tv

Prìomh fhiosrachadh

An robh fios agad gu bheil an t-uisge anns na tapaichean no anns na frasairean againn a' tighinn bhon mhuir, bhon adhar, bho lochan agus bho aibhnichean? Tha sin na phàirt de chuairt an uisge.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a bhios uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais gu Talamh a-rithist
  • Na trì ceumannan ann an cuairt an uisge: deatachadh, -ùٳ󲹳󲹻 agus sileadh
  • Mu chuairt an uisge ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu chuairt an uisge.

Dè th' ann an cuairt an uisge?

'S e cuairt an uisge mar a bhios uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn suas dhan èadhar agus dhan adhar agus an uair sin a' tilleadh gu talamh. Tha trì pàirtean ann an cuairt an uisge.

  1. Bidh a' chiad cheum a' tachairt nuair a bhlàthaicheas a' ghrian na cuantan, aibhnichean agus lochan. Mar a bhios an t-uisge a' blàthachadh, bidh cuid dheth a' dol na ghas gun dath ris an canar deatach uisge. Seo a' chiad phàirt de chuairt an uisge agus canar deatachadh ris.

  2. Mar a bhios an deatach uisge ag èirigh, bidh e a' fuarachadh, agus mar a bhios e a' fuarachadh, bidh e a' dol air ais na bhoinneagan uisge. Chì sinn na boinneagan sin mar òٳ󲹲. Seo an dara pàirt de chuairt an uisge agus canar -ùٳ󲹳󲹻 ris.

  3. Mar a bhios barrachd is barrachd bhoinneagan uisge a' -ùٳ󲹳󲹻, bidh iad a' dol còmhla agus a' fàs nas motha agus nas truime. Mu dheireadh, bidh iad cho trom 's gun tuit iad às an adhar sìos gu talamh. Seo an treas pàirt de chuairt an uisge agus canar sileadh ris. Tha sileadh a' gabhail a-steach uisge, clach-mheallain, flin no sneachd.

Bhon a tha an t-uisge a-nis air tilleadh gu uachdar na Talamhainn, bidh cuairt an uisge a' tòiseachadh a-rithist.

Cuairt an uisge

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, A' lìonadh glainne uisge às an tap, Uisge bhon tap Bidh sinn a' cleachdadh uisge bhon tap a h-uile latha, ach an do smaoinich thu riamh mun turas a bhios uisge a' gabhail mus ruig e sinn?
Back to top

  • deatachadh – 'S e deatachadh a bhios a' tachairt nuair a dh'atharraicheas uisge gu bhith na ghas gun dath ris an canar deatach uisge.

  • -ùٳ󲹳󲹻 - Canar -ùٳ󲹳󲹻 ris a' phròiseas nuair a bhios deatach uisge a' fuarachadh agus a' dol air ais na uisge.

  • sileadh – Canar sileadh ri uisge nuair a thuiteas e mar uisge, flin, clach-mheallain no sneachd.

Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Dèan diagram de chuairt an uisge.

'S e dealbh a sheallas pròiseas ann an dòigh shìmplidh a bhios furasta a thuigsinn a th' ann an diagram.

Bu chòir seo a bhith san diagram agad:

  1. Deatachadh
  2. -ùٳ󲹳󲹻
  3. Sileadh

Seo beachdan airson do chuideachadh:

  • Bu chòir leubailean soilleir a bhith air an diagram agad dhe na trì ceumannan ann an cuairt an uisge.
  • Cleachd saighdean a sheallas an taobh a bhios an t-uisge a' gluasad.
  • 'S dòcha gum faodadh tu dealbh de loch, abhainn no dhen mhuir faisg ort a chleachdadh airson cuairt an uisge a shealltainn.

Seo eisimpleir de dhiagram de chuairt an uisge.

Back to top