tv

Bha Florence Dixie ri siubhal, ri sgrìobhadh agus bha i na neach-naidheachd cogaidh. Bha i ag iomairt airson còraichean bhoireannach agus b' i a' chiad cheann-suidhe a bha air Club Ball-coise Mnathan Bhreatainn.

Faigh a-mach mun Bhean-uasal Florence Dixie

Loidhne-tìm - A' Bhean-uasal Florence Dixie
A' Bhean-uasal Florence Dixie air each

Carson a bha a' Bhean-uasal Florence Dixie cudromach?

Thug Florence Dixie taic do chòraichean bhoireannach gu math tràth sa chùis. Bha i dhen bheachd gum bu chòir na h-aon chòraichean a bhith aig fir agus mnathan ann an cùisean mar òٲ agus ò.

Chleachd i na leabhraichean aice airson a beachd a chur an cèill gum bu chòir dèiligeadh gu cothromach ri fir agus ri mnathan. Ann am fear dhe na leabhraichean a sgrìobh i ann an 1890, rinn i ro-innse gum biodh prìomh mhinistear boireann ann am Breatainn ro 1999. Agus bha i ceart!

Bha i cuideachd dhen bheachd gum bu chòir cothrom a bhith aig fir agus aig mnathan na h-aon rudan a dhèanamh, mar eisimpleir ball-coise.

A' Bhean-uasal Florence Dixie air each
Loidhne orains
Ball-coise mhnathan ann an linn Bhictòria
Image caption,
Aon dhe na sgiobaidhean a chluich ann an Crouch End air 23 Màrt 1895. 'S e Nettie Honeyball, a stèidhich Club Ball-coise Mnathan Bhreatainn, an dara tè bhon taobh chlì san t-sreath-chùil.

Tachartasan ann an eachdraidh ball-coise mhnathan

  • 7 Cèitean 1881 - Easter Road, Dùn Èideann. A' chiad ghèam de bhall-coise nam mnathan air a chluich a rèir Riaghailtean an FA. Bha sgiobaidhean a' riochdachadh Shasainn agus Alba a' cluich air beulaibh sluagh san robh mu 1,000 neach. Bhuannaich Alba 3-0.

  • 16 Cèitean 1881 - Shawfield, Glaschu. Bha an dara gèam eadar Sasainn agus Alba air beulaibh còrr is 5,000 neach. Chrìochnaich an gèam nuair a ruith an sluagh air a' phàirc agus a chuir iad an gèam às a chèile.

  • 1881 - Chaidh gèam eile ann an Glaschu a chur dheth, ach chaidh geamannan a chluich ann am Blackburn, Bradford, Manchester agus Liverpool.

  • 1894 – Thòisich Nettie Honeyball a' chiad Sgioba Ball-coise Mnathan Bhreatainn. Bha Florence Dixie na Ceann-suidhe agus bhiodh i a' cur gheamannan ball-coise mhnathan air dòigh do charthannas.

  • 23 Màrt 1895 - Crouch End, Lunnainn – Bha a' chiad ghèam de Sgioba Ball-coise Mnathan Bhreatainn air beulaibh 10,000 duine. Rinn an 'Tuath' a' chùis air an 'Deas' 7-1.

Loidhne orains

Na Bhictòrianaich agus spòrs

  • Bha na Bhictòrianaich measail air spòrs, gu h-àraidh ball-coise, criogaid, goilf agus teanas.

  • B' ann an linn Bhictòria a chaidh tòrr dhe na riaghailtean airson diofar sheòrsaichean spòrs a sgrìobhadh an toiseach, mar iomain, an spòrs Albannach. Bidh dà sgioba le camain agus ball ann an gèam iomain.

  • Thòisich tòrr dhe na tachartasan ainmeil ann an spòrs ann an linn Bhictòria – mar eisimpleir, a' chiad ghèam teanas eadar fir aig Wimbledon, a' chiad ghèam criogaid eadar-nàiseanta agus a' chiad Nuadh-gheamannan Oilimpigeach.

Spòrs air an robh na Bhictòrianaich measail

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Rèis bhaidhsagalan Bhictòrianach, Chaidh am baidhsagal a dhèanamh an toiseach ann an linn Bhictòria agus bha na Bhictòrianaich uabhasach measail air saidhcleadh agus rèisean bhaidhsagal. Am faic thu an duine air seann bhaidhsagal penny farthing san dealbh seo?

More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh

Find out more by working through a topic