tv

Cogadh

Seo cothrom sgilean leughaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Saighdearan Breatannach
Image caption,
Saighdearan Breatannach

Tha cogadh is trioblaid a' ruith tro eachdraidh an t-saoghail. Bidh fios aig an neach a thaghas an t-Arm mar dhreuchd gu bheil cunnart ann gun iarrar air uair neo uaireigin a dhol a shabaid ann an cogadh.

Ann an 2014 bhathar a' comharrachadh ceud bliadhna bho thòisich a' Chiad Chogadh Mhòr. Thòisich an cogadh anns an Lùnastal 1914 agus mus tàinig e gu crìoch còrr air ceithir bliadhna an dèidh sin, bha barrachd air ochd millean neach air am beatha a chall. Bha an sgrios uabhasach. Ach cha do chuir e stad air miann dhaoine airson a bhith a' tagradh agus a' sabaid, oir bha Cogadh Mòr eile ann às a dhèidh agus grunn eile nach robh cho mòr às dèidh sin, na b' fhaisge air an latha anns a bheil sinn fhìn beò. Gu dearbha tha cuid a chanas gur gann a bha aon latha gun chogadh air choireigin san t-saoghal bho sguir an Dàrna Cogadh ann an 1945.

Tha cuid den bheachd nach gabh cogadh a bhith air fhìreanachadh ann an dòigh sam bith agus nach bu chòir a dhol an sàs ann idir. Gu dearbha bu toil leinn uile gum biodh sìth air feadh an t-saoghail. Ach uaireannan tha e furasta dìochuimhneachadh gu bheil droch dhaoine nar measg, a tha ag iarraidh a h-uile càil dhaibh fhèin. Bidh cogaidhean ann fhad 's a bhios daoine ann a dh'iarradh ar cur fo an casan nam biodh cothrom aca. Gu mì-fhortanach cha tuig cuid dhiubh cainnt sam bith ach a' bhrùidealachd a tha iad fhèin a' cleachdadh. Tha e doirbh suidhe air ais gun chàil a dhèanamh nuair a tha ar còirichean gam briseadh.

An-diugh tha daoine a' fàs suas agus cuid a tha air a thighinn gu aois, aig nach eil aithne air sabaid ann an cogadh, a bharrachd air aithrisean air cogaidhean ann an tìrean cèin. Ach tha sinn uile mothachail air cogadh ann an dòighean eile: tro na cunntasan a chuala sinn bho dhaoine na bu shine, bho na leugh sinn nar leabhraichean agus air sgàth 's gu bheilear aon latha gach bliadhna a' cuimhneachadh orrasan a chaill am beatha ann an cogadh. Cha mhòr an rud e dìthean dearg a chuir nar broilleach fad seachdain no dhà sa bhliadhna mar chomharra air cho mothachail 's a tha sinn air na thachair anns na cogaidhean. Tha gu leòr beò fhathast aig a bheil cuimhne air cogadh, a dh'fhiosraich pian ann a bhith a' dealachadh ri daoine agus briseadh dùil nuair nach do thill iad. Is iomadh sgeul phearsanta a dh'èireas à cogadh.

Ann an 1918, ged chaidh an t-sìth a ghairm air 11mh den t-Samhain, cha robh an cogadh seachad, gu sònraichte do mhuinntir Leòdhais. Grunn sheachdainean an dèidh sin, air madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919, chaidh am bàta an Iolaire air na creagan agus i a' tighinn a-steach gu Steòrnabhagh. Chaill ceud seachdad sa ceithir fear à Leòdhas am beatha agus chaillear cuideachd seachdnar às na Hearadh. Cha do rinn na peilearan is sligean a' chùis orra ach bha a' mhuir gu bhith neo-thròcaireach agus iad gu bhith aig an dachaigh.

Tha e do-dhèanta a chuir ann am briathran mar a dh'atharraich an Cogadh Mòr ar saoghal. Tha e a cheart cho doirbh tuigsinn ciamar a tha miann sabaid aig mac-an-duine fhathast, às dèidh na dh'fhuiling sinn de phian air sàillibh cogadh. Tha cuid fhathast a' dol am bad a chèile, a' cath is a' marbhadh; a' togail a' cheist nach do dh'ionnsaich sinn dad o na bliadhnaichean a dh'fhalbh?

Related links