Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 102

Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris air Blàr an Somme a thòisich air 1d den Iuchair 1916. Gilleasbuig MacDonald describes the first day of the Battle of the Somme.

Dh'aontaich Breatainn is an Fhraing tràth ann an 1916 ionnsaigh a thoirt eatarra air trainnsichean na Gearmailt aig Abhainn Somme an ceann-a-tuath na Frainge: bha iad an dòchas gu h-àraidh gun toireadh seo air na Gearmailtich saighdearan a tharraing air ais à Verdun, far an robh Arm na Frainge a' fulang call-beatha mòr.

Bha na gunnaichean-mòra aca air a bhith losgadh air loidhne na Gearmailt fad seachdain ron ionnsaigh ach bha a' chuid mhòr de na Gearmailtich fo dhìon ann an tunailean làidir. Mar sin cha do rinn na seilichean uimhir millidh 's a bha dùil ach thug iad rabhadh dha na Gearmailtich gu robh ionnsaigh a' tighinn is rinn iad deiseil air an son.

Thòisich an ionnsaigh aig 0730 air 1d den Iuchair, le Arm Bhreatainn a' gluasad air adhart air taobh tuath an Somme is na Frangaich gu deas.

Thàinig saighdearan na Gearmailt às na tunailean cho luath 's a thachair sin is thòisich iad a' losgadh nan gunnaichean-luath aca. Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air saighdearan Bhreatainn gu h-àraidh is b' eudar dhaibh mu dheireadh tilleadh dha na trainnsichean aca.

Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.

10 minutes

Last on

Sun 10 Jul 2016 21:20

Clip

Broadcasts

  • Thu 7 Jul 2016 21:00
  • Fri 8 Jul 2016 11:50
  • Sun 10 Jul 2016 21:20