn air a chur an sàs gus stad a chur air soitheachan Gearmailteach. Air bòrd an 'Deutschland' bha 750 tunna de stuthan dath agus ceimigeach a thuilleadh air litrichean is a leithid. Bha aithrisean ann cuideachd gun robh òr air bòrd agus litir bhon a' Khaiser chun a' cheann-suidhe Woodrow Wilson. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè dha-rìribh a bh' air bòrd agus sgeulachd annasach mun sgiobair.

Cuideachd cluinnidh sinn bho Niall MacLeòid à Col an Leòdhas a bh' aig Blàr an Somme agus a theab a bhith air a thiodhlacadh beò nuair a thuit trainnse air a mhuin nuair a bhuail slige i.

10 minutes

Last on

Fri 15 Jul 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 14 Jul 2016 21:00
  • Fri 15 Jul 2016 11:50