Main content

Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Wed 3 Dec 2014 22:30

Clip

Litir 802: Mac a’ Bhuidealair (1)

O chionn fhada bha uachdaran air a’ Ghàidhealtachd. Bha buidealair air a bhith aige fad ùine mhòr. ’S e fear onarach a bh’ ann agus bha an t-uachdaran toilichte leis. Bha mac aig a’ bhuidealair agus nuair a ràinig e an aois cheart fhuair e fhèin obair anns an taigh mhòr cuideachd.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha robh an gille air a bhith ag obair ann fada nuair a thòisich seudan is rudan luachmhor air dhol a dhìth. Fhuair an t-uachdaran a-mach gur e an gille a bh’ air an goid. Bhruidhinn e ri athair – an seann bhuidealair – agus thuirt e ris gu feumadh e an gille aige a chur air falbh. Mura dèanadh e sin, chuireadh an t-uachdaran an teaghlach gu lèir a-mach air an t-sitig.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thug am buidealair a mhac air falbh leis a Ghlaschu, feuch dreuchd ùr a lorg dha. Air a’ chiad oidhche aca, thàinig fear dhan ionnsaigh air an t-sràid. Dh’fhaighnich an srainnsear gu dè thug orra thighinn a Ghlaschu.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Tha mi ag iarraidh gun lorg an gille agam ceàird,’ thuirt am buidealair.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Ma-thà,’ thuirt am fear eile, ‘ionnsaichidh mise ceàird dha.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dè a’ cheàird?’ thuirt am buidealair.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Mèirle,’ fhreagair am fear eile.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Cha bhi sin doirbh,’ ars am buidealair. ‘’S e mèirle a thug an seo e.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Nas fheàrr buileach,’ thuirt am fear eile. Agus dh’fhalbh an gille leis a’ mhèirleach. Chaidh e a dh’fhuireach cuide ri gràisg mhèirleach ann an Glaschu.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An dèidh latha no dhà, chaidh an gille a-mach le fear de na mèirlich airson faicinn mar a bha iad ag obair. Chaidh iad gu bùth aig fear-reic uaireadairean.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Tha mi ag iarraidh uaireadair òir a cheannach,’ thuirt am mèirleach ri fear na bùtha. Chuir fear na bùtha bogsa uaireadairean òir air a’ chunntair.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘A bheil seòrsa eile agad?’ ars am mèirleach.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Tha,’ fhreagair fear na bùtha. Chaidh e a thogail bogsa eile de dh’uaireadairean. Nuair a bha a chùl ris a’ chunntair, chuir am mèirleach fear de na h-uaireadairean suas a mhuinchill. Thug fear na bùtha bogsa eile leis chun a’ chunntair.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Chan eil gin dhiubh seo freagarrach,’ thuirt am mèirleach. Thug e taing do dh’fhear na bùtha agus dh’fhalbh e a-mach leis an uaireadair fhathast na mhuinchill.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a bha am mèirleach a-mach à sealladh, thuirt an gille ri fear na bùtha, ‘Am faca tu gu dè rinn an duine sin?’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dè rinn e?’ dh’fhaighnich fear na bùtha.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Chuir e fear de na h-uaireadairean agad suas a mhuinchill agus dh’fhalbh e leis.’ Chunnt fear na bùtha na h-uaireadairean agus, ceart gu leòr, bha aonan a dhìth. Ruith e a-mach às a’ bhùth, feuch poileas a lorg. Ach cha robh sgeul air poileas no, gu dearbh, air a’ mhèirleach.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Fhad ’s a bha fear na bùtha a-muigh air an t-sràid, chuir an gille an ceann air fear de na bogsaichean uaireadairean, agus chuir e am bogsa am broinn a sheacaid. Dh’fhalbh e gu àros nam mèirleach.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Am faca tu na rinn mi sa bhùth?’ thuirt am mèirleach ris a’ ghille. ‘Saoil am bi thu fhèin cho sgileil rium uair no uaireigin?’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Leis a sin, thug an gille am bogsa de dh’uaireadairean a-mach. ‘Bha thu math,’ thuirt e, ‘ach saoilidh mi gun robh mise na b’ fheàrr.’ Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

uachdaran: landlord, laird; buidealair: butler; onarach: honest; ³¾Ã¨¾±°ù±ô±ð: thieving, burglary; gràisg mhèirleach: a gang of thieves.ÌýÌý

Abairtean na Litreach

nuair a ràinig e an aois cheart fhuair e fhèin obair anns an taigh mhòr: when he reached the right age he himself got work in the estate house; nuair a thòisich seudan is rudan luachmhor air dhol a dhìth: when jewels and valuable items started to go missing; gur e an gille a bh’ air an goid: that it was the lad who had stolen them; feuch dreuchd ùr a lorg dha: to try and find him a new profession; dh’fhaighnich an srainnsear gu dè thug orra thighinn a Ghlaschu: the stranger asked what had caused them to come to Glasgow; gun lorg an gille agam ceàird: that my son will find a profession; bùth aig fear-reic uaireadairean: a watchmaker’s shop; chuir fear na bùtha bogsa uaireadairean òir air a’ chunntair: the shopkeeper put a box of gold watches on the counter; suas a mhuinchill: up his sleeve; chan eil gin dhiubh seo freagarrach: none of these are suitable; am faca tu gu dè rinn an duine sin?: did you see what that man did?; bha aonan a dhìth: one was missing; chuir e am bogsa am broinn a sheacaid: he put the box inside his jacket; saoil am bi thu fhèin cho sgileil rium uair no uaireigin: do you think you’ll be as skilful as me some day.

Puing-chànain na Litreach

Nas fheàrr buileach: much better. It can be difficult to translate buileach at times. It is an adverb meaning ‘completely, entirely’ and is often used as an intensifier, commonly with the comparatives of math and dona ie ´Ú±ðà°ù°ù and miosa. Bhiodh sin na bu mhiosa buileach ‘that would be even worse’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

chuireadh an t-uachdaran an teaghlach gu lèir a-mach air an t-sitig:Ìý the landlord would throw the entire family out [lit. out on the dungheap].

Broadcasts

  • Sun 30 Nov 2014 22:00
  • Wed 3 Dec 2014 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast