Main content
Sorry, this episode is not currently available

DĂ  Eilean-Aon Teaghlach/Two Islands, One Family

Episode 7 of 18

Documentary following two half-brothers from different countries as they meet for the first time and grow closer as a family.

Tha Coinneach MacLeòid a' fuireach air Eilean Sgalpaigh. O chionn beagan bhliadhnaichean fhuair e fios bho dhùthaich chèin gun robh cuideigin air nach robh e eòlach ga shireadh, agus ag ràdh gun robh an aon athair aca.

Fad a bheatha bha Hans Højgaard air a bhith a' sireadh athair nach fhaca e is air nach robh e eòlach. Na obair mar sgiobair air bàt'-iasgaich às na h-Eileanan Fàro bha e gu tric aig acair slatan bho Eilean Sgalpaigh, gun fhios aige gun robh càirdean athar beò is ri làimh.

Eadar a bhith a' feòrachadh fiosrachadh ann an tasglannan ann an Torshávn agus Inbhir Nis agus a' bruidhinn ri eòlaiche anns Na Hearadh, thug e greis mus d' fhuair Hans a-mach cò às a bha athair agus gun robh leth-bhràthair aige.

As t-samhradh 2010, choinnich Hans agus Coinneach airson a' chiad uair agus tha an sgeulachd iongantach seo ag innse mar a tha an dithis aca a' fàs nas fhaisg agus nas fhaisg air a chèile.

Kenny Macleod lives on the Isle of Scalpay in the Western Isles. A few years ago, he received news from another country that someone he did not know was looking for him, someone who was sure that they had the same father.

All his life, Hans Højgaard had been searching for a father he had never seen and never knew. In his work as the skipper of a Faroese trawler, he had anchored very close to the Isle of Scalpay, not knowing that his father's relatives were alive and close at hand.

Before he found out where his father came from and that he had a half-brother, Hans had to carry out much research over a long period of time. He visited the archives in Torshávn and Inverness and communicated with a genealogist in the Isle of Harris.

In the summer of 2010, Hans and Kenny met for the first time. This extraordinary story tells how Kenny and Hans are growing closer and closer to each other.

58 minutes

Broadcasts