tv

Prìomh fhiosrachadh

Tha uisge glè chudromach agus faodaidh e buaidh a thoirt air ar beatha ann an diofar dhòighean.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a bhios uisge a' toirt buaidh air ar beatha làitheil
  • Mar a bhios tuil air adhbhrachadh
  • Mar a bhios tart air adhbhrachadh
  • Mar a bhios daoine a' làimhseachadh shuidhichidhean dian san aimsir

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mun bhuaidh a bhios an t-uisge a' toirt air ar beatha làitheil.

Ciamar a bhios uisge a' toirt buaidh air ar beatha?

  • Bidh uisge an adhair a' toirt an uisge a dh'fheumas iad do bheathaichean agus do lusan airson fàs agus a bhith beò.
  • Tha an t-uisge anns na tapaichean againn a' tighinn às an adhar bho thùs. Bidh sinn ag òl an uisge seo agus ga chleachdadh ann am frasan agus amaran a h-uile latha. Tha e na phàirt de .
  • Feumaidh sinn smaoineachadh air dè tha sinn a' dol a chur oirnn nuair a tha an t-uisge ann. Bu chòir dhuinn smaoineachadh air aodach ܾ-ìDzԲ.
  • Feumaidh sinn smaoineachadh air ciamar a tha sinn a' dol a shiubhal nuair a tha an t-uisge ann. 'S dòcha gun gabh sinn bus, càr no trèana an àite coiseachd no saidhcleadh.
  • Faodaidh cus uisge no ro bheag a dh'uisge sìde dhian adhbharachadh mar no .
  • Faodaidh sìde dhian buaidh a thoirt air siubhal no ar comas air biadh fhàs.
  • San RA, 's ann ainneamh a bhios dian-uisge no dian-thart againn, ach bidh sin ann an iomadh àite.

Uisge agus beatha làitheil

Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn eisimpleirean air mar a tha uisge a' toirt buaidh air ar beatha làitheil agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Feòrag ruadh ag òl à pollag uisge, Uisge do lusan agus do bheathaichean Bidh uisge às an adhar a' toirt uisge do lusan agus do bheathaichean, mar an fheòrag ruadh seo. Coltach rinne, feumaidh lusan agus beathaichean uisge airson fàs agus airson a bhith beò. (Gary Cook / Alamy Stock Photo)

Back to top

پ-ì

Faigh a-mach dè bhios a' tachairt ma tha cus uisge ann no nach eil gu leòr ann.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Rathad fo thuil air an dùthaich le soidhne rathaid airson tuil, Tuiltean Bidh tuiltean a' tachairt nuair a bhios tòrr uisge mòr ann nach faigh air drèanadh air falbh. Faodaidh siubhal a bhith doirbh air sgàth thuiltean. Mar eisimpleir, 's dòcha gum bi rathaidean agus drochaidean dùinte. (Paul Maguire / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • tuil - Nuair a tha cus uisge ann 's nach faigh e air drèanadh ceart.
  • ùٱ - Nuair a tha uiread de dh'uisge ann an rud 's nach sùigh e an còrr lionn. Nuair a bhios uisge mòr ann airson ùine mhòr, bidh an talamh a' fàs coltach ri spuing agus bidh uiread a dh'uisge ann 's nach gabh e an còrr.
  • tart - Nuair nach bi uisge ann airson ùine mhòr agus a dh'fhàsas an talamh cruaidh agus tioram. Bidh seo ga dhèanamh doirbh biadh fhàs.
Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Sgrìobh eisimpleirean air mar a thug uisge buaidh air an latha agad an-diugh, no tarraing dealbh dheth.

Seo beagan bheachdan airson faighinn gu dol

  • Bidh sinn a' cleachdadh uisge, a tha a' tighinn bho uisge an adhair bho thùs, airson ar fiaclan a ghlanadh, anns an amar agus a' gabhail fras agus a' nighe nan soithichean.
  • Bidh uisge a' cuideachadh bàrr fhàs airson biadh.
  • Ma tha an t-uisge ann a-muigh, feumaidh sinn smaoineachadh air rudeigin ܾ-ìDzԲ a chur oirnn, agus 's dòcha gum feum sinn dòigh-siubhail atharrachadh.
Back to top