Main content
This programme is not currently available on ±«Óătv iPlayer

Martin Luther King

This documentary brings together media from 1968 to reveal what it was like to live during the civil rights movement, leading up to and following the death of Martin Luther King.

Air 4mh dhen Ghiblean, 1968, chaidh gunna a losgadh a mharbh Dr Martin Luther King, ann am Memphis, Tennessee. Ri linn a mhuirt, ghabh sreath de dh'iorghailean sgriosail àite, a thèab Gluasad Chòirichean Shìobhalta a thoirt gu crìoch.

Chaidh an tachartas gu lèir fhaighinn air film, agus air teip. Tha an aithriseachd seo a' toirt ri chèile na meadhanan gu lèir bhon Mhàrt agus tràth sa Ghiblean naoi-ceud-deug seasgad 's a h-ochd, gus dealbh soilleir a pheantadh air cò ris a bha cùisean coltach dhan fheadhainn a dh'fhiosraich iad.

Thòisich an slighe gu Memphis agus gu murt King trì mìosan ron sin, nuair a chaidh luchd-obrach slàintileachd sa bhaile air stailc. B' e Aimearaganaich Afraganach a bh' anns a' mhòr chuid dhiubh, agus cha robh muinntir a' bhaile a' toirt cus àite dhaibh. Cha robh iad a' faighinn ach tuarastal nam bochd, agus aig àm Chòirichean Shìobhalta, bha iad ag iarraidh barrachd.

Chruinnich Oilthigh Mhemphis stòrlann de mheadhanan. Ri linn na rinn iad, tha còrr is 30 uair a thìde de thelebhisean, agus còrr is 50 uair a thìde de chraoladh rèidio againn. Cha deach mòran dhen seo fhaicinn no a chluinntinn o chaidh a chruinneachadh air ais ann 1968.

On 4 April 1968, Dr Martin Luther King was gunned down in Memphis, Tennessee. His death sparked a series of riots and nearly dealt a lethal blow to the burgeoning civil rights movement.

This documentary film brings together all the media resources from March and early April 1968 to paint a vivid portrait of what it was like to experience those days first-hand.

The road to Memphis and the assassination of King actually began three months earlier, when sanitation workers in the city went on strike. They were almost all African-American, and were taken for granted by the city and its residents and paid poverty wages. In the age of civil rights, they demanded more.

A unique media archive was collated by the University of Memphis. What exists is more than 30 hours of television broadcasts along with more than 50 hours of radio broadcasts. Much of this collection has not been seen since it was first gathered in 1968.

43 minutes

Last on

Fri 24 Jul 2015 22:00

Broadcasts