tv

Ag obrachadh a-mach beàrnan ùine

A' cunntadh air adhart

Cuimhnich a' cheist a bh' agad:

Tha Daniel a' tòiseachadh san sgoil aig \(8.25m\) agus a' crìochnachadh aig \(3.15f\). Dè cho fada 's a tha e san sgoil?

Seo mar a dh'obraicheas tu a-mach e le 'cunntadh air adhart'.

Ceum a h-Aon

Tòisich aig 8.25m agus obraich a-mach an àireamh mhionaidean gu 9m.

\(8.25m - 9m = 35\,mionaidean\)

Ceum a Dhà

An uair sin obraich a-mach cia mheud uair a thìde a tha eadar 9m agus 3f.

\(9m - \,\text{meadhan-là} = 3\,uairean\)

\(\text{meadhan-là} - 3f = 3\,uairean\)

Ceum a trì

A-nis obraich a-mach an àireamh mhionaidean a tha eadar 3f agus 3.15f.

\(3f - 3.15f = 15\,mionaidean\)

Ceum a ceithir

Mu dheireadh, cuir-ris gach beàrn ùine.

\(35\,mion + 3\,u + 3\,u + 15\,mion = 6\,u + 50\,mion = 6\,u\,50\,mion\)

Eisimpleirean

Question

Chleachd Amy an t-eadar-lìon bho \(10.08\) gu \(14.57\). Dè cho fada 's a bha i air an eadar-lìon?

Uaireannan bidh againn ri beàrn ùine obrachadh a-mach thairis air meadhan-oidhche.

Question

Ghabh Karen trèan air an oidhche. Thòisich an turas aig \(21.10\) agus chrìochnaich e aig \(07.30\). Dè cho fada 's a thug an turas?

Related links