tv

Rannsachadh

Mar as trice tòisichidh rannsachadh le taisbeanadh de dh'fhiosrachadh mu shuidheachadh, agus bidh ceistean às a dhèidh an dara cuid mun fhiosrachadh seo, no mun bhuaidh a th' aig atharraichean air an t-suidheachadh.

Eisimpleir

Pàirt 1

Tha Jim a' trèanadh airson a bhith na chòcaire. Tha e san treas bliadhna dhen chùrsa aige. 'S e \(\pounds850\) sa mhìos an tuarastal aige. Tha càr aige agus tha e a' fuireach còmhla ri phàrantan. Bidh e a' siubhal 50 mìle san latha gu obair (ann is air ais). Seo am buidseat mìosail aige:

Dè th' ann?Cosgais
Iasad a' chàir\(\pounds135\)
Peatrail\(\pounds150\)
Parcadh\(\pounds40\)
Seirbheiseachadh a' chàir\(\pounds50\)
Àrachas a' chàir\(\pounds40\)
Cuideachadh le cosgaisean an teaghlaich\(\pounds160\)
à󲹱\(\pounds60\)
Cur-seachadan\(\pounds150\)
Iomlan
Dè th' ann?Iasad a' chàir
Cosgais\(\pounds135\)
Dè th' ann?Peatrail
Cosgais\(\pounds150\)
Dè th' ann?Parcadh
Cosgais\(\pounds40\)
Dè th' ann?Seirbheiseachadh a' chàir
Cosgais\(\pounds50\)
Dè th' ann?Àrachas a' chàir
Cosgais\(\pounds40\)
Dè th' ann?Cuideachadh le cosgaisean an teaghlaich
Cosgais\(\pounds160\)
Dè th' ann?à󲹱
Cosgais\(\pounds60\)
Dè th' ann?Cur-seachadan
Cosgais\(\pounds150\)
Dè th' ann?Iomlan
Cosgais

Question

Obraich a-mach cosgaisean iomlan Jim an coimeas ri a theachd-a-steach.

Pàirt 2

Tha Jim an dùil gun tèid an tuarastal mìosail aige suas gu \(\pounds930\) sa bhliadhna nuair a bhios e sa bhliadhna mu dheireadh dhen chùrsa aige. Tha e cuideachd an dùil an dachaigh fhàgail agus a dhol a' flat còmhla ri daoine eile.

Bidh an dachaigh ùr aige faisg gu leòr air an obair aige airson coiseachd ann. Bidh e a' pàigheadh \(\pounds350\) gach mìos airson a' mhàil. Tha seo a' gabhail a-steach gas, dealan agus a' chìs comhairle.

Feumaidh Jim sùil eile a thoirt air a' bhuidseat aige.

Cosgais a' chàir

Tha Jim a' faicinn gun deidheadh aige air \(\pounds350\) a phàigheadh gach mìos air a' mhàl, às aonais an àrdachaidh, mura biodh càr aige.

Iasad a' chàir\(\pounds135\)
Peatrail\(\pounds150\)
Parcadh\(\pounds40\)
Seirbheiseachadh a' chàir\(\pounds50\)
Àrachas a' chàir\(\pounds40\)
Iomlan\(\pounds415\)
Iasad a' chàir
\(\pounds135\)
Peatrail
\(\pounds150\)
Parcadh
\(\pounds40\)
Seirbheiseachadh a' chàir
\(\pounds50\)
Àrachas a' chàir
\(\pounds40\)
Iomlan
\(\pounds415\)

Tha e a' cosg \(\pounds415\) air a' chàr agus tha sin \(\pounds65\) a bharrachd air na dh'fheumas e airson a' mhàil. Ach tha Jim an dòchas an càr a chumail nuair a ghluaiseas e. Mar sin tha e a' toirt sùil gheur air a' bhuidseat mhìosail 'ùr' aige.

Tuilleadh fiosrachaidh

  • Tha cosgais a' pheatrail \(\pounds100\) nas lugha chionn thèid aige air coiseachd a dh'obair bhon dachaigh ùir aige.
  • Chan eil cosgais parcaidh air chionn thèid aige air coiseachd gu obair bhon dachaigh ùir aige.
  • Bidh e a' cosg \(\pounds120\) air biadh an àite a bhith a' cuideachadh le cosgais an teaghlaich.

Question

Dè a' bhuaidh a th' aig an fhiosrachadh a bharrachd seo air na cosgaisean aige?

Pàirt 3

Tha plana a' bhuidseat aig Jim a-nis a' sealltainn gu bheil na tha e an dùil a chosg nas motha na an teachd-a-steach aige sa mhìos.

'S e an t-sùim \(\pounds955 - \pounds930 = \pounds25.\)

Ach tha e a' faicinn gun tèid aige air gluasad ma nì e beagan atharraichean eile.

Question

Na do bheachd-sa, dè na h-atharraichean eile a dh'fhaodadh Jim a dhèanamh ris a' bhuidseat a leigeadh dha an càr a chumail agus gluasad?

Related links