tv

Tha uisge riatanach. Cha bhiodh beatha idir air an Talamh às aonais.

Tha e cudromach gun cleachd sinn e ann an dòigh chiallach agus gun coimhead sinn às dèidh nan stòran uisge againn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Carson a tha uisge air a chleachdadh
  • Mar a tha solar uisge ann an Alba an taca ri dùthchannan eile
  • Far às a bheil uisge òil a' tighinn
  • Far am bi uisge salach a' dol
  • Mar a chaomhnas sinn uisge gus nach bi e air a chaitheamh
  • Buannachdan agus dùbhlain a thaobh cleachdadh uisge

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Uisge air an Talamh

Tha 71% de Phlanaid na Talmhainn air a chòmhdach le uisge. Le sin 's dòcha gum bi thu an dùil gu bheil tòrr againn airson a chleachdadh, ach chan eil ach 1% a ghabhas ò.

'S e à, uisge saillte anns a' mhuir agus anns na cuantan, a tha sa mhòr-chuid dhen uisge air an Talamh. Feumaidh daoine, beathaichean agus lusan ìǰ-ܾ chionn chan urrainn ar bodhaigean uisge saillte a phròiseasadh.

Mar a tha an àireamh-sluaigh air an Talamh a' dol suas, tha barrachd feum air ìǰ-ܾ glan. Ach tha an aon uiread de dh'uisge a' fuireach air an Talamh bhon a tha e air ath-chuairteachadh a-rithist agus a-rithist ann am pròiseas ris an canar . Tha seo a' ciallachadh gum bu chòir dhuinn ar dìcheall a dhèanamh gun sgath dheth a chaitheamh.

Image caption,
Chan eil ach 1% dhen uisge air an Talamh a ghabhas ò. An còrr 's e à na mara a th' ann, no deigh ann an ceapan deighe agus ann an eigh-shruthan.
Back to top

Carson a tha uisge air a chleachdadh?

Aig an taigh bidh sinn ga ò, a' ò𲹳 leis, gar nighe fhèin agus aodach leis agus ga chleachdadh anns an toidhleat.

Tha feum air uisge airson pàircean poblach agus airson a lìonadh. Tha ìdz󲹳󲹲an agus seirbheisean eile sa choimhearsnachd (mar an t-seirbheis-smàlaidh) a' cur feum air uisge cuideachd.

'S dòcha nach robh fios agad, ach tha feum air tòrr uisge cuideachd airson àٱ𲹳󲹲, ìdz󲹳󲹲 agus dealan. Mar eisimpleir airson:

  • uisge a chur air bàrr agus airson biadh, beathaichean agus aodach
  • cumhachd dealan-uisge, nan tonnan 's an làin a ghlacadh
  • connadh-fosail agus stèiseanan cumhachd niùclasach fhuarachadh
  • a bhith a' dèanamh agus a' dath aodach agus teacstaidhlean
  • a bhith a' dèanamh stàilinn, concrait, plastaigean, pàipear agus bathar eile

Mar sin chan e a-mhàin uisge bhon tap a bhios sinn a' cleachdadh gach latha. Tha sinn a' cleachdadh tòrr uisge nach fhaic sinn. 'S dòcha gum bi cuid dhen seo ann an dùthchannan anns nach eil mòran uisge, agus mar sin bu chòir dhuinn smaoineachadh gu math mu dheidhinn na bhios sinn a' cleachdadh agus mar a b' urrainn dhuinn a lùghdachadh.

Back to top

Uisge ann an Alba

Cò às a tha uisge òil a' tighinn?

Image caption,
Feumaidh uisge a bhith air a ghlanadh mus bi e sàbhailte ò.

Ann an Alba tha tòrr lochan ìǰ-ܾ againn, aibhnichean agus , a bharrachd air uisge adhair gu leòr a lìonas iad.

Ach mus tèid againn air ò, tha an t-uisge a' dol ann am pìoban gu ionadan-glanaidh uisge far a bheil bacteria agus salchar cronail air a ghlanadh às.

Bidh pìoban fon talamh an uair sin a' giùlan an uisge ghlan gu ar dachaighean.

Image caption,
Feumaidh uisge a bhith air a ghlanadh mus bi e sàbhailte ò.

Dè bhios a' tachairt dhan uisge shalach againn?

Image caption,
Tha ionadan-glanaidh uisge a' cur feum air tòrr dealain airson an obrachadh.

Bidh uisge salach a' dol sìos an drèan dha na pìoban òtrachais a bhios ga thoirt gu ionad-glanaidh uisge. Thèid a ghlanadh an sin agus an uair sin a thilleadh dha na h-aibhnichean agus dhan mhuir.

Tha na h-ionadan-glanaidh seo a' cleachdadh tòrr dealain, agus chan eil sin math dhan àԲeachd. Mar as lugha a chaitheas sinn de dh'uisge, 's ann as fheàrr e dhan àԲeachd agus 's e seo an rud ceart ri dhèanamh nuair a tha feadhainn eile air an t-saoghal gann de dh'uisge.

Image caption,
Tha ionadan-glanaidh uisge a' cur feum air tòrr dealain airson an obrachadh.

Mar a tha solar uisge Alba an taca ri dùthchannan eile

Image caption,
Tobar uisge ann am Malawi, Afraga. (robertharding / Alamy Stock Photo)

Ann an Alba bidh daoine a' cleachdadh mu 165 liotairean uisge san latha airson nigheadaireachd, glanadh, ò𲹳, ò agus san toidhleat.

Ach chan eil uiread de chothrom air uisge ann an cuid de dhùthchannan an t-saoghail. 'S dòcha gu bheil iad ann an àitichean a tha uabhasach tioram agus teth. Chan eil airgead gu leòr ann an iomadh dùthaich airson pìoban uisge a thogail a bheireadh uisge gu taighean dhaoine, no goireasan glanadh uisge airson a bhith cinnteach gu bheil an t-uisge glan.

Faodaidh buaidh mhòr a thoirt air beatha dhaoine. Faodaidh gum bi barrachd bacaidh air uisge fhaighinn ann an àitichean sa bheil tart. Mar sin 's dòcha nach bi an aon chothrom aig daoine air uisge sa bhad mar a tha sinne fortanach a bhith againn.

Ann an cuid de dhùthchannan nach eil cho leasaichte, feumaidh daoine na tha iad a' cleachdadh de dh'uisge a . 'S dòcha gum bi astar mòr ri choiseachd airson uisge glan fhaighinn. Glè thric feumaidh clann, nigheanan gu h-àraidh, uisge fhaighinn dhan teaghlach aca. Dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh nach eil ùine aca a dhol dhan sgoil a dh'ionnsachadh.

An smaoinich thu air an diofar eadar sin agus mar a tha sinne a' faighinn uisge?

Image caption,
Tobar uisge ann am Malawi, Afraga. (robertharding / Alamy Stock Photo)
Back to top

Ciamar a chaomhnas sinn uisge bho bhith ga chaitheamh?

Seo rudan a dh'fhaodas sinn a dhèanamh:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, , Lìon glainne no botal às an tap seach uisge botail a chleachdadh Tha barrachd uisge ga chleachdadh a' dèanamh botal plastaig na ghabhas am botal de dh'uisge. (Phanie / Alamy Stock Photo)

Back to top

Buannachdan agus dùbhlain uisge

Buannachdan

  • Tha feum air uisge airson a bhith beò. Feumaidh daoine, lusan agus beathaichean uisge glan airson a bhith beò.

  • Bidh daoine a' cleachdadh uisge airson diofar adhbharan. Bidh sinn a' cleachdadh uisge san dachaigh airson nigheadaireachd agus ò𲹳 is eile, agus tha uisge cuideachd air a chleachdadh ann an diofar ghnìomhachasan.

  • Tha an dà chuid ìǰ-ܾ mar aibhnichean agus lochan, agus à anns a' mhuir agus anns na cuantan nan àԲ do dh'iomadh seòrsa fiadh-bheatha.

  • Gabhaidh lùth cineataigeach uisge a chleachdadh airson bunan lùth ath-nuadhachail a dhèanamh. Tha damaichean dealan-uisge, lùth an làin agus lùth nan tonnan uile an urra ri uisge airson dealan a ghintinn.

ù

  • Feumar stòr nàdarra uisge fhathast a ghlanadh mus cleachd sinn e. Tha glanadh uisge salach ann an ionad-glanaidh a' cleachdadh tòrr dealain.

  • Ann an dùthchannan teth, tioram faodaidh solar uisge a bhith gann, agus mar sin chan eil gu leòr an-còmhnaidh ann do dhaoine, do thuathanachas no do ghnìomhachasan.

  • Ann an cuid de dh'àitichean chan eil cothrom aig daoine air uisge òil a tha sàbhailte. Faodaidh uisge nach eil sàbhailte tinneas agus à adhbharachadh.

  • Tha stòran nàdarra uisge gan truailleadh air sgàth obair dhaoine. Dh'fhaodadh seo a bhith air sgàth cleachdadh cheimigean no tro bhith a' cleachdadh barrachd plastaig.

Back to top

tart - Gainnead uisge a dh'fhaodas buaidh a thoirt air daoine agus air an àԲeachd. Bidh seo a' tachairt nuair nach bi uisge ann fad ùine mhòr, 's dòcha fad ràithe no nas fhaide.

raisean – A' cumail smachd air an uiread de rud a tha air a chleachdadh. Nuair a tha stòrasan gann, feumar an raiseanadh. Mar eisimpleir, rè an Dara Cogaidh, bha biadh air a raiseanadh airson gun deigheadh a riarachadh gu cothromach.

gann – Nuair a tha gainnead de rudeigin ann, mar eisimpleir biadh no uisge. Nuair nach eil gu leòr ann de stòras sònraichte dha na daoine a tha ga iarraidh no ga fheumachdainn.

Back to top

ù

Cùm leabhar-latha uisge

Dèan nòta air na tha thu a' cleachdadh de dh'uisge ann an latha agus carson.

  • Dèan nòta gach turas a chleachdas tu uisge agus carson.

  • Aig deireadh an latha, coimhead air an liosta agus faic a bheil dòighean ann air a' chaitheamh uisge agad a lùghdachadh.

Cuimhnich: Na ò nas lugha de dh'uisge airson na tha thu a' cleachdadh de dh'uisge a lùghdachadh – tha e cudromach uisge gu leòr ò!

Back to top

More on Stuthan agus stòrasan

Find out more by working through a topic