tv

Bidh abhainn a' tòiseachadh aig a' bhun. Tha cùrsa uachdrach cas aice agus an uair sin cùrsa meadhain. Tha an cùrsa meadhain leathann agus domhainn le uisge a tha a' sruthadh gu luath.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Na feartan ann an cùrsa meadhain aibhne
  • A' bhuaidh aig bleith agus tasgadh
  • Mar a tha ù-Ա agus loch bogha-daimh air an cruthachadh
  • Mu na bìobhairean ann an Alba

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean ܳٳ󲹲-ì airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh cùrsa meadhain Abhainn Tatha.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu na feartan aig cùrsa meadhain aibhne.

Dè th' ann an abhainn?

  • 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh bho a-steach a sgìre-uisge eile, mar a' mhuir, a th' ann an abhainn.
  • Tha trì earrannan ann an abhainn: an cùrsa uachdrach, an cùrsa meadhain agus an cùrsa ìochdrach.
Abhainn Ilidh a' lùbadh tro Shrath Chill Donnain
Image caption,
An dèidh a' chùrsa uachdrach chas, bidh an cùrsa meadhain a' sruthadh thairis air an tìr. Bidh tòrr ù-Ա anns a' chùrsa meadhain mar a chì thu san dealbh seo de dh'Abhainn Ilidh.
Back to top

Dè th' anns a' chùrsa meadhain?

  • Tha barrachd lùth agus barrachd uisge anns a' chùrsa meadhain na th' anns a' chùrsa uachdrach a tha cas agus cumhang.
  • Tha e leathann agus domhainn. Bidh tòrr a' sruthadh a-steach dhan chùrsa meadhain, a' cur tuilleadh uisge ri cladhan na h-aibhne.
  • Tha cladhan aibhne nas motha a' ciallachadh gu bheil nas lugha de ann agus bidh an t-uisge a' sruthadh nas luaithe.
  • Bidh uisge a' sruthadh nas luaithe air taobh a-muigh ù-Ա agus gu mall air taobh a-staigh na lùib.
  • Bidh uisge a tha a' sruthadh gu luath nam bruaichean a-muigh. Bidh uisge a tha a' sruthadh gu mall stuth, leithid gainmheach is grinneal, air a' bhruaich a-staigh.
  • Tha bleith air a' bhruaich a-muigh agus tasgadh air a' bhruaich a-staigh a' cuideachadh gus feartan leithid agus a chruthachadh.

Feartan fiosaigeach a' chùrsa meadhain

Chì thu eisimpleirean de fheartan a' chùrsa meadhain anns na dealbhan.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, Bearradh-aibhne air ù-Ա, ù-Ա 'S e lùb mhòr ann an abhainn a th' ann an ù-Ա. Bidh uisge a' sruthadh nas luaithe air taobh a-muigh na lùib agus gu mall air taobh a-staigh na lùib. Bidh uisge luath a' bleith bearradh-aibhne cas air taobh a-muigh na lùib (air an làimh chlì san dealbh). Bidh uisge mall a' tasgadh gainmheach agus eabar, agus a' dèanamh tràigh-aibhne le beagan aomaidh air taobh a-staigh na lùib (air an làimh dheis san dealbh).
Back to top

Fiadh-bheatha aibhne: bìobhairean ann an Alba

Anns a' bhidio aig mullach na duilleig, chunnaic Isla bìobhair air Abhainn Tatha. Gheibh sinn a-mach barrachd mu bhìobhairean ann an Alba.

  • 'S e am Bìobhair Eoràisianach an dara gnè radain as motha air an t-saoghal.
  • Mar as trice 's fheàrr le bìobhairean a bhith ann an siostaman fìor-uisge mar aibhnichean, uillt, lochan agus pollagan.
  • Tha iad nan gnè ùٳ󳦳󲹲 san Rìoghachd Aonaichte. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad air a bhith beò a seo gu nàdarra gun daoine a bhith an sàs. Chaidh iad à bith o chionn cheudan bhliadhnaichean air sgàth sealg, ach shoirbhich len toirt air ais dhan RA ann an 2009.
  • Tha bìobhairean ainmeil airson nan sgilean innleadaireachd a th' aca. Bidh iad a' cladhach air bruaichean aibhnichean agus lochan, agus gan cleachdadh airson biadh agus stuthan togail a ghiùlan.
  • Tha bìobhairean cuideachd ainmeil airson a bhith a' togail loidsichean agus damaichean airson iad fhèin a chumail sàbhailte bho .
Bìobhair
Image caption,
Bìobhair air Abhainn Eireachd faisg air Blàr Ghobharaidh
Back to top

Ìomhaigh le 'Prìomh fhacail' sgrìobhte air
  • Còd Slighean Dùthchail na h-Alba - Stiùireadh bhon riaghaltas air ar còraichean agus ar dleastanasan nuair a bhios sinn air a' bhlàr a-muigh ann an Alba.
  • an cùrsa meadhain - An earrann dhen abhainn a tha eadar an cùrsa uachdrach agus an cùrsa ìochdrach. 'S àbhaist gum bi e nas leatha agus nas doimhne na an cùrsa uachdrach agus gum bi an t-uisge a' sruthadh gu mall.
  • leas-abhainn - Allt no abhainn a bhios a' sruthadh a-steach a dh'allt no a dh'abhainn eile an àite a bhith a' dol dhan mhuir. Bidh leas-aibhnichean a' cur tòrr uisge dhan abhainn agus bidh i a' fàs nas leatha agus nas doimhne mar a bhios i a' dol air adhart.
  • allt - Sruth mòr no abhainn bheag.
  • bleith - Nuair a bhios stuth, mar creag, a' caitheamh thar ùine. Bidh cumhachd an uisge ann an cùrsa uachdrach aibhne ag adhbhrachadh tòrr bleith tìre.
  • tasgadh - Nuair a bhios uisge a' call cumhachd, bidh e a' leigeil sìos an stuth a bha e a' giùlan leithid gainmheach agus grinneal.
  • ù-Ա - Lùb san abhainn air a dèanamh le bleith agus tasgadh.
  • loch bogha-daimh - loch air chumadh U air a chruthachadh nuair a choinnicheas lùban ri chèile. Bidh uisge na h-aibhne a' briseadh a-steach agus a' dèanamh cladhan ùr. Thèid an lùb a dhùnadh le gainmheach agus grinneal agus thèid e na loch bogha-daimh.
Back to top

Feuch na ceistean goirid seo mun chùrsa meadhain.

Ìomhaigh air a bheil am facal 'ù' sgrìobhte

Dealbhaich postair a chuidicheas clann eile gu bhith a' tuigsinn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.

'S e stiùireadh bhon riaghaltas a th' ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Tha e ag innse mu ar còraichean agus ar dleastanasan nuair a bhios sinn air a' bhlàr a-muigh ann an Alba.

'S e na trì phrìomh riaghailtean:

  • urram a thoirt do mhath dhaoine eile
  • coimhead às dèidh na h-àrainneachd
  • uallach a ghabhail airson na bhios tu fhèin a' dèanamh

Beagan bheachdan airson tòiseachadh:

  • Bu chòir dhan phostair a bhith tarraingeach agus fiosrachadh cudromach a bhith air. Dè am fiosrachadh a bu chòir a bhith air?
  • Smaoinich mun luchd-amais. Cò dha a tha am postair?
  • Ciamar a ghlacas coltas agus stoidhle a' phostair agad aire cuideigin? Cò ris a bhios an teacsa coltach? Dè an seòrsa dhealbhan a dh'fhaodadh tu a chleachdadh?

Ma dh'fheumas tu cuideachadh leis a' phostair, gheibh thu barrachd fiosrachaidh a seo: Mar a nì thu postair

Back to top