tv

'S e stuth nàdarra a tha uabhasach feumail agus seasmhach a th' ann am fiodh a bhios a' tighinn bho chraobhan.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Carson a bhios sinn a' cleachdadh fiodh

  • Carson a tha craobhan cudromach

  • ì-Ǿٱ𲹳󲹻

  • Mar a chleachdas sinn fiodh gu seasmhach

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

B' àbhaist 75% de thalamh Bhreatainn a bhith air a chòmhdach le coille gus an do leag ar sinnsirean a' mhòr-chuid dhe na craobhan. Rinn iad seo airson am fearann a ghlanadh agus airson am fiodh a chleachdadh airson togalaichean, bàtaichean agus connadh. 'S e stuth a th' ann am fiodh a tha sinn fhathast a' cleachdadh gu mòr air feadh an t-saoghail.

Back to top

Carson a bhios sinn a' cleachdadh fiodh?

'S e stuth a th' ann a tha a' fàs gu nàdarra agus nach eil a' cleachdadh sgath lùth a bharrachd airson a dhèanamh, aocoltach ri plastaig agus meatailt.

Bidh sinn a' cleachdadh fiodh airson togalaichean, àԱ𾱲, ù, à𲹰, agus airson iomadh rud eile a dhèanamh.

'S e stuth còrdte a th' ann am fiodh chionn tha e à徱 agus ùٱ. Gabhaidh a chumadh no a ghearradh ann an dòigh sam bith agus tha e ath-nuadhachail. Tha seo a' ciallachadh gum bi e a' tighinn air ais gu nàdarra – fàsaidh e a-rithist.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, , Tha fiodh à徱 gu leòr airson taighean à徱 agus togalaichean eile a thogail. (christopher jones / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Bidh craobhan a’ ù󲹻 a-steach carbon dà-ogsaid agus a' leigeil a-mach ogsaidean.

Carson a tha craobhan cudromach?

Cleas a h-uile lus, bidh craobh a' a-steach carbon dà-ogsaid agus a' leigeil a-mach ogsaidean.

Tha seo feumail chionn:

  • tha tòrr bheathaichean, agus sinne, calg dhìreach an aghaidh sin: bidh sinn a' toirt a-steach ogsaidean agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid. Tha seo a' ciallachadh gu bheil craobhan a' toirt dhuinn an ogsaidean a dh'fheumas sinn airson a bhith beò.

  • le bhith a' ù󲹻 carbon dà-ogsaid tha e a' ciallachadh gu bheil craobhan a' cur bacadh air truailleadh, a' toirt piseach air càileachd èadhair agus a' slaodachadh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

Bidh craobhan cuideachd a' toirt biadh agus fasgadh do chreutairean beò. Feumaidh sinn tòrr chraobhan mar phàirt dhen chruinneil.

Image caption,
Bidh craobhan a’ ù󲹻 a-steach carbon dà-ogsaid agus a' leigeil a-mach ogsaidean.
Back to top

Image caption,
Tha craobhan ann an Coille-uisge an Amasoin glè thric air an losgadh 's air an toirt air falbh airson talamh-àitich do chrodh. (BrazilPhotos / Alamy Stock Photo)

ì-Ǿٱ𲹳󲹻

Tha a' ciallachadh a bhith a' toirt air falbh chraobhan. Tha seo air a dhèanamh uaireannan airson talamh-àitich fhaighinn, rathaidean agus tuineachaidhean. Tha e na dhuilgheadas mòr air feadh na cruinne.

Mar eisimpleir, ann an Coille-uisge an Amasoin ann an Ameireaga a Deas, chaidh mu 13,235km² de chraobhan a leagail ann an 2021. Tha craobhan air an toirt air falbh airson àite a dhèanamh do rudan mar talamh-àitich airson crodh àrach do ghnìomhachas na feòla. Tha sin mun aon rud ri 2 mhillean raon ball-coise de chraobhan a bhith gan leagail ann am bliadhna. Chan eil sin .

Ann an Alba tha tòrr dhe na coilltean againn a-nis nas seasmhaiche. Tha sin a' ciallachadh nuair a leagas sinn craobhan gum bi sinn a' cur fheadhainn ùra a thèid nan àite airson gum fuirich na coilltean againn beò agus gun dìon sinn an fhiadh-bheatha againn agus an àrainneachd.

Image caption,
Tha craobhan ann an Coille-uisge an Amasoin glè thric air an losgadh 's air an toirt air falbh airson talamh-àitich do chrodh. (BrazilPhotos / Alamy Stock Photo)

Ciamar a chleachdas sinn fiodh gu seasmhach?

Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' dèanamh roghainnean ciallach a thaobh mar a chleachdas sinn fiodh.

Feumaidh riaghaltasan agus companaidhean pàirt a ghabhail airson diofar a dhèanamh.

Feumaidh iad:

  • craobhan ùra a chur nuair a leagas iad seann fheadhainn
  • àireamh shònraichte a chur mu choinneamh na leagas iad aig an aon àm

Tha seo gu h-àraidh fìor mu chraobhan de dh'fhiodh cruaidh (mar darach agus uinnseann) a bheir 's dòcha ceudan bhliadhnaichean mus fhàs iad air ais. An taca riutha sin, fàsaidh craobhan de dh'fhiodh bog (mar giuthas) air ais gu math luath agus tha iad mar sin nan roghainn nas seasmhaiche.

Bhon as e stuth nàdarra a th' ann am fiodh, cumaidh e suas seòrsaichean beatha eile nuair a bhios e a' gu nàdarra. Tha seo a' ciallachadh gum bi e a' briseadh sìos mar phàirt de nàdar agus gum bi e a' dol na phàirt dhen fhad 's a bhios e a' cumail taic ri fiadh-bheatha agus nithean beò eile.

Bu chòir dhuinn a' mhòr-chuid de chraobhan fhàgail san talamh. Cuidichidh seo:

  • gar dìon bho atharrachadh na gnàth-shìde
  • càileachd na h-èadhair a chumail math
  • gus àrainn a thoirt do bheathaichean agus do lusan
  • gus uisge a shùghadh às an ùir a chuidicheas a' cur bacadh air tuiltean
  • gu bhith a' toirt dhuinn chruthan-tìrean àԲ air an coimhead sinn agus a chòrdas rinn
Image caption,
'S e buidheann riaghaltais a th' ann an Coilltearachd na h-Alba agus bidh iad a' riaghladh choilltean seasmhach ann an Alba. Tha e an urra riutha na coilltean a tha againn a dhìon, coilltean ùra a chruthachadh, dèanamh cinnteach gun toir iad dhuinn fiodh seasmhach, àrainnean do dh'fhiadh-bheatha agus àrainneachd fhallainn do mhuinntir Alba. (Brownstock / Alamy Stock Photo)
Back to top

Buannachdan agus eas-bhuannachdan a bhith a' cleachdadh fiodh

Buannachdan

  • 'S e stuth à徱 agus ùٱ a th' ann airson a chleachdadh ann an togail.
  • Tha na mìltean de dhiofar dhòighean air a chleachdadh agus tha e tric air a chleachdadh ann an togail, airson àԱ𾱲, dèideagan agus cuid de dh'innealan.
  • Bidh e a' tighinn air ais gu nàdarra agus tha e ath-nuadhachail oir tha e a' fàs gu nàdarra anns an talamh. Tha sin a' ciallachadh nach eil e a' milleadh na h-àrainneachd uiread 's a tha stuthan agus stòran lùth neo-ath-nuadhachail nach fàs air ais.
  • Bidh e a' bith-lobhadh agus a' briseadh sìos gu nàdarra agus mar sin a' cur ri cearcall a' mhathachaidh agus a' cumail taic ri nithean beò eile.

Eas-bhuannachdan

Tha iomadh eas-bhuannachd ann a thaobh a bhith a' cleachdadh fiodh mar stuth chionn nuair a tha e beò mar chraobhan, tha fiodh uabhasach feumail dhuinn!

  • Bidh ì-Ǿٱ𲹳󲹻 a' toirt droch bhuaidh air eag-shiostaman nàdarra, bith-iomadachd agus a' ghnàth-shìde.
  • Le bhith a' ù󲹻 a-steach carbon dà-ogsaid, tha craobhan a' cuideachadh gu bhith a' slaodachadh atharrachadh na gnàth-shìde. Bidh iad cuideachd a' leigeil a-mach ogsaidean agus mar sin tha iad nam pàirt nàdarra dhen eag-shiostam. Le bhith a' leagail chraobhan airson an cleachdadh mar stuth, chan fhaigh sinn a' bhuannachd seo.
  • Tha iad nam pàirt àԲ de nàdar nuair a tha iad beò – ach 's e call a th' ann an leagail agus seallaidhean àԲ agus deagh chàileachd èadhair a chall agus cuideachd taic chreutairean eile mar daolagan, beathaichean agus eòin.
Back to top

seasmhach - A' dèanamh rudeigin nach dèan milleadh, no co-dhiù glè bheag, air an àrainneachd agus mairidh e airson ùine mhòr.

stuthan nàdarra - Stuthan a gheibhear ann an nàdar agus nach deach an dèanamh le daoine.

ì-Ǿٱ𲹳󲹻 - Leagail choilltean no buidhnean chraobhan airson an talamh a ghlanadh airson cleachdadh eile. Ged a ghabhas na craobhan a chleachdadh airson àԱ𾱲 agus taighean a thogail, tha an talamh glè thric air a ghlanadh airson a bhith na thalamh-àitich airson crodh a thogail, taighean a thogail no airson mèinneadh.

eag-shiostam - Sgìre chruinn-eòlach air a dèanamh suas dhen h-uile nì beò agus neo-bheò. 'S e sgìre a th' ann far am bi lusan, beathaichean agus rudan beò eile, a bharrachd air a' chruth-tìre agus an t-sìde, ag obrachadh còmhla. Faodaidh eag-shiostaman a bhith gu math mòr no gu math beag.

carbon dà-ogsaid - Gas nàdarra a tha uile-thimcheall oirnn. Tha e riatanach airson beatha air an Talamh. Mar eisimpleir, bidh beathaichean (agus daoine) a' tarraing a-steach ogsaidean agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid, ach bidh lusan an ceart aghaidh sin. Ach tha carbon dà-ogsaid cuideachd air a chruthachadh nuair a tha connadh-fosail ga losgadh. Tha seo na dhuilgheadas chionn tha cus dheth a-nis san àile. Mar ghas taigh-glainne, 's e carbon dà-ogsaid am prìomh adhbhar airson teasachadh na cruinne agus mar sin atharrachadh na gnàth-shìde.

ogsaidean – Gas nach fhaic thu, nach blais thu agus bho nach faigh thu fàileadh. Tha e uile-thimcheall oirnn agus 's e bhios a' cumail anail rinn. Feumaidh a h-uile nì beò ogsaidean airson fuireach beò.

atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh sa cheann fhada ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge msaa) air an Talamh, agus a' bhuaidh aca sin, mar eisimpleir tart agus tuiltean.

Back to top

ù

Sgrìobh litir chun a' BhP agad, am BPA no comhairlichean ionadail

Faigh a-mach dè tha iad a' dèanamh airson taic a chumail ri coilltean seasmhach agus cur chraobhan san sgìre ionadail agad.

Ma tha cothrom ann pàirt a ghabhail, 's dòcha gum faodadh tu cuideachadh. No 's dòcha gum b' urrainn dhut am BP agad, no am BPA no comhairliche a bhrosnachadh gu barrachd a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gu bheilear a' coimhead às dèidh nan coilltean ionadail no gu bheil craobhan ùra gan cur airson an sgìre ionadail agad a leasachadh.

Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn foto-cho-chur

Airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn foto-cho-chur, thoir sùil air an artaigil: Ciamar a gheibh lusan lùth agus biadh airson fàs?

Back to top

More on Stuthan agus stòrasan

Find out more by working through a topic