tv

'S e seòrsa de fheart creige a th' ann an ion-shàthadh teinnteach. Bidh iad air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas creag leaghte fo uachdar na Talmhainn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an ion-shàthaidhean teinnteach
  • Mar a tha laccoliths agus plugan bholcànach air an cruthachadh
  • Far an lorg thu feartan ion-shàthadh teinnteach
  • Fiadh-bheatha Albannach ann an Lodainn

Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ󲹲-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan-tìre teinnteach aig Traprain Law, North Berwick Law agus Am Bas ann an Lodainn an Ear.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus gheibh thu a-mach dè th' ann an ion-shàthadh teinnteach agus mar a tha e air a chruthachadh.

Feartan ion-shàthadh teinnteach

  • Bidh an seòrsa feart creige ris an canar ion-shàthadh teinnteach ga chruthachadh nuair a bhios a' fuarachadh fo uachdar na Talmhainn.
  • Bidh magma, bho shìos domhainn fon talamh, a' bruthadh suas gu uachdar na Talmhainn agus a' cruthachadh ion-shàthaidhean mar laccoliths agus plugan bholcànach. Bidh am magma a' fuarachadh agus mus ruig e an t-uachdar.

Laccoliths

'S e ion-shàthaidhean teinnteach air chruth balgain-buachair a th' ann an laccoliths. Bidh magma tiugh ga fhorsadh fhèin suas astar beag agus an uair sin a' tòiseachadh air gluasad gu aon taobh. Bidh am magma a' fuarachadh agus a' cruadhachadh agus a' fàgail meall creige mar Traprain Law.

Laccolith leubailte le rùsg na Talmhainn agus magma

Plugan bholcànach

'S e seòrsa eile de dh'ion-shàthadh teinnteach a th' ann am plugan bholcànach. Bidh iad air an cruthachadh nuair a steigeas làbha leaghte agus luath theth ann an bholcàno. Mar a bhios sin a' fuarachadh, bidh e a' dol na chreag chruaidh, theinnteach, mar North Berwick Law agus Am Bas.

Càit an lorg thu iad?

Tha iomadh ion-shàthadh teinnteach inntinneach ann an Dùn Èideann agus ann an Lodainn. Tha am map seo a' sealltainn nam feartan bholcànach agus teinnteach as ainmeile san sgìre. Ma tha thu a' fuireach faisg orra, no ma thadhaileas tu air an sgìre, dh'fhaodadh tu feuchainn rim faicinn!

Map de dh'ion-shàthaidhean teinnteach ann an Dùn Èideann agus ann an Lodainn

Ion-shàthaidhean teinnteach air feadh Alba

Gheibhear ion-shàthaidhean teinnteach air feadh Alba, chan ann a-mhàin ann an Dùn Èideann agus Lodainn.

Tha ion-shàthadh teinnteach cuideachd aig Creag Chluaidh (pluga bholcànach ann an Dùn Bhreatann) agus Beinn Lughdain (pluga bholcànach ann an Siorrachd Àir).

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Traprain Law air latha grianach, Traprain Law 'S e laccolith a th' ann an Traprain Law: ion-shàthadh teinnteach air chruth balagain-buachair. Bhrùth magma suas a dh'ionnsaigh uachdar na Talmhainn agus ghluais e an uair sin gu thaobh mus do dh'fhuaraich agus an do chruadhaich e. (Richard Newton / Alamy Stock Photo)
Back to top

Lusan agus beathaichean

Faigh a-mach barrachd mu chuid dhe na lusan agus dhe na beathaichean a chithear faisg air ion-shàthaidhean teinnteach Lodainn an Ear.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Achaidhean làn lusan buidhe lus-ola mun cuairt Traprain Law, Dìtheanan agus bàrr Tha am fearann còmhnard, torrach mun cuairt Traprain Law a' cuideachadh dhìtheanan agus bàrr gu fàs, mar an t-achadh seo le lusan buidhe lus-ola. (Sally Anderson Weather / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • ion-shàthadh teinnteach – Feart creige a bhios air a chruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas magma (creag leaghte) fo uachdar na Talmhainn.
  • magma – Creag leaghte a tha cho teth 's gu bheil i air a dhol na lionn. Nuair a ruigeas magma uachdar na Talmhainn, canar làbha ris.
  • laccolith - Cnap creag theinnteach air chruth balgan-buachair a bhios air a chruthachadh fo uachdar na Talmhainn.
  • sreath bheanntan – Sreath de chnuic no de bheanntan a chaidh a chruthachadh faisg air a chèile.
  • torrach – Ùir no fearann a tha math airson tòrr lusan fhàs.
  • pluga bholcànach – Feart creige teinnteach air a chruthachadh nuair a steigeas làbha leaghte agus luath theth agus a chruadhaicheas iad ann an deatachan bholcàno.
  • deatachan - An seanail am broinn bholcàno a bhios a' fosgladh suas chun an uachdair.
  • eigh-shruth – Abhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.
  • bleith – A' cnàmh air falbh.
  • Linn na Deighe – Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhain sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna.
  • fonolaight – Seòrsa de chreag ris an canar cuideachd 'clach fhuaimneach'.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

ù

Dealbhaich beagan ionmhas Ròmanach (mar an t-airgead a chaidh a lorg aig Traprain Law)

Tha Traprain Law ainmeil airson an uireid as motha de dh'airgead Ròmanach a chaidh a lorg riamh an taobh a-muigh de dh'Ìmpireachd na Ròimhe.

Dèan rannsachadh air an t-seòrsa nithean Ròmanach a dh'fhaodadh iad a bhith air a lorg agus dealbhaich fhèin fear.

Coimhead a' bhidio seo agus gheibh thu a-mach barrachd mu na Ròmanaich agus na dh'fhàg iad às an dèidh ann an Alba.

Back to top

More on ܳٳ󲹲-ì

Find out more by working through a topic