tv

Tomhas sgaoilidh

An raon

'S e an raon aon dòigh air tomhas dè cho sgaoilte 's a tha na h-àireamhan.

'S e an raon an diofar eadar na h-àireamhan as motha agus as lugha.

Seo toraidhean Kieran a-rithist:

\(10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9, 12\)

'S e \(14\) an àireamh as motha aig Kieran agus 's e \(9\) an àireamh as lugha, agus mar sin 's e an raon \(14 - 9 = 5\).

Airson an raon aig seata àireamhan a lorg, feumaidh tu:

  • an àireamh as lugha a lorg
  • an àireamh as motha a lorg
  • an àireamh as lugha a thoirt-air-falbh bhon àireimh as motha
  • fios a bhith agad gun canar an raon ris an diofar eadar an àireamh as motha agus an àireamh as lugha.

Question

Dè an raon aig an t-seata àireamhan seo?

\(5, 8, 3, 6, 2, 8, 6, 9, 3\)

A' coimeas dàta

Tha fios againn gur e 11 cuibheas na h-àireimh de thragan air clàran Kieran.

Chunnt Deepa cuideachd an àireamh thragan air na clàran aice agus dh'obraich i a-mach gur e 11 an cuibheas aice cuideachd.

Seo toraidhean Deepa:

\(2, 20, 3, 17, 20, 4, 3, 16, 4, 5, 19, 18, 12\)

Mar sin cho-dhùin i gun robh na toraidhean aice gu math coltach ri toraidhean Kieran, ach chan ann mar sin a tha.

Seo toraidhean Kieran:

\(10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9, 12\)

Cuimhnich, 's e \(5\) an raon aige.

Ged a tha an cuibheas aig Deepa an aon rud ris a' chuibheas aig Kieran, tha na toraidhean glè eadar-dhealaichte. Tha cuid dhe na toraidhean gu math nas motha no nas lugha.

Tha an àireamh thragan air na clàran aig Deepa a' dol eadar \(2\) is \(20\).

Raon \(= 20 - 2 = 18\)

Mar sin 's urrainn dhuinn barrachd fiosrachaidh a shealltainn le bhith a' toirt tomhas an sgaoilidh a bharrachd air cuibheas.

Related links