tv

Prìomh fhiosrachadh

Faodaidh sìde fhuar buaidh a thoirt air ar beatha ann an iomadh dòigh.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a dh'fhaodas sìde fhuar a dhèanamh doirbh faighinn mun cuairt
  • Dè ghabhas dèanamh gus nach bi deigh na duilgheadas air rathaidean agus cabhsairean
  • Mar a bhios sìde fhuar a' toirt buaidh air lusan agus craobhan
  • Mar a chumas sinn ar dachaigh blàth anns a' gheamhradh

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mar a bhios sìde fhuar a' toirt buaidh air ar beatha làitheil.

Ciamar a bhios sìde fhuar a' toirt buaidh air ar beatha?

Faodaidh sìde fhuar tighinn ann an iomadh diofar dhòighean – làithean reòta, làithean fiadhaich agus làithean le tòrr sneachda.

ò󲹾

  • Feumaidh sinn a bhith faiceallach nach tuit sinn air an deigh nuair a tha reothadh air na rathaidean agus air na cabhsairean.

  • Bidh làraidhean grinneil a' sgaoileadh grinneal air na rathaidean nuair a bhios reothadh ann agus bithear ga chur air
    cabhsairean cuideachd airson cuideachadh nuair a tha i sleamhainn. Bidh an grinneal a' leaghadh na deighe agus ga briseadh.

  • Nuair a bhios sneachd mòr ann, bidh crainn-shneachda a' putadh an t-sneachda far nan rathaidean airson ar cuideachadha' dràibheadh dhan sgoil no a dh'obair.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Bhana, car agus bus steigte san t-sneachd, Dùbhlain siubhail Nuair a tha sneachd mòr ann, faodaidh e a bhith doirbh faighinn dhan sgoil no a dh'obair. (Kay Roxby/Alamy)

Aodach

Daoine a' ruith mun cuairt agus a' sleidseadh san t-sneachd
Image caption,
Mu chuireas sinn oirnn aodach blàth agus ma bhios sinn a' ruith mun cuairt nuair a tha i fuar, bidh sinn a' cruthachadh am blàths againn fhèin! (kevin wheal surrey / Alamy)

Nuair a tha i fuar a-muigh, feumaidh sinn aodach blàth a chur oirnn. Gabhaidh tu blàths cuideachd ma bhios tu a' dèanamh tòrr agus a' gluasad mun cuairt nuair a tha an teòthachd ìosal.

Daoine a' ruith mun cuairt agus a' sleidseadh san t-sneachd
Image caption,
Mu chuireas sinn oirnn aodach blàth agus ma bhios sinn a' ruith mun cuairt nuair a tha i fuar, bidh sinn a' cruthachadh am blàths againn fhèin! (kevin wheal surrey / Alamy)

Aig an taigh

Ionsulaideadh le cobhar eadar dà bhalla
Image caption,
Faodaidh sinn na taighean againn a chumail blàth le stuth-gleidhidh. (kevin wheal surrey / Alamy)
  • Bidh sinn a' cumail nan dachaighean againn blàth nuair a tha i fuar le bhith a' cur air an teas. Tha tòrr lùth ga chleachdadh airson ar dachaighean a theasachadh, agus glè thric tha an lùth seo air a chaitheamh nuair a tha an teas ga chall dhan èadhar a-muigh. Tha iomadh dòigh ann air na tha de lùth ga chall a bheagachadh.
  • Ma tha beàrnan timcheall dhorsan agus uinneagan, thig èadhar fhuar a-steach agus gheibh èadhar bhlath a-mach. Faodaidh sinn coimhead airson nam beàrnan a tha a' leigeil gaoth a-steach. Mar eisimpleir, faodar beàrnan eadar doras agus an làr a chòmhdach le bacain-ghaoithe. 'S e dòigh fhurasta a tha seo air rùm a chumail blàth gun an teas a chur air.
  • Faodaidh sinn ar dachaighean a chumail blàth le ionsulaideadh. Tha ballachan cuasach ann an tòrr thogalaichean. 'S e sin dà bhalla le beàrn èadhair eatarra. Faodar seo a lìonadh le cobhar mar ionsulaideadh.
  • Mura bheil ionsulaideadh ann an togalaichean, bidh iad a' call cairteal dhen teas aca tron mhullach. Gabhaidh teas agus airgead a chaomhnadh le ionsulaideadh lobhta agus mullaich a chur a-steach.

Faigh a-mach mu bharrachd dhòighean air na dachaighean againn a chumail blàth gun lùth a chall, an seo: Ionnsachadh airson seasmhachd: A' caomhnadh lùth

Ionsulaideadh le cobhar eadar dà bhalla
Image caption,
Faodaidh sinn na taighean againn a chumail blàth le stuth-gleidhidh. (kevin wheal surrey / Alamy)
Back to top

Fiadh-bheatha

Tha cuid de lusan 's de bheathaichean air iad fhèin airson a bhith beò far a bheil sìde fhuar, fhuar.

Craobhan

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Craobhan-giuthais ann an sneachd sa gheamhradh, Craobhan durcanach Tha duilleagan coltach ri bioran tana air craobhan durcanach mar an giuthas. Cha bhi na bioran aca a' call mòran teas no uisge fiù 's nuair a tha an t-sìde fuar. (Findlay / Alamy Stock Photo)

Faigh a-mach barrachd mu chraobhan 's mu choilltean an seo: Cruthan-tìre: Coilltean

Beathaichean

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Brù-dhearg anns a' choille, Bruthan dearga Tha bruthan-dearga anns an RA fad na bliadhna, ach bidh sinn tric a' smaoineachadh gur e eòin gheamhraidh a th' annta. Bidh mòran bhruthan-dearga a' dèanamh imrich dhan RA às na dùthchannan Lochlannach anns a' gheamhradh. (Karen van der Zijden / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • ginidich - Nuair a bhios sìol a' tòiseachadh air fàs.
  • crann-sneachda - Làraidh mhòr le taoman mòr, meatailte, coltach ri siobhail mhòr, air an aghaidh, agus bidh e a' putadh an t-sneachda far an rathaid.
  • ionsulaideadh - Dòigh air ar dachaighean a chumail blàth anns a' gheamhradh le bhith a' cumail an teas a-staigh. 'S dòcha gun cuir sinn oirnn geansaidh nuair a tha i fuar. Anns an aon dòigh, ma chuireas sinn stuth-gleidhidh mar cobhar no clòimh dhan lobhta, no dha na beàrnan eadar na ballachan ann an taigh, cumaidh sinn an teas a-staigh.
Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Sgrìobh aithisg mu bheathach a tha beò ann an gnàth-shìde a tha uabhasach fuar.

Dèan rannsachadh air beathach a tha beò ann an àite a tha uabhasach fuar agus sgrìobh aithisg mu dheidhinn.

Seo beagan smuaintean airson faighinn gu dol:

  • Càit a bheil am beathach a' fuireach? Dè an teòthachd chuibheasach a tha san àite?
  • Ciamar a tha am beathach air freagradh ri teòthachd fhuar? Mar eisimpleir, a bheil bian tiugh orra airson an cumail blàth?
  • An e neo a tha sa bheathach?
  • Eisimpleirean de bheathaichean a tha beò far a bheil gnàth-shìde uabhasach fhuar: cinn-fhionna, mathain bhàn, sionnaich an t-sneachda agus liopardan an t-sneachda.

Ma tha cuideachadh a dhìth ort airson aithisg a sgrìobhadh, gheibh thu cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu aithisg

Mar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig. revision-guide

Faigh a-mach mu na dòighean anns am bi beathaichean blàth-fhuileach is fuar-fhuileach a' cumail smachd air teòthachd.

Mar a chumas beathach smachd air teas a bhodhaig

Dè th' anns na ràithean? revision-guide

Faigh a-mach mu na ceithir ràithean agus mar a bhios iad a' toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn.

Dè th' anns na ràithean?
Back to top