Prìomh fhiosrachadh
Faodaidh àԱԲ agus dealanaich a bhith gu math inntinneach agus uaireannan rud beag eagalach cuideachd ach dè th' ann an stoirm ٳàԱԲ?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè bhios ag adhbhrachadh ٳàԱԲ is dealanaich
- Dè th' ann an dealan stadaigeach
- Mu dhiofar sheòrsaichean dhealanaich
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu ٳàԱԲ agus dealanaich.
Ciamar a bhios stoirm ٳàԱԲ a' tòiseachadh?
- Bidh stoirm ٳàԱԲ a' tòiseachadh am broinn òٳ.
- Bidh bìdeagan deighe a' gluasad suas is sìos agus a' bualadh na chèile am broinn na òٳ.
- Bidh seo a' tòiseachadh teàirrds dealain.
- Ma dh'fhàsas an teàirrds mòr gu leòr, sruthaidh e gu h-obann mar shruth dealain mòr uabhasach eadar an òٳ agus an talamh, no eadar òٳan. Chì sinn seo coltach ri sradag mhòr agus canaidh sinn dealanaich ris.
- Nuair a thig dealanaich, teasaichidh e an èadhar gu mu 10,000°.
- Bidh an èadhar a' teasachadh cho luath 's gum meudaich i gu h-obann ag adhbharachadh tonn-crithe, frith-bhuille mhòr, mhòr san èadhar. Cluinnidh sinn seo mar ٳàԱԲ.
Seo eisimpleirean de dhealanaich.
1 of 3
End of image gallery
- àԱԲ - Tonn-crithe, frith-bhuille mhòr, mhòr san èadhar. Cluinnidh sinn seo mar ٳàԱԲ.
- dealanaich - Solas soillseach san adhar. Tha e air adhbharachadh nuair a chruinnicheas uiread de dhealan stadaigeach ann an òٳ 's gun siubhail sradag mhòr dealain eadar an òٳ agus an talamh no eadar òٳan.
- dealan stadaigeach - Nuair a shuathas dà stuth eadar-dhealaichte na chèile agus a bhios teàirrds dealain ann. Mar eisimpleir, a' suathadh ù ri do cheann no bìdeagan deighe a' bualadh na chèile am broinn òٳ.
- breab-dealain - Nuair a thèid sruth dealain tro bhodhaig chuideigin.
- tonn-crithe - Brùchdadh obann de lùth a' gluasad a-mach na thuinn, a' cur na h-èadhair mun cuairt air chrith.
Diofar sheòrsachan dhealanaich
- dealanaich sgaoilte - Dealanaich a' sruthadh eadar òٳan agus a' lasadh an adhair.
- dealanaich gobhlach - Dealanaich sgorach a' sruthadh eadar òٳ agus an talamh.
- ball-dhealanaich - Seòrsa de dhealanaich neo-àbhaisteach nach fhaicear tric. Dealanaich ann an cruth ball soillseach dealain.
Ceistean
Cruthaich dealan stadaigeach le ù.
'S e dealan stadaigeach – nuair a bhios dà stuth eadar-dhealaichte a' suathadh na chèile – a tha ag adhbhrachadh ٳàԱԲ is dealanaich.
Feuch fhèin air deuchainn dealan stadaigeach aig an taigh no anns a' chlasrum.
Feumaidh tu:
- ù
- clobhda tioram
Dè nì thu:
- Suath am ù mu 40 diog le pìos clobhda.
- Cùm am builiùn os cionn do chinn (gun suathadh ann) agus faic mar a tha d' fhalt steigte ris. 'S e dealan stadaigeach a tha ag adhbhrachadh seo.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count10 of 21
- count11 of 21
- count12 of 21