tv

Spòrs: Iomain

Mapa-inntinn: Mar a thòisich mi a' cluich iomain agus buaidh mo sheanair

Mar a thòisich mi a' cluich iomain agus buaidh mo sheanair

Iomain
Image caption,
Iomain

Tidsear: Madainn mhath, a Chaluim. Tha thu a' dol a thoirt do bheachdan air a' chuspair, "Iomain - Spòrs nan Gàidheal". Siuthad ma-thà. Inns dhomh dè do bheachdan air a' chuspair.

Calum: Madainn mhath. Chan eil ceist sam bith ann nam bheachd-sa gur e iomain an spòrs as fheàrr air an t-saoghail! Tha mise air a bhith air mo bheò-ghlacadh le iomain o bha mi sia bliadhna a dh'aois. Thòisich seo nuair a thug mo sheanair dhomh seann chaman a lorg e anns an t-seada. Cha b' e ruith ach leum gus an gèam ionnsachadh! Bhithinn a' cur seachad ùine mhòr an dèidh na sgoile is mi a' feuchainn ris a' bhall a chumail suas air a' chaman no ga bhualadh cho cruaidh sa b' urrainn dhomh – ged nach robh sin uabhasach furasta, an toiseach co-dhiù.

Cha robh mòran dhaoine òga san sgìre agam a' cluich iomain anns na làithean sin, ged a bha sgeulachdan gu leòr aig seanair mu bhith a' siubhal air feadh bailtean beaga na Gàidhealtachd a' cluich ann an lìog iomain. Chaill iomain an tarraing a bh' aige dhan ath ghinealach agus b' e ball-coise a fhuair làmh-an-uachdair.

Mapa-inntinn: Mar a chaidh iomain a bhrosnachadh san sgìre agam

Mar a chaidh iomain a bhrosnachadh san sgìre agam

Tidsear: Tha sgioba iomain làidir agaibh a-nis san sgìre seo. Co às an do dh'èirich sin?

Calum: Nuair a bha mise ochd, chaidh fèis stèidheachadh san sgìr' againn agus anns na bliadhnaichean a chaidh seachad tha iomadh balach agus nighean air cothrom fhaighinn iomain ionnsachadh. Tha mo sheanair fhèin a' cuideachadh is a' cur seachad tòrr ùine còmhla rinn. Tha e air a dhòigh is e a' faicinn daoine òga a' cluich a-rithist.

More guides on this topic

Related links